 |
An t-Ollamh Uilleam MacGilI' Ìosa, Rannsaichear Urramach, Oilthigh Dhùn Èideann. Tha tòrr ùidhean
rannsachaidh aige, a' gabhail a-steach Gàidhlig nam Meadhan
Aoisean, Leabhar Deadhan Lios Mòir, agus Leabhraichean Clann
Raghnaill air a bheil e ag obair an-dràsta. Tha ùidh
aige cuideachd ann an dualchainntean na Gàidhlig agus bha
pàirt
mhòr aige ann an coileanadh agus foillseachadh an Survey
of the Gaelic Dialects of Scotland, 1994-7. Bha e na Mhanaidsear
air Dictionary of the Older Scottish Tongue eadar 1994 agus 2001,
nuair a chaidh am pròiseact a thoirt gu buil. |
 |
Dr Anthony Harvey, Neach-deasachaidh Dictionary of Medieval
Latin from Celtic Sources (DMLCS) aig Acadamaidh Rìoghail
na h-Èireann. Thòisich e ag obair le DMLCS ann
an 1985 agus ghabh e os làimh dreuchd an neach-deasachaidh
ann an 1990. Tha PhD aige ann an cànanachas agus litearrachd
Gàidhlig agus Breatannach sna tràth-Meadhan Aoisean
bho Roinn Anglo-Saxon, Lochlannach agus Ceiltis Oilthigh Chambridge,
far an do choisinn e MA. Tha farsaingeachd de theagasg agus de
dh'fhoillsicheadh aige air na cuspairean sin. Bidh e cuideachd
a' teagasg còmhradh Cuimris gu neo-fhoirmeil ann am Baile Àth-Cliath,
agus tha e na Chathraiche air Comunn Clasaigeach na h-Èireann. |
 |
Colm Ó Baoill, Ollamh Emeritus
na Ceiltis, Oilthigh Obar Dheathain. Tha ùidhean rannsachaidh
aige ann an cànan
is cultar Gàidhlig na h-Alba agus na h-Èireann,
a' gabhail a-steach bàrdachd Gàidhlig na h-Alba
eadar 1600 agus 1730, bàrdachd Gàidhlig na h-Èireann
eadar an 17mh agus an 19mh linn, làmh-sgrìobhainnean Gàidhlig na h-Alba, eadar-aghaidh Albais-Gàidhlig,
agus rannsachadh coimeasach air Gàidhlig na h-Alba agus
na h-Èireann. |
 |
An t-Ollamh Roibeard Ó Maolalaigh, Ollamh na Gàidhlig
aig Oilthigh Ghlaschu. Tha ùidhean rannsachaidh aige ann
an caochlaideachd cànanachais ann an saoghal na Gàidhlig
(rè ùine agus aig amannan sònraichte); dual-chainntean
agus cànanachas eachdraidheil na Gàidhlig, gu sònraichte
sgaradh Gàidhlig na h-Èireann agus Gàidhlig
na h-Alba, agus nochdadh Gàidhlig na h-Alba; facladaireachd
na Gàidhlig; ainmean-àite Gàidhlig; an coinneachadh
cànanachais eadar Gàidhlig agus cànanan
eile; agus gràmaran tràth Gàidhlig na h-Alba. Tha e na Stiùiriche den phròiseict Dàta Airson Stòras na Gàidhlig (DASG) ’s thathar a’ cur ri chèile corpas Fhaclair na Gàidhlig fo sgèith. |