Comataidh Stiùiridh

Tha an com-pàirteachas seo, a bhios a' toirt taic dhan a' phròiseact, a' tarraing air eòlas farsainn is eadar-dhealaichte ann an saoghal na Gàidhlig. Tha e a' gabhail a-steach

  • an t-eòlas sgoilearach aig Oilthighean Obar Dheathain, Dhùn Èideann agus Ghlaschu;
  • an t-eòlas air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig Oilthigh Shrath Chluaidh; agus
  • na ceanglaichean làidir a tha Sabhal Mòr Ostaig (SMO) air a stèidheachadh le coimhearsnachd na Gàidhlig ann an leasachadh agus togail cànain agus an t-eòlas farsainn aig SMO ann a bhith a’ cleachdadh TFC anns gach raon ionnsachaidh, an dà chuid aig a' cholaiste agus aig astar.

'S iad buill Comataidh Stiùiridh Faclair na Gàidhlig

Riochdairean nan Oilthighean

Boyd Robasdan (Neach-gairm) Boyd Robasdan (Neach-gairm), Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig OGE. Tha ùidhean rannsachaidh aig Proifeasair Robasdan ann an Gàidhlig ann am foghlam, agus ann an leasachadh agus buaidh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha ùidh aige ann an dealbhadh cànain, agus tha e cuideachd an sàs ann am faclaireachd na Gàidhlig; cho-dheasaich e faclair Gàidhlig ùr airson a dhol còmhla ris an cùrsa Teach Yourself Gaelic (2003). Tha e ag obair air co-chruinneachadh de ghnàthasan-cainnte na Gàidhlig.
Thomas Clancy (Iar-Neach-gairm) Thomas Owen Clancy (Iar-Neach-gairm), Ollamh na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu. Tha ùidhean rannsachaidh aig an Ollamh Clancy ann an leasachadh Crìosdaidheachd agus bàrdachd na tràth-Meadhan Aoisean ann an Alba; ann an sgeulachdan Gàidhlig Meadhan Aoiseach, gu h-àraidh litreachas Crìosdaidh; ann an ainmean-àite agus coisrigidhean nan naomh ann an Alba; ann an sgeulachdan Cuimris Meadhan Aoiseach; agus anns na Breatannaich bho thuath.
Susan Manning Susan Manning, Stiùiriche na Stèidheachd airson Àrd Sgrùdaidhean anns na h-Ealain agus Ollamh Grierson ann an Litreachas na Beurla aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tha ùidhean rannsachaidh aice ann an Soillseachadh na h-Alba agus ann an dàimhean litreachais eadar Alba agus na Stàitean Aonaichte. Bha i na Ceannard air Comann Eòlas na h-Alba anns an Ochdamh Linn Deug agus tha i a-nis air a' Bhòrd. An-dràsta tha i ag obair air sreath ùr Edinburgh University Press air "Litreachasan Thar a' Chuain Siar", rannsachadh cudromach air Caractar, agus leasachadh dòighean-rannsachaidh eadar-roinneil.
Moray Watson, Òraidiche na Gàidhlig, Oilthigh Obar Dheathain. An-dràsta, tha e an sàs ann an rannsachadh air nuadh-litreachas agus feallsanachdan eadar-theangachaidh. Nuair a thòisich e ann an saoghal nan oilthighean, thug e a-mach ceum Maighstireach air faclaireachd agus, aig an aon àm, sgrìobh e faclair do chloinn, Mo Chiad Fhaclair.
Mona Wilson Mona Wilson, Àrd Òraidiche ann an Gàidhlig aig Oilthigh Shrath Chluaidh.  Tha ùidh aice an ann rannsachaidhean ann an Gàidhlig agus air Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.  Cuideachd bha pàirt mhòr aice ann an stèidheachadh an cùrsa teagasg bunsgoile DICF le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig eadar Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (OGE) agus Oilthigh Shrath Chluaidh.