Cothroman Obrach

Manaidsear Pròiseict

’S e iomairt eadar-oilthigh anns a bheil oilthighean Obar Dheathain, Dhùn Èidinn, Ghlaschu, Shrath Chluaidh agus Sabhal Mòr Ostaig OGE an sàs a th’ ann am Faclair na Gàidhlig a bhios a’ cruthachadh faclair eachdraidheil airson Gàidhlig na h-Alba.  Thathar a’ sireadh iarrtasan airson post Manaidsear Pròìseict air am bi uallach leasachadh, cur an gnìomh agus ruith na h-obrach neo-acadaimigich co-cheangailte ri Faclair na Gàidhlig.  Bheir am post seo seachad cothrom cuideachadh le soirbheachadh a’ phròiseict na amasan acadaimigich.

Le foghlam gu ìre ceuma no co-ionann, bidh comas dearbhte agad ann an manaidsearachd agus rianachd agus sgilean barraichte ann an conaltradh agus taisbeanadh.  Bidh sgilean obrach ann an sgioba agad cuide ri aire mhionaideach gu mion-phuingean agus comas obair a phlanaigeadh agus prìomhachas a chur oirre.

Tha Faclair na Gàidhlig a’ cur roimhe inbhe na Gàidhlig a dhèanamh seasmhach is a thogail. Gheibhear cothroman a’ chànan ionnsachadh no ar sgilean innte a leasachadh.

Tuarastal: £32,548-£38,833.

Àit-obrach’:  Subailte.  Bidh e riatanach tadhal air ionad ruith a’ phròiseict aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach bho àm gu àm.

Ceann latha iarrtasan:  12 Dàmhair 2018.

Latha agallamhan:  Thèid agallamhan an cumail air 1 Samhain 2018.

Iarrtasan:  Cuiribh CV agus litir na chois air post-d gu lp.smo@uhi.ac.uk no sa phost gu Lorna Pike, Co-òrdanaiche a’ Phròiseict, Faclair na Gàidhlig, Fàs, Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach IV44 8RQ.

Gheibhear dealbh obrach aig a' cheangal gu h-ìosal.

http://www.smo.uhi.ac.uk/files/PDFs/Faclair_na_G%C3%A0idhlig_Project_Manager_JD_2018_Final.pdf