Am Pròiseact

'S e iomairt eadar-oilthighean a th' ann am Faclair na Gàidhlig, anns a bheil Oilthigh Obar Dheathain, Oilthigh Dhùn Èideann, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Shrath Chluaidh agus Sabhal Mòr Ostaig OGE an sàs.

'S e amas an iomairt faclair eachdraidheil Gàidhlig a chruthachadh a bhios cho math ri na faclairean tomadach eachdraidheil a th' againn ann an Albais agus ann am Beurla, mar an Dictionary of the Older Scottish Tongue, an Scottish National Dictionary agus an Oxford English Dictionary. Tha iad sin a-nis rim faotainn air an eadar-lìon agus thèid Faclair na Gàidhlig fhoillseachadh air an eadar-lìon an toiseach cuideachd.

Clàraidh am faclair cunntas iomlan air eachdraidh na Gàidhlig agus cultar nan Gàidheal, bho na teacsaichean as tràithe a th' againn ann an Gàidhlig gus an latha an-diugh, a' cur Gàidhlig na h-Alba ann an co-theacsa le Gàidhlig na h-Èireann agus le Albais. Ann a bhith a' nochdadh nan ceanglaichean a th' eadar Gàidhlig agus Albais gu h-eachdraidheil, thèid ar tuigse air ar dearbh-aithne cànain nàiseanta a leudachadh gu ìre 's gum faicear an t-àite bhunaiteach a bh' aig a' Ghàidhlig ann an eachdraidh cànanachais na h-Alba. Agus a cheart cho cudromach, nochdaidh e an dàimh eadar Gàidhlig na h-Alba agus Gàidhlig na h-Èireann.

Freagraidh am faclair air feumalachdan na Gàidhlig anns an 21mh linn, le bhith a' cruthachadh bun-stèidh ùghdarrasach airson faclairean Gàidhlig eile agus goireasan ionnsachadh cànain. Mar sin dheth, freagraidh am faclair air feumalachdan oileanach, thidsearan agus phàrantan a tha an sàs ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

'S e am Faclair am prìomh phròiseact cànain airson Gàidhlig na h-Alba, a bhios a' tabhann bun-stèidh agus brosnachadh airson iomairtean Gàidhlig san àm ri teachd.