Cur air bhog Plana-gnìomhachais an Fhaclair le Linda Fabiani, BPA, Ministear airson na h-Eòrpa, Cultair agus Chùisean Taobh a-muigh


Chaidh Plana-gnìomhachais airson Faclair na Gàidhlig a chur air bhog 3 an t-Iuchar le Linda Fabiani, BPA, am Ministear airson na h-Eòrpa, Cultair agus Chùisean Taobh a-muigh. Aig cur air bhog a’ phlana aig Sabhal Mòr Ostaig, thuirt i,

“Tha mi a’ cur fàilte air a’ Phlana Ghnìomh seo. Tha sinn feumach air pròiseactan ann an caochladh raointean sònraichte gus dèanamh cinnteach gum beartaichear a’ Ghàidhlig sna bliadhnaichean ri teachd. Feumaidh sinn an cànan a neartachadh is a bhrosnachadh agus bidh faclair eachdraidheil na thaic air leth ri linn an amais sin. Bheir e togail don t-saothair chudromaich ann an raointean eile, lethid foghlam, na h-ealain is na meadhanan.
“Dh’fhoillsich am Prìomh Mhinistear an tuilleadh taice don phròiseict air 11 An Giblean agus tha mi fhèin a’ guidhe gun soirbhich leis a’ phròiseict san àm ri teachd.”

Ann a bhith a’ cur fàilte air na bha an làthair aig a’ chruinneachadh thuirt Boyd Robasdan, à Oilthigh Srath Chluaidh a tha Neach-gairm air Comataidh Stiùiridh a’ Phròiseict,
“Bha cruthachadh Faclair na Gàidhlig na amas aig coimhearsnachd na Gàidhlig airson ùine mhòr agus ’s e pròiseact a th’ann a nì feum do dh’ inbhe na Gàidhlig agus a chuireas ri mairsinneachd a’ chànain san am ri teachd. Gheibh Gàidhlig stòras feumail cànanach is cultarach a th’aig mion-chànanan thar na Roinn Eòrpa mar-thà, agus gheibh Alba maoin a bhios a cheart cho luachmhor ri na cruinneachaidhean ealain a tha sna prìomh ghailearaidhean againn.”

Aig àm far a bheil am pròiseact bunaiteach a’ tighinn gu crìch an-dràsta, tha Plana-gnìomhachais Faclair na Gàidhlig a’ dèanamh soilleir gu bheil feum air ro-innleachd maoineachaidh làidir a ni cinnteach gun cùm an iomairt cudromach nàiseanta seo a’ dol. Thigeadh bunait làidir às a’ mhaoineachadh seo a bheir cothrom do dh’Alba inbhe a’ chànain a ghleidheadh agus taic a thoirt do dh’ àrdachadh ann an cleachdadh na Gàidhlig anns na coimhearsnachdan, sgoiltean, ionadan is buidhnean foghlam adhartach is àrd-ìre, na dachaighean is na h-ionadan-obrach againn.

Thuirt Coinneach Moireach, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig,

“ ’S e iomairt chudromach a tha seo a nì mòran airson leasachadh na Gàidhlig. Tha Bòrd na Gàidhlig air taic a chur ri Faclair na Gàidhlig airson iomadach bliadhna agus tha am pròiseact a’ cur taic ris an amas aig Plana Nàiseanta na Gàidhlig a bhith ag àrdachadh na tha ga bruidhinn air feadh Alba. Nì am pròiseact mìorbhaileach seo mòran feum dhan chànan agus tha sinn fìor thoilichte ar taic leantainneach a thairgsinn.”

Thuirt Donaidh Rothach, an Stiùiriche Leasachaidh aig Sabhal Mòr Ostaig,

“Tha Sabhal Mòr Ostaig fìor thoilichte a bhith an sàs anns a’ chom-pàirteachadh chudromach seo agus gu sònraichte toilichte a bhith a’ cur fàilte air Faclair na Gàidhlig gu a dhachaigh ùr ann an Ionad Fàs. Tha am pròiseact air leth cudromach a thaobh leasachadh cànain is cultair agus tha e a’ cur ris an stòras de phròiseactan co-cheangailte a tha a-nis stèidhichte san ionad ùr.”
Dealbh bhon taobh chlì: Boyd Robasdan, à Oilthigh Srath Chluaidh, Neach-gairm Comataidh Stiùiridh a’ Phròiseict, Linda Fabiani, BPA, am Ministear airson na h-Eòrpa, Cultair agus Chùisean Taobh a-muigh agus Lorna Pike Co-òrdanaiche a’ Phròiseict.