Airgead ¨r 2013-18

Thèid obair leasachaidh pròiseact Faclair na Gàidhlig air adhart nas luaithe ri linn taic-airgid a bharrachd de £2 mhillean bho Chomhairle Maoineachaidh na h-Alba (SFC).  Leigidh an taic seo leis phròiseict bhunaidich seo a dhol nas sgiobalta le bhith fastadh barrachd luchd-obrach gus an corpas air am bi am faclair stèidhichte a chur ri chèile agus a bhith a’ ceannach a’ bhathair-buig air a bheil feum gus taic a chur ris an obair.  Bha an t-airgead ùr air ainmeachadh aig Sabhal Mòr Ostaig 26 Iuchar 2013.

Thuirt am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond: “Tha Riaghaltas na h-Alba daingeann na thaic do na cànanan dùthchasach againn, a’ Ghàidhlig nam measg sin, agus tha e ag aithneachadh nam buannachdan cultarail ’s eaconamach àraidh a bheir iad don dùthaich sgairteil, nuadh-aimsireil seo.  Tha sinn rùnaichte obair còmhla ri caochladh bhuidhnean poblach eile gus suidheachadh tèarainte ullachadh don Ghàidhlig anns an àm ri teachd.  Bidh pàirt àraidh aig an iomairt fhaclaireachd seo san obair sin agus tha mi air leth toilichte gun deach am barrachd taic-airgid seo a lorg gus am pròiseact a ghluasad air adhart.”

Thuirt Cathraiche SFC, John McClelland: “Tha pròiseact Faclair na Gàidhlig riatanach gus a’ Ghàidhlig a chur air stèidh thèarainte san àm ri teachd agus tha e na stòras deatamach do dhaoine air feadh an t-saoghail aig a bheil ùidh ann an Gàidhlig agus Ceiltis.  Tha sinn ro thoilichte a bhith ag obair ann an co-bhann ri Sabhal Mòr Ostaig air a’ phròiseact adhartach seo gus eachdraidh iomlan na Gàidhlig a chlàradh.”

Thuirt an t-Ollamh Boyd Robasdan, Prionnsapal an t-Sabhail agus Neach-gairm Comataidh Stiùiridh Faclair na Gàidhlig: “Tha an tasgadh airgid a bharrachd seo le Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, ’s e air a mheudachadh le maoineachadh bho na Comhairlean Rannsachaidh ’s leis a’ mhaoineachadh leantainneach bho Bhòrd na Gàidhlig, na chomharra air cho cudromach ’s a tha am pròiseact bunaideach seo aig ìre nàiseanta.  Cuiridh an tabhartas luaths ann an obair ullachaidh an fhaclair a bheir, ri tìde, stòras Gàidhlig a ghabhas coimeas ri Dictionary of the Older Scottish Tongue agus Oxford English Dictionary.”

A bharrachd air an £2 millean bho SFC don phròiseact, tha Comhairle Rannsachaidh nan Ealan ’s Eòlais Dhaonna (AHRC) a’ tabhann £100,000 agus tha £50,000 a’ tighinn bho Chomhairle an Rannsachaidh Shòisealta ’s Eaconamaich (ESRC). Tha Bòrd na Gàidhlig air taic a chumail ris a’ phròiseact bho 2004 agus a’ cur £75,000 ris gach bliadhna.

*Dealbh bhon taobh chlì: An t-Ollamh Roibeard Ó Maolalaigh, Ceannard Sgoil nan Daonnachdan, Oilthigh Ghlaschu, Stiùiriche a’ phròiseict Dàtà Airson Stòras na Gàidhlig (DASG) agus Cathraiche Bòrd Comhairleachaidh Faclair na Gàidhlig;  Martin Fairbairn, Àrd-Stiùiriche Institiùdan agus Seirbhisean Corporra, Comhairle Maoineachaidh na h-Alba;  Professor Boyd Robertson, Prionnsapal, Sabhal Mòr Ostaig agus Neach-gairm Comataidh Stiùiridh Faclair na Gàidhlig;  Am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond BPA;  Paul McKelvie, Iar-Chathraiche, Comhairle Maoineachaidh na h-Alba;  agus An t-Oll. Moray Watson, Àrd-Òraidiche agus Leas-Stiùiriche don Institiùd airson Rannsachadh ann an Eòlas Èireannach is Albannach, Oilthigh Obar Dheathain.