Oifisean Ùra aig SMO

Tha oifisean ùra aig Faclair na Gàidhlig ann am Fàs, an t-ionad ùr airson nan gnìomhachasan cruthachail is cultarach, aig Sabhal Mòr Ostaig. Bheir seo cothrom math don Fhaclair obrachadh le pròiseactan co-cheangailte gach latha.

Aig fosgladh Fàs, dh’ainmich am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond BPA, airgead-pròiseict a bharrachd airson Faclair na Gàidhlig bho Riaghaltas na h-Alba. Tha e anns an dealbh còmhla ri Boyd Robasdan à Oilthigh Srath Chluaidh a tha Neach-gairm air Comataidh Stiùiridh a’ Phròiseict agus Lorna Pike Co-òrdanaiche a’ Phròiseict.