Sgioba a' Phròiseict

Tha am pròiseact a tha a' ruith an-dràsta, a tha a' faighinn taic bho Urras Leverhulme, air a stiùireadh leis an Ollamh Dòmhnall Meek agus an Ollamh Uilleam MacGilI' Ìosa. 'S e amas a' phròiseict, am bun-stèidh deasachaidh agus thùsan sgrìobhte a chruthachadh. Tha dithis luchd-obrach làn-ùine air a' phròiseact, agus aon neach-comhairle pàirt-ùine.

Marace Dareau, Neach-comhairle Deasachaidh Marace Dareau, Neach-comhairle Deasachaidh. Bha Marace na Stiùiriche Deasachaidh air Dictionary of the Older Scottish Tongue (1931-2002) agus na neach-deasachaidh air Concise Scots Dictionary (1985). Tha i an-dràsta na Prìomh Neach-Deasachaidh air Scottish Language Dictionaries Ltd. Bha i cuideachd na neach-deasachaidh air beag-fhaclair an Edinburgh Encyclopaedia of English Language and Linguistics (1994). Tha Marace na Neach-comhairle air leabhar-làimhe deasachaidh an fhaclair.
Catrìona NicAoidh, Neach-rannsachaidh Catrìona NicAoidh, Neach-rannsachaidh. Cheumnaich
Catrìona bho Shabhal Mòr Ostaig le HNC agus HND ann an Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte. Fhuair i MSc le urram bho Oilthigh Dhùn Èideann leis an tràchdas aice 'Taighean Tughaidh nan Eilean Siar', agus tha i air PhD a dhèanamh air taigheadas dùthchasach ann an Eilean Leòdhais. Tha Catrìona a' cruthachadh leabhar-làimhe theacsaichean an fhaclair.
Lorna Pike, Co-òrdanaiche a' Phròiseict Lorna Pike, Co-òrdanaiche a' Phròiseict. Tha Lorna sàr-eòlach air facladaireachd eachdraidheil agus bha i na neach-deasachaidh air Dictionary of the Older Scottish Tongue (1931-2002). B’ e a' chiad dreuchd a bh' aice ann am facladaireachd, neach-deasachaidh air an Concise Scots Dictionary (1985). Tha i cuideachd air a bhith na h-Àrd-Neach-deasachaidh pàirt-ùine air Scottish Language Dictionaries Ltd agus na h-Oifigear Rannsachaidh pàirt-ùine air Sgrùdadh Comasachd airson Institiùid Cànanan na h-Alba. Tha Lorna a' cruthachadh leabhar-làimhe deasachaidh an fhaclair.