Structar
Gus
faclairean eachdraidheil a chruthachadh, feumar deasachadh eagnaidh agus
faodaidh sin bliadhnaichean mòra a thoirt. 'S e a' chiad dùbhlan,
ciamar a ghabhas maoineachas fhaotainn airson pròiseict mòr
de leithid. Gus seo a dhèanamh, chaidh pròiseactan beaga
a chruthachadh, a bhios nam pàirtean cudromach den phròiseact
mhòr, ach gach aon dhiubh le thoradh fhèin.
Tha a' chiad cheum, a bhios ag amas air bun-stèidh a chruthachadh airson deasachadh agus tùsan sgrìobhte an fhaclair, air tòiseachadh. 'S iad tòraidhean a' chiad cheum
- Lèir-mheas air na faclairean Gàidhlig a th' againn gu ruige seo. Bidh seo na iùl do dhaoine a tha ag iarraidh fiosrachadh air na faclairean Gàidhlig a tha ri fhaighinn, agus air dè am faclair as fheàrr a fhreagras air am feumannan.
- Leabhar-làimhe a bhios ag innse poileasaidh deasachaidh an fhaclair. Bidh seo na ghoireas trèanaidh agus treòrachaidh airson facladairean a bhios ag obair air an fhaclair. Thèid a thabhann cuideachd do cho-oibrichean a bhios ag obair air pròiseactan faclaireachd eile.
- Leabhar-làimhe a bhios a' toirt cunntas air prìomh theacsaichean a rèir cho feumail 's a bhios iad dhan fhaclair. Bidh seo na ghoireas trèanaidh agus treòrachaidh airson facladairean a bhios a' tòiseachadh ann an roinn far nach eil traidisean faclaireachd eachdraidheil. Bidh e cuideachd na bhun-stèidh airson eachdraidh Gàidhlig sgrìobhte a chruthachadh.
San àm ri teachd, bidh pròiseactan ann a bhios a' gabhail a-steach stòr-dàta theacsaichean, bho am bi am faclair air a chruthachadh, agus leth-bhric didseatach de na tùsan sgrìobhte as cudromaiche, gus an tèid an cur anns an stòr-dàta.
Nuair a bhios am bun-stèidh seo deiseil, tòisichidh obair air an fhaclair fhèin. Thèid am faclair a chruthachadh air prionnsabalan eachdraidheil coltach ris an fheadhainn a chaidh a chleachdadh anns an Dictionary of the Older Scottish Tongue agus anns an Oxford English Dictionary.
- Thèid na faclan a mhìneachadh anns a' Bheurla gus cothrom a thoirt do luchd na Beurla eachdraidh na Gàidhlig a sgrùdadh.
- Thèid abairtean a thogail bho theacsaichean Gàidhlig bhon diugh 's bhon dè, gus brìgh nam facal a chur an cèill. Mar sin, bidh eachdraidh na Gàidhlig agus cultar nan Gàidheal air innse tro fhaclan nan daoine fhèin.
