Skip to main page content

Geansaidh

Air a sgrìobhadh le Susan air 30 Samhain 2025

Geansaidh

Dealbh bho Tormod Calum Dòmhnallach, Clann-nighean an Sgadain (Steòrnabhagh, Leòdhas: Acair, 1987), td. 83.

’S e geansaidh fear de na faclan air a bheil sinn ag obair an-dràsta. Mar a thuirt sinn anns a’ bhloga air siumpar, ged as e facal cumanta a th’ ann sna làithean sa, ’s e facal an ìre mhath ùr ann an eachdraidh a’ chànain: chan eil sgeul air ann am faclair Dwelly mar eisimpleir. 

Is ann bho 1950 a nochdas am pìos aodaich geansaidh ann an Corpas na Gàidhlig. ’S ann bho fhear de na teacsaichean ùra a chuireadh ris a’ Chorpas as t-samhradh 2025 a tha e. (Lorgar barrachd fios mun sin anns a’ bhlog seo le Ola Szczesnowicz). Tha an t-ùghdar a’ toirt iomradh air caractar ùr mar seo:

1950 Sìos chun na Mara 6

Is e iasgair òg a tha ann, mu chóig air fhichead. Tha geansaidh gorm air agus boineid le bil fhaileasach.

Is cinnteach gun robh am facal air bilean an t-sluaigh ro 1950 ged nach deach a chur an clò, ach, ’s ann san deichead sin a lorgar tòrr a bharrachd eisimpleirean ri linn na h-iris Gairm a nochd an toiseach ann an 1952.  

Tha an fhianais as tràithe a’ sealltainn gun robh geansaidhean air an dluth-cheangal ri seòladairean agus obair an iasgaich. Tuigidh tu carson a bhiodh geansaidhean snàth freagarrach airson obair air bàta: tha feartan na clòimhe a’ toirt blàths agus dìon on uisge len òla clòimhe. Chithear eisimpleirean eile bho Iain Latharna Caimbeul is e a’ toirt dealbh air seòladairean a chunnaic e air turas a thug e dhan h-Eileanan Fàro 

1955 Gairm 13 56

Bha bàtaichean iasgaich gu leòir anns an acairseid, 's aig na cidhean [...]. Bha móran de na fir a' giùlain bioraid no boineid na dùthcha, ceap stocainneach le stiallan dearga 's dubha, agus geansaidhean snàth de chlòimh Fhaeroach, air na dathan nàdurra, geal, dubh is donn; tha na geansaidhean sin anabarrach blàth agus briagha. 

 

Tha e gu math cumanta gun chleachdar geansaidh eadar 1950 gu 1970 ann an co-theagsa an iasgaich ach cuideachd ann an eiseimpleirean le seòladairean eile leithid a’ Chabhlaich Mharsanta:

1974 Gairm 88 331

Geansaidh dubh-ghorm a chuir fear de na gillean thuige as a’ Chabhlachd Mharsanta.

Chan ann a-mhàin aig na seòladairean a bhiodh geansaidhean, chosgadh clann-nighean an sgadain iad cuideachd. Seo na h-aodaich a bhiodh orra a rèir cunntais anns an leabhar le Tormod Calum Dòmhnall mu eachdraidh clann-nighean an sgadain:

1987 Clann-nighean an Sgadain 96

Bha sinn cuideachd ri faighinn aparan oilisgin bhuaithe, 's a' chutag, ach bha sinn fhìn ri ceannach bòtannan. Bhiodh beannag oirnn, air a ceangal air cùl ar cinn [...] Bhiodh overalls oirnn, sgiort, is geansaidh snàth. 

Chithear an t-èideadh sin anns an dealbh shuas. Chithear cuideachd na bioran nan làimh oir, gu dearbha, b’ e boireannaich na sgìre a dhèanadh nan geansaidhean. Is e tradaisean fighe a tha seo a lean air an eachdraidh de chalanas air an do sgrìobh Tòmas MacAilpein ann am blog eile. Gheibhear eisimpleir eile mu chlann-nighean an iasgaich anns an eachdraidh a sgrìobh Seumas MacThòmais air eachdraidh an iasgaich an Leòdhas: 

1953 Gairm 3 17

B’aighearach air cabhsair iad a’ feitheamh gus an ruigeadh na bàtaichean fo làn aodach an laimrig gach madainn. […] Bhiodh mire-chatha air bioran a’ figheadh stocainean dearga is gorma, agus geansaidhean bòidheach putanach.

 Feumaidh gun robh na pàtranan no a’ chlòimh uaireannan diofraichte gu leòr gun aithnicheadh daoine iad. Anns an òran Maraichean Phabail, thug  Coinneach ‘Red’ MacLeòid cunntas air sgioba iasgaich à Pabail a chaidh air chall aig na lìn-mhóra, is a chuireadh air tìr iad aig fearann nan Loch. Ged as ann, ’s dòcha, ri feall-dhà a bha e, tha e ag ràdh gun robh an sgioba air am fàilteachadh air sgàth gun deach ‘an geansaidh bhobannan’ aithneachadh:

1998 Orain Red 37. 

Nuair chunnaic Mac-nan-Loch i ris an fhearann ’s i gun seòl oirr’, 

Bha dùil aig’ gur iad foreigners a thàinig às an Olaind,

Mur a biodh an geansaidh bhobannan a bh' air mo charaid Dòmhnall 

Cha robh iad air ar fàilteachadh ’san àit an robh sinn eòlach.