Skip to main page content

Ceapaire

Air a sgrìobhadh le Steven air 5 Faoilleach 2026

Ceapaire

Bonnach-eòrna, nòs na h-Arcaibh, le pìos geàrrte airson ceapaire.

Tha fianais à Corpas na Gàidhlig airson ceapaire a’ dol air ais còrr is 300 bliadhna. Tràth san 18mh linn, rinn Iain Lom (Iain MacDhòmhnaill, mu 1624–mu1707) fanaid air Brian, bàrd Asainte mar “seann bhus liath nan ceapairean” le beul “rapasach” coltach ri “slait de’n chealtair chloth” (Orain Iain Luim (1964), td. 336).

 

B’ e ceapaire pìos de dh’aran-coirce no eòrna le còmhdach ime, air neo le ìm agus càise. Nuair a rinn Iain Lom tàir air a’ bhàrd ud, bha e ag ràdh gun robh a bheul cho salach ris a’ chlò a bhite a’ bogadh ann am fual ron obair-luadhaidh! 

 

Tha freumhan an fhacail ceapaire a’ buntainn ri ceap a tha air chumadh pluic no mar sgonn de rudeigin. Faodar smaoineachadh a-rèiste air pìos arain air a liacradh le ìm a bha, as dòcha, tiugh seach tana no mìn. Bha Roy Wentworth air an aon bheachd:

 

1996 Faclan is Abairtean à Ros an Iar 92

Piece of loaf or oat-cake with butter (and cheese) on it, ceapaire, m, pl ceapairean. Seems to have the sense that the piece of bread is cut thickly.

 

A-rithist, faodar tomhas nach e biadh fìnealta a bh’ ann, gu h-àraidh mas e ceapaire òrdaig a bhathar ag ithe. B’ e ceapaire òrdaig caob de dh’aran eòrna no coirce:

 

1901 Mac-Talla X No. 6. 42

Agus an t-ìm air a chur air leis an òrdaig.

 

Tha eisimpleirean eile a’ dol leis a’ bheachd gum b’ e sgonn mòr arain a bhiodh ann an ceapaire agus gun robh ìm air, no ìm agus càise.

 

Mar a mhìnich fiosraiche à Geàrraidh nam Monadh, Uibhist a Deas:

 

a1988 DASG Fieldwork Archive

Ceapaire, a large portion of scone given with butter and crowdie.

 

Air Ghalltachd, bha aithne air an fhacal ceapaire anns an riochd caper, agus lorgar iomraidhean air caper, capper, capour, kaper agus kaeper ann an Dictionary of the Scots Language mar “piece of oat-cake [or bread] and butter, with a slice of cheese on it”, agus san leabhar còcaireachd a leanas:

 

1929 The Scots Kitchen 174

Caper. A piece of oatcake and butter with a slice of cheese on it. Gael. ceapaire.

 

Air Ghàidhealtachd bha ìm ga mheas na thròcair bhlasta, uimhir ’s gum bite a’ tabhann ceapairean le ìm mar dhuais do chlann no aig fèill shònraichte. 

 

Gheibhear iomradh ann am Bàrdachd Ghàidhlig (1918), td. 382, air Ceapair taobhaidh à Meadhrath, Dùthaich MhicAoidh. Bha e air a liacradh le ìm ’s ga thoirt seachad airson gaol fireannaich no boireannaich a rèiteachadh.

 

B’ e fear eile dhiubh an Ceapair Tàlach air am faighear iomradh ann an Easter Ross Gaelic (2022), td. 142, no an Ceapaire Tàlaich a th’ air a mhìneachadh mar a leanas:

 

2007 Saoghal Bana-mharaiche 177

Ceapaire ‘Tàlaich’ […] Caob de dh’aran fo a shàth de dh’ìm a bheireadh i [sc. boireannach de Chlann nan Sginnearach] na dhìoladh do phàiste sam bith a rachadh air ceann-gnothaich di. 

 

Abair duais shòghail do phàiste sam bith, ach mur fòghnadh ìm a-mhàin dhaibh, dh’fhaodadh iad Ceapaire Sàileach à Cinn t-Sàile iarraidh airson càise fhaighinn, a bharrachd air an ìm.

 

a1927 Meek Campbell Proverbs (1978) 40

Ceapaire Sàileach – aran tiugh, ìm nas tiugha agus càise nas tiugha na sin.

 

Lorgar grunn iomraidhean air Ceapaire Sàileach, agus iad uile ag aontachadh gur ann à Cinn t-Sàile a bha e. Chan eil iad aontach ge-tà air dè dìreach a bh’ ann. Tha na mìneachaidhean measgaichte. 

 

Ma bhathar ag iarraidh aran is ìm is càise, theagamh gun rachadh do chur às do ghabhail nam faigheadh tu Ceapaire Sàileach dhen t-seòrsa a leanas:

 

2007 Saoghal Bana-mharaiche 177

Gnè bidhe à Cinn t-Sàile sam biodh a cheart uiread de dh’ìm is de chàise, ach gun aran sam bith ann.

 

Tha Gaelic Words from South Uist (1958), td. 66, a’ mìneachadh ceapaire saileach mar ‘cheapaire òrdaig’, agus dh’innis fiosraiche Faclan bhon t-Sluagh à Siorrachd Rois (1970) gum b’ e aon sliseag càise a bh’ ann air a liacradh le ìm.  

 

Bha fiosraiche eile à Crabhlastadh, Leòdhas a’ toirt an ainm ceapaire-tàilleach air biadh sa bheil ìm eadar dà shliseag càise, gun aran sam bith. Theagamh gur e ceapaire-Tàileach a tha seo, a’ luaidh mar an ceudna (gun fhiosta) air ceapaire à Cinn t-Sàile.

 

Tha e coltach gum faodadh annlan eile seach dìreach ìm ’s càise a dhol air uachdar ceapaire, mar a chithear san earrainn seo de bhàrdachd a tha a’ dèanamh tuairisgeul de bhòrd-bìdh aig àm na Callainne:

 

1873 An Gaidheal II 293

Biodh annlann gu taiceil | Air ceapairean dùmhail.

 

Agus chithear iomradh mu dheidhinn ceapaire Glasach air an robh cuimhne aig fiosraiche às a’ Mhormhaich, Ros an Iar ann an 1970. B’ e an ceapaire Glasach gnè ceapaire a bhuineadh do Shrath Ghlais — aran-eòrna le buntàta pronn air.

 

Bhon 20mh linn, chithear atharraichean seimeantach a’ tighinn air an fhacal agus ceapaire ga bhuileachadh air na sandwichearan as fheàrr a dh’aithnichear an-diugh. 

 

Le barrachd caochlaidh air ciall an fhacail — chan fheumadh ceapairean a bhith tiugh — dh’fhaodadh iad a bhith tana, aotrom mar bhiadh do dh’euslaintich: 

 

1939 Ban-altrumachd aig an Tigh 33

BIADH AOTROM […] Ceapairean tana arain is ime.

 

’S dòcha gun robh feadhainn de mhuinntir na Gàidhealtachd a’ cur aithne fhathast air na ceapairean ‘ùr-nòsach’ anns na 1960an mar a chithear san iomradh a leanas sa bheil sandwichearan fhathast mar annas don sgrìobhadair:

 

1965 Gairm 52 324

Mir, Ceapaire, Pios neo ‘Sandwich’ […] ’S ann a tha iadsan [sc. òigridh an-diugh] ag iarraidh ‘sandwiches’.

 

Bhon uair sin ge-tà, tha iomraidhean a’ chorpais a' cur nan seann cheapairean coirce is eòrna an dàrna taobh agus ceapaire a-nis ga thoirt air an t-seòrsa sandwichearan a tha nas bitheanta an-diugh.

 

1985 Gairm 133 70

Bha aca ri dhol gu seòmar a’ bhìdh agus cofaidh agus teatha, briosgaidean agus ceapairean a thoirt gu na h-oifigich a bha air an drochaid. 

 

Theirinn-sa gur h-e deagh-eisimpleir a th’ anns an inntreadh ceapaire de dh’atharrachadh seimeantach an lùib caochladh ann an cultar so-bheantainn (material culture) an t-sluaigh. Mar a thàinig cruithneachd a-steach bho thaobh a-muigh na Gàidhealtachd agus mar a thionndaidh na daoine gu fuine le àmhainn seach greideal, ’s ann a thugadh ceapaire air na gnèithean ùra de mhìrean no pìosan-arain a ghabh àite nam bonnach coirce is eòrna air bùird-bhìdh dachaighean na Gàidhealtachd.