Faclan bhon t-Sluagh ann am Faclair na Gàidhlig
Air a sgrìobhadh le Ola air 30 Faoilleach 2026
Mar a tha an duilleag-dhachaigh againn ag ràdh, tha inntridhean ann am Faclair na Gàidhlig a’ tarraing fianais bho Chorpas na Gàidhlig, corpas anns a bheil 30 millean facal bho theacsaichean Gàidhlig a chaidh a chur ann an cruth didseatach le DASG (Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig) ann an Oilthigh Ghlaschu.
Ach tha tùs eile a chaidh a chur ann an cruth didseatach le DASG a tha sinn a’ cleachdadh gus fianais a lorg — Faclan bhon t-Sluagh.
Seo cruinneachadh a chaidh a thrusadh bhon t-sluagh bho na 1960an chun nan 1980an mar phàirt de phròiseact Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig.
Tha làrach-lìn DASG a’ mìneachadh:
“Anns a’ chruinneachadh, tha faisg air 700 sgrìobhainn a’ gabhail a-steach mu 50,000 ceann-fhacal a chaidh a thional bho luchd-labhairt na Gàidhlig air tìr-mòr agus eileanan na h-Alba cho math ri Alba Nuadh. Nam measg sin tha 24 seòrsa cheisteachan air cuspairean sònraichte, agus tha farsaingeachd de liostaichean-fhacal ann a tha a’ toirt iomradh air raointean leicseachail a tha a’ buntainn ri saoghal dualchasach na Gàidhlig. Tha dealbhan eireachdail a chaidh a dhèanamh le làimh, leithid ‘Leabhar Deilbh’ Mhurchaidh MhicLeòid, nam measg sin.”
Tha an stuth sònraichte seo ri fhaighinn air làrach-lìn DASG. Bidh luchd-deasachaidh an Fhaclair ga rannsachadh is sinne a’ cruinneachadh fianais airson nan inntridhean air a bheil sinn ag obair.
Faiceamaid beagan inntridhean far a bheil fianais Fhaclan bhon t-Sluagh ri faicinn.
ialtag, dealtag, ealtag, dialtag
Tha làrach-lìn DASG a’ rabhadh gum ‘[b]u chòir beachd a ghabhail air gu bheil mòran caochlaideachd ann an litreachadh nam facal ann am Faclan bhon t-Sluagh’. Tha sin a’ ciallachadh gur urrainn dhuinn cruthan eadar-dhealaichte a ghlèidheadh ann am Faclair na Gàidhlig:
1967 DASG Fieldwork Archive North Argyll Dioltag.
1967 DASG Fieldwork Archive North Argyll Ioltag.
1968 DASG Fieldwork Archive Bowmore, Islay Ealtag.
1970 DASG Fieldwork Archive Elgol, Skye Dealtag-anmoch.
A bharrachd air sin, fhuair sinn dà eisimpleir far a bheil ialtag air a chleachdadh le facal eile:
le anmoch
1975 DASG Fieldwork Archive Elgol, Skye
Dealtag-anmoch […] bat.
le oidhche
1975 DASG Fieldwork Archive Killin, Perthshire
Ialtag-oidhch’ bat (animal).
’S e eisimpleir bho Fhaclan bhon t-Sluagh a th’ann an aon de na trì eisimpleirean far a bheil cathag fillte ri dearg no dearg-chasach agus a’ ciallachadh ‘chough’:
1988 DASG Fieldwork Archive South Uist
Cathag dhearg chasach. Chough.
Anns an inntreadh seo, tha dà fhacal fhillte nach eil rim faighinn ann an Corpas na Gàidhlig idir:
breabadair-ladhrach
1970 DASG Fieldwork Archive Raasay
Breabadair-ladhrach […] daddy-long-legs. (Applecross)
casan-ladhrach
1966 DASG Fieldwork Archive Uig, Lewis
Casan-ladhrach soft white pads on the hooves of a calf. These were peeled off and roasted on a red cinder.
1972 DASG Fieldwork Archive Swainbost, Ness, Lewis
Cas-ladhrach […] covering on the hooves of a calf when born. At one time they were taken off, boiled and eaten.
Bhon taghadh bheag seo tha e follaiseach dè cho cudromach agus feumail ’s a tha tùsan taobh a-muigh Chorpas na Gàidhlig fhèin. Air an adhbhar sin, tha sinn air leth toilichte gun robh cothrom againn air obair còmhla ri Tobar an Dualchais air a’ phròiseact air a bheil Beartas a Bharrachd. Ach bruidhnidh mi air sin an ath thuras.