Rob Alasdair MacFhraing (1915–2001): Neach-matamataig agus Sgoilear Gàidhlig
Air a sgrìobhadh le Tòmas air 03/03/2026
Comhachag-dhonn, an dealbh le Barry Forbes;
Rob A. MacFhraing (Robert A. Rankin), tùs na deilbh an seo.
Tha mi air a bhith a’ dèanamh tòrr cnuasachaidh air ainmean-àite agus mar a thèid an cleachdadh ann am faclaireachd eachdraidheil. An lùib na h-obrach sin, leugh mi ‘Place-Names in the Comhachag and Other Similar Poems’ (1998) ann an Scottish Gaelic Studies. Bha e feumail dha-rìribh, agus airson nan ainmean-àite a bha fo mo phrosbaig, dhearbh mi an fhianais ann an tùsan eile leithid mhapaichean is seann chunntasan seilbh. Tha an t-alt seo a-nis luaidhte ann an aon inntreadh san Fhaclair, agus bidh e na dheagh ghoireas do dheasaichean san àm ri teachd.
Bha ceist orm cò an t-ùghdar a bha air cùl na h-obrach seo. Cha robh mi ag aithneachadh ainm, ged a bha e stèidhichte aig Oilthigh Ghlaschu far a bheil mi fhìn. Chaidh mi sìos toll rannsachaidh, ma-thà, agus seo beagan dhe na fhuair mi a-mach.
’S e duine air leth inntinneach a bha ann an Robert Alexander Rankin (1915–2001), no Rob Alasdair MacFhraing, mar a thug e air fhèin. B’ e Ollamh Matamataig a bha ann, agus os cionn Roinn a’ Mhatamataig, ann an Oilthigh Ghlaschu eadar 1954 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1982. Chaidh a ràdh mu dheidhinn gun robh e na ‘eminent Scottish number theorist and, for several decades, one of the world’s foremost experts in modular forms’.[1] Chun an latha an-diugh, thèid òraid bhliadhnail a thoirt seachad mar chuimhne air fhèin agus air a cho-obraiche, an t-Oll. Ian Sneddon.
Bha e cuideachd gu mòr an sàs ann an saoghal na Gàidhlig. Ged a rugadh e ann an teaghlach Gallta ann an Garlieston, Gall-Ghàidhealaibh, ghabh e ùidh anns a’ chànan na òige agus ri ùine dh’ionnsaich e i. Mar dheugaire chuir e seachad ùine ag obair ann am bùth ann am Barraigh airson a chomas labhairt a leasachadh.[2] Agus, nuair a bha e ann an Colaiste Fettes, ann an Dùn Èideann, bha e am measg ‘a group of four or five boys in our house with some interest in Gaelic matters’.[3] Dhiubh sin, bha fear a bhiodh fìor chliùiteach mar bhàrd Gàidhlig; Deòrsa mac Iain Deòrsa (George Campbell Hay, 1915–1984).
Dh’fhàs an dithis gu math dlùth ri chèile. Gu dearbh, thuirt e ann am pàipear laghach a thug e seachad a’ cuimhneachadh air Mac Iain Deòrsa, gum b’ esan a charaid a b’ fheàrr. Bha grunn sgeulachdan beaga tarraingeach aige mu an làithean sgoile còmhla. Mar eisimpleir, bha liut sònraichte aig Deòrsa air cànanan a thogail agus chòrdadh e ri MacFhraing a chur gu deuchainn. Dh’fhosgladh e faclair Greugais Hòmairich air thuaiream feuch an rachadh aig a’ charaid air facal àraid a mhìneachadh. Dhèanadh e an aon rud le faclair Gàidhlig MhicEachainn (1842). ‘I was never able to catch him out’.[4]
Bhrosnaich an Caimbeulach an gaol a bh’ aig MacFhraing air cànan is cultar nan Gàidheal, agus b’ esan a dh’innis dha an toiseach mu chuspair a bhiodh gu sònraichte cudromach dha:
It was he who first introduced me to the long Gaelic poem Òran na Comhachaig, with the result that most of our walking holidays were to Lochaber, with the object of identifying or climbing the various hills mentioned in the poem. On one such occasion, after a gruelling walk over rough country from Loch Ossian to Loch Laggan we reached the road and were anxious to get a lift to somewhere where we could camp for the night. Eventually a small bus of elderly ladies drew in to the side of the road. They had persuaded the driver to stop, because they were intrigued by George’s feile mór. He was wearing a large Campbell rug, which he had laid out in folds and strapped round his waist, leaving the top end as a cape. On these walking tours he was the leading spirit, and they always had some literary or historical objective.[5]
’S e a tha math sealladh cho eadar-dhealaichte fhaighinn air fear de shàr-bhàird an 20mh linn!
Bhiodh e cothromach a ràdh gun do dh’fhàs MacFhraing fo gheasaibh aig Òran na Comhachaig. Bha e air a bheò-ghlacadh leis fad a bheatha. Tha sinn dhen bheachd gun do rinn Dòmhnall mac Fhionnlaigh nan Dàn an dàn fada seo mu dheireadh an 16mh linn ann an Loch Abar. Agus, tha e air a mheas mar sheud ann an litreachas na Gàidhlig. Seo tuairisgeul drùidhteach a bha aig Iain MacAonghuis mu dheidhinn:
To use Auden’s terms, it is full of Sacred Events; and because that ultimate reach of the imagination has been attained, it is simultaneously mundane, vibrant, unmystical, and limitless. The observation in it is a kind of obsessive regard, which at times finds expression in a curious understatement: what emerges has a powerful, disturbing eloquence.[6]
Ann am beachd MhicFhraing, b’ e ‘one of the most remarkable poems in the Gaelic, or any other language’.[7] Agus, seo geàrr-chunntas air a’ bhàrd a sgrìobh MacFhraing ann an The Companion to Gaelic Scotland:
Dòmhnall Mac Fhionnlaigh nan Dàn (fl. c.1585) Of Loch Tréig in Lochaber. The author of the long valedictory and topographical poem ‘Oran na Comhachaig’. The poem, which survives in various manuscript, printed and oral versions (Rankin 1958, 122), is clearly a conflation of several poems on different subjects. The five main themes are a dialogue with an owl, praise of hunting, praise of Keppoch chiefs, farewell to well loved places and old age.[8]
Dh’fhoillsich MacFhraing dà phàipear susbainteach air an dàn: 1) ‘Oran na Comhachaig: Text and Tradition’ (1958), ann an Transactions of the Gaelic Society of Glasgow; agus 2) ‘Place-Names in the Comhachag and Other Similar Poems’ (1998), ann an Scottish Gaelic Studies.
Anns a’ chiad fhear rinn e sgoilearachd thùsaireach ann a bhith a’ dèanamh coimeas eadar grunn diofar dhreachan de dh’Òran na Comhachaig a nochd ann an làmh-sgrìobhainnean agus ann an clò. ’S e suidheachadh anabarrach toinnte a tha ann le rannan eadar-dhealaichte ann an cuid de dhreachan, agus rannan a’ nochdadh ann an diofar òrduighean. Rud a tha gu sònraichte luachmhor, ’s e gun do rinn e cuideachd obair-làraich ann an Loch Abar is e air saor-làithean ann an 1936, 1937, 1938, 1939 agus 1947.[9] B’ ann anns a’ bhliadhna mu dheireadh a choinnich e mu dheireadh thall ri fear a bha comasach air an dàn shlàn aithris:
I was not able to take up my enquiries again until July 1947, when I again visited Lochaber and was privileged to meet Mr. Duncan MacDonald of 20 High Bridge, Spean Bridge, and hear him recite.
Sixty-six of the 67 verses of the Eigg version were known to him, but none of the additional verses given by Macpherson in An Duanaire. The first fourteen verses he recited without a break, but he had to be given a lead before he proceeded to the next verse. This is of interest, since it is at the fifteenth verse that the metre changes from Rannaigheacht bheag mhór to Rannaigheacht dialtach mhór. For altogether 33 verses some lead had to be given; in most cases the subject matter had merely to be indicated and the verses were spoken at once.
Mr. MacDonald said that he had learnt the poem from his father, who had a great deal of local information, and who had supplied the Ordnance Survey with hill and place names. It is very remarkable that this long poem, or collection of poems, should have been handed down orally through three and a half centuries.[10]
Tha an dàrna pàipear a’ leudachadh gu mòr air earrann air ainmean-àite a bha aige anns an òraid a chaidh fhoillseachadh ann an 1958. ’S e a dh’fhàg Òran na Comhachaig cho inntinneach a thaobh ainmean-àite gu bheil na h-uiread dhiubh ann: thug e mar thuairmse gun robh 60 àite eadar-dhealaichte a’ togail ceann, ged nach biodh a h-uile eisimpleir ri lorg air mapa.[11] Ann am ‘Place-Names in the Comhachag’, a-rithist, chleachd e fianais bho bheul an t-sluaigh ri taobh fianais ann an iomadach tùs eile. Bha sianar fhiosraichean aige ann an Loch Abar, Donnchadh MacDòmhnaill nam measg, dhan do dh’fhaighnich e càite gu dìreach an robh na h-ainmean-àite agus ciamar a chaidh am fuaimneachadh. Tha sinn fada an comain dha airson seo fhaighinn a-mach agus a chlàradh.
Bho shealladh faclaireachd eachdraidheil tha ùidh againn gu sònraichte ann an eileamaidean ann an ainmean-àite aig a bheil ciall àraid no eileamaidean a tha rin lorg ann an ainmean-àite nas tràithe na ann an tùsan eile. Ann an Òran na Comhachaig, tha deagh eisimpleir air sin ann am fearsaid, san ainm-àite An Fhearsaid, aig a bheil ciall àraid – ‘oitir-ghainmhich, bruach gainmhich no grinneil’. Am measg eisimpleirean eile a dh’fhaodadh a bhith feumail, tha dèabhadh (‘àite traoghaidh’ ) ann an An Dèabhadh, eileirig (‘ribe fhiadh’) ann an An Eileirig Chaol, agus ’s dòcha am buadhair guanach/uanach ann an Creag (Gh)uanach, ged a tha deasbad ann mu chiall na h-eileamaid sin.
An-diugh, tha sàr eagran sgoilearach againn de dh’Òran na Comhachaig a dheasaich Pat Menzies agus a chaidh fhoillseachadh ann an 2012. Tha sin a’ togail air an rannsachadh a rinn MacFhraing is sgoilearan eile, agus tha e cuideachd a’ ceasnachadh cuid de na co-dhùnaidhean chun an tàinig iad. ’S e am beachd a bha aig MacFhraing – agus aig Uilleam MacBhàtair, ged nach robh e cinnteach às[12] – gur e a tha againn ann an Òran na Comhachaig cothlamadh de chòrr is dàn. Tha Menzies, air an làimh eile, ag argamaid a dh’aindeoin nan diofar dhreachan, nan cuspairean eugsamhail agus meadarrachd a tha ag atharrachadh, ‘that the poem is not a coalescence of fragments but had a unitary origin from which these texts derived’.[13] Saoilidh mi gum biodh MacFhraing air a dhòigh nan gabhadh seo a dhearbhadh. Na chuid altan, gu sònraichte a thaobh ainmean-àite, gheibhear fhathast tòrr fiosrachaidh nach eil ri fhaighinn ann an àitichean eile.
B’ e Ollamh Matamataig dripeil, soirbheachail a bha ann am MacFhraing. Cha robh cus ùine aige a bhith a’ rannsachadh ’s a’ foillseachadh taobh a-muigh fòcas na dreuchd aige. Tha co-dhiù aon eisimpleir annasach againn, ge-tà, anns a bheil matamataig agus a’ Ghàidhlig a’ tighinn còmhla. B’ e siud alt a dh’fhoillsich e ann an 1948: ‘Àireamh Muinntir Fhinn is Dhubhain’.[14] B’ ann mu dheidhinn Tòimhseachan Iosephuis a bha seo. A rèir seo, tha àireamh mhòr de dhaoine ann an cearcall a thèid a chur gu bàs. Thèid am marbhadh ann an òrdugh, can gach treas duine, agus mar sin air adhart. Ach, thèid an duine no na daoine mu dheireadh a shaoradh. An urrainnear obrachadh a-mach a rèir an àite-thoisich is an òrduigh cò thèid a shàbhaladh?
Anns an alt, bhruidhinn MacFhraing mu eisimpleir Gàidhealach dhen sgeulachd anns a bheil an Fhèinn. Ann an cuid de dhreachan dheth, tha muinntir Fhinn agus muinntir Dhubhain ann am bàta agus rachadh gach naoidheamh duine a bhàthadh. Ach, sheas an Fhèinn anns na h-àitichean ceart airson sin a sheachnadh, agus mhair iad beò. Tha MacFhraing an uair sin a’ cruthachadh algairim airson àireamh an fhir mu dheireadh obrachadh a-mach às dèidh gach m-mh fear a bhith air a mharbhadh. Lean mi toiseach a’ phàipeir le ùidh mhòr, ach bha am matamataig fada thar mo chomais! Tha e a’ coimhead mar seo:

Chan aithne dhomh teacsa eile dhen t-seòrsa seo a tha a’ làimhseachadh matamataig aig àrd-ìre ann an Gàidhlig a-mhàin. Gu dearbh, bha e na dhùbhlan mòr do dheasaiche na h-irise san do nochd an t-alt luchd-sgrùdaidh a lorg aig an robh an dà chuid sàr thuigse air matamataig agus air Gàidhlig. Mar a tha an sgeulachd a’ dol, bha fear air an liosta aca, Robert Rankin, a bhiodh deònach Gàidhlig agus Gàidhlig na h-Èireann a leughadh. Chaidh am pàipear a chur thuige gun fhios aig an deasaiche gum b’ e an aon duine a bha annsan agus MacFhraing![15]
Mar chuideigin a tha ag obair air faclair, tha mi air mo tharraing gu teacsaichean mar seo air cuspairean annasach feuch a bheil briathrachas ùr a’ togail ceann. Ann an da-rìribh, tha Gàidhlig MhicFhraing gu math nàdarra so-thuigseach, ged a tha ‘slànuimhir’ agus ‘àireamh shlànuimhireach’ a’ seasamh a-mach mar fhaclan teicnigeach.
Bha Rob A. MacFhraing na Cheann-suidhe Urramach air Comann Gàidhlig Ghlaschu bho 1957 gus an do shiubhail e ann an 2001. Bidh daoine a-muigh an siud aig am bi cuimhne is seanchas air. Chòrdadh e rium gu mòr barrachd a chluinntinn mu dheidhinn bho Ghàidheil. Nach cuir sibh brath thugainn?
San dùnadh, bhiodh MacFhraing agus a theaghlach a’ fuireach ann an 10 Ceàrnag an Oilthighe agus, am measg nan cur-seachadan aige, bhiodh e a’ togail rudan san t-seòmar-shuidhe. Ghabh na h-oileanaich aige iongnadh ciamar a bheireadh e canù mòr a thog e a-mach às an taigh. Ach, thog e fiù ’s geòla-bheag ann an dòigh air choireigin san aon seòmar. Rachadh e cuairtean leatha a Loch Laomainn.
Agus an t-ainm a bha oirre? A’ Chomhachag![16]
[1] Bruce C. Berndt, Winfried Kohnen, agus Ken Ono, ‘The Life and Work of R.A. Rankin (1915–2001), The Ramanujan Journal 7 (2003), 9. Tha eachdraidh-beatha eile ann de MhacFhraing le J.J. O’Conner agus E.F. Robertson (2003), air làrach-lìn MacTutor, Oilthigh Chill Rìmhinn an seo.
[2] Ibid., 9–10.
[3] Robert A. Rankin, ‘George Campbell Hay as I Knew Him’, Chapman 40 (1985) 2.
[4] Ibid. ‘Maceachan’s dictionary is rather a curious one, full of odd words like cutag, meaning “a dumpy little creature”’! Chan eil siud ceàrr, ach ’s e am mìneachadh gu mionaideach: ‘any short thing, as a girl or spoon’. Eobhan Mac Eachainn, Faclair Gailig us Beurla (Peirt: R. Morison, 1842), td. 119.
[5] Rankin, ‘George Campbell’, 4.
[6] John MacInnes, ‘The Gaelic Literary Tradition [1976]’, ann am Michael Newton, deas., Dùthchas nan Gàidheal: Selected Essays of John MacInnes (Dùn Èideann: Birlinn, 2006), td. 177.
[7] Robert A. Rankin, ‘Oran na Comhachaig: Text and Tradition’, Transactions of the Gaelic Society of Glasgow V (1958), 137.
[8] Robert A. Rankin, ‘Dòmhnall Mac Fhionnlaigh nan Dàn’, ann an Derick S. Thomson, deas., The Companion to Gaelic Scotland (Glaschu: Gairm, 1994 [1983]), td. 64.
[9] Robert A. Rankin, ‘Place-Names in the Comhachag and Other Similar Poems’, Scottish Gaelic Studies 18 (An t-Earrach 1998), 111.
[10] Rankin, ‘Oran na Comhachaig’, 126–127.
[11] Ibid., 135.
[12] William J. Watson, Bàrdachd Ghàidhlig (Sruighlea:, A. Learmonth & Son, 1959 [1918]), td. 335. ‘It is not improbable that we have here really two poems, which have got fused in transmission, but it would be difficult to disentangle them satisfactorily.’
[13] Pat Menzies, deas., Òran na Comhachaig le Dòmhnall mac Fhionnlaigh nan Dàn (Llandysul: Scottish Gaelic Texts Society, 2012), td. ix.
[14] Rob Alasdair Mac Fhraing, ‘Àireamh Muinntir Fhinn is Dhubhain, agus Sgeul Iosephuis is an Dà Fhichead Iùdhach’, Proceedings of the Royal Irish Academy 52 (1948-1950), 87-93.
[15] Berndt, Kohnen, agus Ono, ‘Life and Work’, 12. Mo thaing mhòr do na seann oileanaich seo aig MacFhraing airson sgeulachadan mar seo a ghlèidheadh.
[16] Ibid., 17.