Giuthas às a’ mhòintich
Air a sgrìobhadh le Susan air 2 Giblean 2026
Photo © Copyright Stephen Burton and licensed for reuse under a cc-by-sa/2.0 Creative Commons Licence.
Bidh leughadairean ag aithneachadh an fhacail giuthas mar chraobh chumanta agus tha e am measg grunn inntridhean aig an Fhaclair a’ buntainn ri craobhan. Tha ciall shònraichte aig giuthas ged-tà nach eil cho aithnichte. Tha craobhan giuthais air a bhith fàs san dùthaich seo cho fada air ais is gun lorgar pìosan giuthais fon mhòintich bho na linntean o shean. Anns a’ Bheurla, canar bog pine ris an fhiodh sin.
Anns an Fhaclair, chithear seo fo ghrunn chiallan. An toiseach, gheibhear a’ chiall I.3.a. Bog pine, fragments or roots of pine found in peat bogs and used as fuel. ’S ann bho 1848 a tha a’ chiad teisteas (citation) a nochd anns an iris Fear-Tathaich nam Beann. Tha giuthas air a chleachdadh ann an ‘Còmhradh Feasgar an Tigh a Mhaoir – Am Maor agus Ailean Croitear’ agus, gu fortanach dhuinne, tha an t-ùghdar a’ mìneachadh an dà chuid gur ann às a mhòintich a thàinig am fiodh agus a’ mìneachadh dè cho math ’s a bha e mar chonnadh:
1848 Fear-tathaich nam Beann II 43
giuthas a bha fo’n mhòintich […] Tha e co caoin ri spong, ’s cha’n fhaca tu riamh teine ’s cridheile agus is suilbhire na ni e.
Uaireannan, chuireadh facal eile ri giuthas airson bog pine a shònrachadh agus bidh am faclair a’ taisbeanadh sin le àireamhan eile a’ soilleireachadh gu bheil e ann an cruth le atharraiche (modifier). ’S ann mar sin a tha ciall III.2.b. giuthas blàir: bog pine; the remnants of a pine tree found in a peat bog used in a variety of ways. Chan ann mar chonnadh a tha a’ chiad teisteas an seo ach eisimpleir air mar a chleachdadh am fiodh sin airson bothain a thogail a nochd anns an iris à Alba Nuadh, Mac-Talla.
1892 Mac-Talla I No. 30. 91
[…] bha an ceann-fhiodh agus na cabair air an deanamh de ghiubhais blair, seann chraobhan giubhais a bha ’nan laidhe sa’ mhointich bho cheann chiadan bliadhna.
Airson barrachd mun fhacal giuthas blàir, cluinnear aig Tobar an Dualchais clàr bho 1958 agus Donnchadh Camshron (1873-1962) à Raineach a' bruidhinn air giuthas blàir ann an Coille Dhubh Raineach.
Chleachdadh am fiodh cuideachd airson solas agus chithear a’ chiall sin aig dà chruth eile: giuthas bac-mòine (ciall III.2.a. fragments of pine extracted from a peat bog used to provide lighting) agus giuthas coinneil (ciall III.2.c. a candle made from bog pine).
Gheibhear a’ chiad teisteas aig giuthas bac-mòine (ciall III.2.a.) cuideachd bho Mhac-Talla.
1897 Mac-Talla VI No. 23. 177
[…] ann an làimh chli gach fir dhiubh leus mòr, lasrach, de ghiubhas bac-mona a’ tilgeil soluis dheirg air gach taobh.
’S ann an Carmina Gadelica a gheibhear iomradh air giuthas coinneil:
a1899 Carmina Gadelica VI (1971) 83
Giuthas coinnil, giuthas coinnle […] On the Mainland, along with tallow candles, the people used bog pine. The bog pine made good light but was not lasting.