Skip to main page content

Cathag Dhearg-chasach

Air a sgrìobhadh le Tòmas air 02.09.2026

Cathag Dhearg-chasach

Chaidh am brath-bloga seo na aiste. Tha thu làn di-beathte leum chun nan co-dhùnaidhean!

Bho chionn ghoirid, dh’fhoillsich sinn inntreadh air cathag n. ’S e prìomh chiall an fhacail ‘The jackdaw, a jackdaw’ – gu bhith mionaideach, Coloeus monedula; eun meadhanach mòr dubh is glas a tha càirdeach don fheannaig. 

Choimhead mi a-steach anns an fhianais a tha againn air eun a tha dlùth-cheangailte ris a’ chathaig: a’ chathag dhearg-chasach. Tha an t-uabhas ann ri ràdh mun eun shuaicheanta seo ann an tùsan Gàidhlig. Beachdaichidh sinn an seo air a’ chunntas a tha againn air, air fiosrachadh nach eil ri fhaighinn ann an Corpas na Gàidhlig, air dualchainntean, fuaimneachadh, is air ainmean-àite, agus – rud a tha gu sònraichte inntinneach – air na tha na tùsan ag innse dhuinn mun dàimh eadar a’ chathag dhearg-chasach is mac an duine ann an eachdraidh nàdair.

Anns a’ chiad dreach de cathag n. (foillsichte san Iuchar 2025), ghabh sinn a-steach cathag dhearg-chasach agus riochdan eile dheth ann an earrann fa leth, mar a leanas:

II. With a modifier.
With cas n. and dearg adj. or dearg-chasach adj.: a chough.

a1709 Edward Lhuyd in the Scottish Highlands 131
A Chough. Câk yn cosyn deàrag, A[rgyll].

1886 Transactions of the Gaelic Society of Inverness XII 41
Chough, or red-legged crow. […] Cathag-dhearg-dhearg-chasach [sic] (Skye).

1988 DASG Fieldwork Archive South Uist
Cathag dhearg chasach. Chough.

Puing faclaireachd: às dèidh na coinneamh mu dheireadh den Chomataidh Deasachaidh againn, san Ògmhios 2026, bhiomaid na bu bhuailtiche eisimpleirean mar seo de dh’fhràs ainmearach (noun phrase), cho math ri faclan fillte (compound words), a sgaradh bho chèile. Rinneadh co-dhùnadh reusanta aig an àm a ghabhail a-steach fo earrann fa leth, ach a-nis dh’fhaodadh inntreadh fa leth a bhith aig cathag dhearg-chasach n., agus ceangal eadar sin agus cathag n.

Tuairisgeul air an Eun

’S e a tha anns a’ chathaig dhearg-chasaich an red-billed chough (Pyrrhocorax pyrrhocorax)[1]. Tha i ann an teaghlach nam feannag, ged a thuigeas sinn a-nis nach eil i cho dlùth ann an càirdeas don fheannaig is don chathaig ’s a shaoileadh. Tha a coltas drùidhteach, tarraingeach is i uile gu lèir dubh ach airson casan dearg agus gob fada cam dearg, a chleachdas i airson rùrach san talamh an tòir air biastagan. Tha i aithnichte mar eun a lorgar air a’ chòsta, a’ neadachadh air creagan agus a’ biadhadh aig iomall thuathanasan. Agus tha i, no am fo-spèiseas Pyrrhocorax pyrrhocorax pyrrhocorax air còsta Bhreatainn is na h-Èireann, air fàs tearc – gu sònraichte ann an Alba. Gheibhear barrachd a-mach mu deidhinn air làrach-lìn an RSPB.

Gu h-eachdraidheil, bhiodh daoine a’ cur chathagan (glasa) agus chathagan dearg-chasach an ceann a chèile. Bho astar, tha iad a’ coimhead rudeigin coltach ri chèile agus tha iad rim faighinn anns na h-aon àitichean. Bho thùs, gu dearbh, bha am facal chough ann am Beurla – a tha a’ dol air ais chun an 14mh linn – a-mach air a’ chathaig ghlais no jackdaw gu h-àraid. Ann am Beurla Ghallta tha red-legged crow (bhon 18mh linn) is daw rim faighinn mar ainmean air a’ chathaig dhearg-chasaich a rèir DSL (faic mìneachadh 45). Agus ann an Gàidhlig na h-Èireann gheibhear na riochdan cág cosdearg/deargchosach agus préachán coise deirge/cosdearg (tha préachán fhèin a’ ciallachadh feannag).

Cò às a tha am facal cathag? A rèir eDIL, tha siud a’ dol air ais gu caóc a tha ri fhaighinn mu 1500, ach ’s dòcha stèidhichte air facal nas sine ann am Meadhan-Ghàidhlig. Bha e a’ ciallachadh jackdaw, agus chlàraich na deasaichean am beachd gum bu dòcha gun tàinig e bho fhuaim an eòin. Teòirig eile, ’s e gun tàinig am facal bho Mheadhan-Bheurla ka/co le iar-leasachan meanbhach (diminutive suffix) -óc. Ann an Cuimris, tha cogfran, ‘cathag, cathag dhearg-chasach’, ann, ge-tà, a’ tòiseachadh an ìre mhath leis an aon eileamaid agus a’ dol air ais chun an 15mh linn. Ma tha freumh caóc ann am Meadhan-Bheurla, ciamar a mhìnichear an eileamaid cog- san fhacal Chuimris? 

Red-billed chough (Pyrrhocorax pyrrhocorax)

A’ chathag dhearg-chasach. Tùs na deilbh an seo (san àrainn phoblaich).

Tùsan tràtha

Tha an às-earrann as tràithe a tha againn air a’ chathaig dhearg-chasaich, gu h-àrd, air leth inntinneach. Bha an Cuimreach Edward Lhuyd (1660–1709) air chuairt ann an Alba eadar 1699 agus 1700, a’ trusadh fiosrachadh cànanach cho math ri fiosrachadh mu eachdraidh nàdair is àrc-eòlas. Faodaidh sinn a bhith reusanta cinnteach gum b’ ann mu 1700 a fhuaireadh an tionndadh Gàidhlig air ‘chough’: ‘Câk yn cosyn deàrag’, .i. cathag nan cosan dearg. ’S e riochd eile a a bha seo de ‘chathag dhearg-chasach’, agus ’s iongantach gun lorg sinn iomradh nas tràithe dhen riochd seo.  Leis gun robh Lhuyd ann an Cinn Tìre aig an àm ud,[2] tha a h-uile coltas ann gum b’  ann bho chuideigin às an sgìre sin – m.e., am maighstir-sgoile Ùisdean MacGillEathain à Cille Choinnich – no ’s dòcha neach à Cnapadal a fhuair e am facal.[3] Mar a sgrìobh deasaichean a’ bhriathachain aige: ‘The chough has greatly receded in the Highlands since Lhuyd’s time’.[4] Feumaidh ’s gun robh a’ chathag dhearg-chasach ann an Cinn Tìre no Cnapadal mu 1700, ach chan eil i ri lorg anns na ceàrnaidhean sin tuilleadh.[5] Fiù ’s mu 1704, nuair a fhuaireadh am fiosrachadh Gàidhlig à Siorrachd Inbhir Nis, cha robh iomradh air an eun idir, a’ comharrachadh nach robh am fiosraiche – a rèir coltais Raibeart Stiùbhart à Srath Spè[6] – eòlach air.

A-nis, thèid againn air cur ris an fhianais às dèidh 1700. An ath iomradh a tha againn air an eun, tha e a’ nochdadh anns an obair mhòir air luibh-eòlas is eachdraidh nàdair a chuir an t-Urr. John Lightfoot (1735–1788) ri chèile:

1777 Lightfoot Flora Scotica I 21
Red-leg’d [sc. crow] | Cathag dhearg-chasach.

Seo a’ chiad turas as aithne dhuinn a chaidh an riochd ùr-nodha ‘cathag dhearg-chasach’ a chlàradh. Cleas Lhuyd, ghabh an Sasannach Lightfoot sgrìob tro Alba agus na h-eileanan an tòir air fiosrachadh mu lusan. Bha e ann an cuideachd Thomas Pennant (1726–1798) cliùiteach, agus gu cudromach dhuinne, an Urr. Iain Stiùbhart (Rev. John Stuart, 1743–1821) à Cill Fhinn – prìomh eadar-theangair an t-Seann Tiomnaidh. ’S e tùs anabarrach luachmhor do dh’fhaclaireachd na Gàidhlig a tha ann am Flora Scotica (1777), agus tha sinn an comain an dà chuid Lightfoot agus an Urr. Stiùbhart airson sin. Mar a sgrìobh Lightfoot: 

To the Rev. Mr. Stuart […] I am indebted for assistance that ingenuity and friendshrip could yield. This young gentleman, a most accurate observer of Nature’s works, and critically vers’d in the Erse language, and the manners and customs of his country, I had the good-fortune to share as a companion and fellow-traveller through the Highlands and Hebrides; and to him I am obliged for a great portion of the Highland botany, for many of the medical and œconomical, and all the superstitious uses of plants which are interspersed in this work, and to him I owe the supply of their Erse or Gaulic [sic] names.[7]

An robh an Stiùbhartach eòlach air a’ chathaig dhearg-chasaich ann an Siorrachd Pheairt? An do rinn e eadar-theangachadh air Beurla Lightfoot? No, mar shàr sgoilear Gàidhlig, an robh e eòlach air mar fhacal aig Gàidheil eile? Tha e brìgheil nach eil am facal – no iomradh sam bith air ‘chough’ – ann am faclair mòr Raibeairt Armstrong à Siorrachd Pheairt, a dh’ fhoillsicheadh ann an 1825. Thà e a’ togail ceann anns an ath fhaclair mhòr:

1828 Dictionarium Scoto-Celticum 171
“Cadhag dhearg-chasach.” C[ommon] S[peech]. The red-legged Jack-daw.

Nas anmoiche a-rithist, tha an riochd seo àbhaisteach airson ‘chough’ eadar-theangachadh ann an Gàidhlig. Mar eisimpleir:

1871 Gray The Birds of the West of Scotland 162
The Chough | Cathag dhearg-chasach.

Sgrìobh an t-eun-eòlaiche Albannach Robert Gray (1825–1887) gun robh e, airson riochdan Gàidhlig nan eun, an eisimeil air comhairle ‘Messrs. John Macdonald of Buckie, Dugald C. Macdonald, Alexander A. Carmichael [.i. Alasdair MacGilleMhìcheil], Alexander Macdougall, and other friends connected with the Long Island’.[8] Mar sin, dh’fhaodamaid a ràdh nach robh Gray a’ tarraing a-mhàin air na chaidh fhoillseachadh roimhe, ach gur dòcha gu bheil fianais no dearbhadh bho fhiosraichean dùthchasach ann an cuid dhe na h-iomraidhean Gàidhlig aige.

Seallaidhean Clàraichte ann am Pàipearan-naidheachd an 19mh linn

Bu mhath leam a-nis tionndadh gu seòrsa eile de thùsan: seallaidhean air a’ chathaig dhearg-chasaich air a’ Ghàidhealtachd an iar a nochd ann am pàipearan-naidheachd. Tha ùidh againn annta seo airson beachdachadh air làthaireachd an eòin ann an diofar àitichean san 19mh linn, ach cuideachd, mar a chì sinn, mar a tha a’ Ghàidhlig fhèin ga togail bho àm gu àm. 

1)

1880 The Oban Times (22 May) 2
A fine specimen of the Cornish chough was sent on Monday to Mr Small, George Street, Edinburgh, by Mr Roderick Colquhoun (Highland Borderers), who shot it on the 11th at Ballinaby, Islay.

2)

Tha an às-earrann seo leis an uachdaran Ghàidhealach Osgood MacCoinnich (Osgood H. MacKenzie, 1842–1922), à Poll Iù ann an Ros an Iar.

1884 The Northern Chronicle (18 June) 3

One day in April I saw a solitary Chough here [sc. Poolewe], the first I have ever seen in this parish. Long ago, as a boy, I remember seeing a pair or two in the Stor Cliffs in Skye, and was told then they were plentiful in Raasay, but I fancy they are very uncommon now-a-days in the North.

This bird was close to me, so that I could see its vermilion curved bill and its scarlet legs.

[...]

Can any reader of the Chronicle give me the Gaelic name for the Chough? Is it Cathag, the same name as the modern Jackdaw bears? We have more than one Craig-nan-Cathag in this country, and no Jackdaws yet, though the Jackdaw goes by the name of Cathag on the east coast, where they are plentiful now, but where they probably did not exist in olden times. In my father’s days there were no Rooks, House Sparrows, nor Blackbirds in this country [...].

3)

Tha na leanas le ‘Nether-Lochaber’, .i. An t-Urr. Alasdair Stiùbhart (Rev. Alexander Stewart, 1829–1901), a bha na sgrìobhadair cholbhan agus aithnichte na latha mar eòlaiche-nàdair.

1889 The Inverness Courier (1 March) 3

By the kind intervention of Mr John Mackenzie, road surveyor, Portree, we were put in possession, a short time ago, of a very perfect specimen of a bird, nowhere found, so far as we are aware, in our section of the western mainland [sc. Lochaber]. The bird reached us accompanied by the following note:—

“Staffin Lodge, Skye, Jan. 22nd, 1889.

“Dr Stewart—Dear Sir,— I herewith enclose the Chough that Mr Mackenzie wrote to me about some time ago. I am sorry that I was not able to send it sooner; but I hope you will kindly excuse the delay, as I have been rather busy of late. There are not many Choughs in the place now; only a few of them breeding here –some ten pairs perhaps or thereby. They always build their nests well up in the face of the highest cliffs by the sea.

“The people here call them cä ak in Gaelic.—I am, yours obediently,

“J. S. MacDonald.”

[...]

It was at one time a common bird along the Scottish coasts, both on the east and west, wherever the marginal was sufficiently precipitous to satisfy its giddy requirements. Within the last fifty years or so it may be said to have entirely deserted the mainland cliffs; its only breeding places now being in the Hebrides–chiefly in the islands of Islay and Harris, and Mull and Skye.

4)

1889 The Northern Chronicle (13 September) 6

When out stalking in the [sc. Applecross] forest yesterday, a pair of choughs, or red billed choughs, passed me. They settled close to me, so I had a good opportunity of watching them through my glass. I believe they are scarce now in these parts, as I have never seen one here before.

5)

1894 Oban Times (13 October) 6

The chough or red-legged crow (Gaelic cà ág) is one of our rarest visitors [sc. in Mull]. Last week I saw a pair of them, the first I have noticed for some years back. Their peculiar “Chaw, chaw,” drew my attention to them. At first I thought they might have been jackdaws from Iona Cathedral, which they resemble in voice and shape. I stalked them to get a good view of them, and got near enough to discern the pretty vermillion of their legs and bills, which decided the question in favour of the “choughs.”

Tha na criomagan gu h-àrd a’ sealltainn gum b’ e fìor annas a bha anns a’ chathaig dhearg-chasaich, gu sònraichte ann an iar-thuath na Gàidhealtachd. Chan eil i ach na siùbhlach ainneamh (a rare vagrant) ann am Poll Iù, Ros an Iar (1884); air a’ Chomraich (1889); ann an Loch Abar (1889); agus fiù ’s ann am Muile (1894). Chaidh a dhà dhiubh a chruinneachadh marbh mar dheagh bhuill-shampaill: à Ìle (1880); agus às an Eilean Sgitheanach (1889). (Chan eil e follaiseach gun deach an tè Sgitheanach a losgadh cleas na tè Ìlich). 

Gu h-ùidheil, thogadh a’ Ghàidhlig trì tursan. Bha Osgood MacCoinnich (1884) am beachd gum b’ e ‘cathag’ a bha air an eun, ged nach robh e cinnteach. Shaoil e gur e siud a bhiodh air – seach ‘cathag dhearg-chasach’ – air sgàth ’s nach robh cathag ghlas no jackdaw (Coloeus monedula) ri fhaighinn anns an sgìre. Tha e an uair sin a’ togail puing uabhasach math: nuair a tha ‘cathag’ ann an ainm-àite, gu sònraichte air a’ Ghàidhealtachd an iar, ’s dòcha gu bheil e ann an da-rìribh a’ comharrachadh cathag dhearg-chasach a b’ àbhaist a bhith ann gu h-eachdraidheil.

Tha a’ chiad bheachd aig MacCoinnich a’ faighinn taic bho dhà chriomag eile. Tha an Dòmhnallach à Stafainn san Eilean Sgitheanach ag innse ‘The people here call them cä ak in Gaelic’ (1889). Agus tha sgrìobhadair Muileach a’ mìneachadh ‘The chough or red-legged crow’ mar ‘Gaelic cà ág’ (1894).

Nuair a thig e gu ainm eòin, ’s e aon rud a tha ann a bhith a’ toirt ainm Gàidhlig air a tha ga sgaradh gu mionaideach bho ghnèithean eile. ’S e rud eile a tha ann a bhith a’ bruidhinn mu dheidhinn ann an cainnt àbhaisteach. Saoilidh mi gum bu chòir dhuinn a bhith beagan faiceallach mu liostaichean fhaclan a tha gu mionaideach a’ leantainn mìneachaidhean saidheansail Linnaeus bhon 18mh linn. Tha na riochdan ‘cathag dhearg-chasach’ agus ‘cathag nan casan dearga’ ceart is dearbhte san fhianais, ach chuirinn geall gum b’ e ‘cathagan’ a-mhàin a chanadh Gàidheil riutha gu minig – mura robh cathagan glasa ann, no fiù ’s ged a bhitheadh iad ann. Tha deagh eisimpleirean eile ann, leithid seilcheag, far nach biodh daoine a’ bodraigeadh sgaradh a dhèanamh eadar spèiseasan gu math eadar-dhealaichte.

Tha e coltach gun robh an aon seòrsa suidheachaidh ann an taobh an iar na h-Èireann. Seo am beachd a thug deasaiche a’ Ghaelic Journal, Eoin Mac Néill tha mi an dùil, seachad air alt le Pádraig Mac Piarais air ‘Names of Birds and Plants in Aran’. Chaidh an t-alt ath-chlò-bhualadh anns an Highland News:

1899 Highland News (28 January) 11

The word for jackdaw is also given as cádhóg and cág. It seems to be merely the ending -óg added to the cá (English caw), which represents the bird’s cry. But in Aran, as well as I remember, the term was applied to the chough, a commoner bird there than the jackdaw, or as common.[9]

Fuaimneachadh Cathag

Chithear cuideachd mar a tha cathag air a tar-sgrìobhadh gu h-àrd:

a1709 (Lhuyd, Earra-Ghàidheal) – Câk[10]
1889 (An t-Eilean Sgitheanach) – cä ak
1894 (Muile) – cà ág

Tha seo a’ daingneachadh gun robh cathag ann an diofar dhual-chainntean mar as àbhaist air a fuaimneachadh mar /ka.ag/ seach mar /kahag/ – mar a dh’fhaodamaid a chluinntinn an-diugh. Bhiodh seo cuideachd a’ tighinn a rèir an litreachaidh ‘cadhag’, mar a tha ann an Dictionarium Scoto-Celticum ann an 1828.

Ann am faclair Nèill MhicAilpein, gheibhear na leanas:

1832 MacAlpine Argyleshire Pronouncing Gaelic Dictionary 67
Cathag, kă'-ag, n.f. a daw, a jackdaw.

Dh’fhaodadh gu bheil am fuaimneachadh aige an seo a’ comharrachadh stad glotasach: /kaʔag/. Tha deagh theans ann cuideachd, agus e ann an Ìle far a bheil a’ chathag dhearg-chasach ann chun an latha an-diugh, gun robh e gan gabhail a-steach sa mhìneachadh mar sheòrsa ‘daw’. Chan eil an t-eun a’ nochdadh ann an àite eile san fhaclair aige.

Cathag ann an Ainmean-àite 

Dè mu dheidhinn na puing eile aig Osgood MacCoinnich; gur dòcha gu bheil cuid de dh’ainmean-àite Gàidhealach anns a bheil cathag ann an da-rìribh a-mach air cathag dhearg-chasach? Chan eil an seo ach beagan dhe na h-ainmean-àite air a’ Ghàidhealtachd anns a bheil cathag mar eileamaid. 

1874 Ordnance Survey Six-inch (Argyllshire, Sheet LXXIV)
Creag na Cathaig [Earra-Ghàidheal, tuath air Loch Eite]

1874 Ordnance Survey Six-inch (Inverness-shire (Mainland), Sheet XXXI)
Stac na Cathaig [Srath Narann, deas air Loch Nis]

1874 Ordnance Survey Six-inch (Argyllshire, Sheet CXXV)
Tom na Cathaig [Earra-Ghàidheal, tuath air Inbhir Aora]

1874 Ordnance Survey Six-inch (Argyllshire, Sheet XCVIII)
Barr nan Cadhag [Cearrara, Earra-Ghàidheal]

1881 Ordnance Survey Six-inch (Ross-shire & Cromartyshire (Mainland), Sheet LVII)
Creag nan Cadhag [Ros an Iar, an ear-dheas air Geàrrloch][11]

Cha tèid againn air a ràdh le cinnt dè an seòrsa chathagan a tha ainmichte annta seo, ach ’s dòcha gu bheil e nas coltaiche gur e cathagan dearg-chasach a tha a’ nochdadh anns an eisimpleir a leanas à Ìle, deas air Bogh Mòr.

1901 Ordnance Survey Six-inch (Argyllshire, Sheet CCXIX)
Monadh nan Cathag

An t-eisimpleir as fheàrr a lorgadh a tha a’ cur taic ri argamaid MhicCoinnich, ’s e am fear sa ann an Lios Mòr: 

1875 Ordnance Survey Six-inch (Argyllshire, Sheet LXXII)
Uamh na Cathaig

Shaoilte a-rithist nach robh dòigh ann air faighinn a-mach an e cathagan dearg-chasach a bha san ainm. Ach, gu fortanach dhuinne, dh’fhàg Alasdair MacGilleMhìcheil (Alexander Carmichael, 1832–1912) an nòta a leanas mun dearbh àite, faisg air an t-Sàilean:

1883 (Edinburgh University Library) Coll-97/CW120/104
Ua [recte uamh] nan cathag nam casa dearg [sic]

A rèir tuairisgeul na tasglainn, tha an nòta a’ leantainn air a ràdh gun deach an tè mu dheireadh de ‘c[h]athag[an] nan casa dearg’ a mharbhadh le fear Rankin às a’ Ghearasdan. Tha fiù ’s dealbh de dh’ite na lùib – ged nach fhaca mi ach an clàr gu h-àrd. A’ cur ceistean gràmair chun an dàrna taobh – an e ‘uamh cathagan nan casa dearga’ a bu chòir a bhith ann? – ’s e fianais mhath a tha seo gum faodadh ‘cathag’ ann an ainmean-àite air taobh an iar na Gàidhealtachd a bhith a-mach air an fheadhainn dearg-chasaich. ’S dòcha gun gabh tuilleadh eisimpleirean a dhearbhadh le fiosrachadh ionadail dhen t-seòrsa seo aig an Liosach MacGilleMhìcheil.

San dol seachad, tha làthaireachd nan cathagan dearg-casach ann an uamhan a’ togail ceann cuideachd ann an alt le Niall MacGilleSheathanaich à Diùra san 20mh linn. Sgrìobh e:

1959 An Gaidheal LIV 36
B’i roghainn nan calman-fiadhaich is nan cathag dearg-chasach a’ neadachadh innte [sc. Uamh a’ Chaolais] còmhla ris na h-ialtagan.

Ainmean Gàidhlig Eile air a’ Chathaig Dhearg-chasaich

Gheibhear ainmean eile air an chough ann an Gàidhlig. Mar eisimpleir, chruinnich Alasdair Foirbeis (Alexander Forbes, 1843–1924), à Slèite, ann an Gaelic Names of Beasts (Mammalia), Birds, Fishes, Insects, Reptiles, etc:

1905 Gaelic Names of Beasts 21
Cabhag-dhearg-chasach, etc., a chough or red-legged crow.

1905 Gaelic Names of Beasts 26
Cuthag-dhearg or dhearg-chasach, the chough or red-legged crow (Skye).

1905 Gaelic Names of Beasts 35
Rocas-dhearg-chasach, the chough (Skye).

Tha obair Fhoirbeis amharasach do dh’fhacladairean. Chan eil e an-còmhnaidh soilleir càite an d’ fhuair e a chuid fiosrachaidh, a bheil an litreachadh aige ceart, is eile. ’S e ‘rather odd book’ a th’ ann, mar a thuirt Raghnall MacilleDhuibh.[12]

An seo, chan eil ach an riochd àraid aige fhèin air cathag dhearg-chasach sa chiad eisimpleir. Tha a dhà eile ùidheil air sgàth ’s gun do chomharraich e gum b’ ann às an Eilean Sgitheanach a bha iad, agus b’ e Sgitheanach a bha annsan. San dàrna às-earrann, dh’fhaodadh gum faicear fuaimneachadh ionadail de cathag dhearg-chasach agus fiù ’s cathag-dhearg leis fhèin. Ach, chan fhaighear dearbhadh orra sin, no air an treas eisimpleir, ròcas dhearg-chasach, ann an tùsan eile. Tha am fear mu dheireadh, ge-tà, a’ dèanamh ciall.

Ann an Colbhasa, nochd ainm ionadail dhen eun ann an liosta fheumail a chuir Murdoch McNeill ri chèile:

1910 McNeill Colonsay, One of the Hebrides 39
The Chough (Cnàmhach) used to nest in various places, but it has not been much in evidence for a number of years.[13]

Tha cnàmhach na riochd eile de cnàimheach, a bha air a chleachdadh ann an àitichean eile airson eun dubh sam bith ann an teaghlach nam feannagan. Mar eisimpleir, ’s e a bha aig an Ìleach, Niall MacAilpein:

1832 MacAlpine Argyleshire Pronouncing Gaelic Dictionary 79
Cnaimheach, krìv’-ach, a rook, ròcaideach.

Agus tha e a’ toirt oirnn smaoineachadh a-rithist mu na chaidh fhoillseachadh ann am faclair Alasdair mhic Mhaighstir Alasdair san 18mh linn:

1741 Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 74
Rócis A Rook. Cnáimhfhiach A Jackdaw. Cathag A Kay.

’S e Beurla Ghallta a tha ann an Kay airson an ‘jackdaw’.[14] Mar sin, carson a bha dà fhacal aige air an aon eun? Saoil an e cathag dhearg-chasach a bha ann an Cnáimhfhiach ann an da-rìribh, coltach ris na Colbhasaich?

Mu dheireadh, ann am Faclan bhon t-Sluagh – tasglann obair-làraich an Historical Dictionary of Scottish Gaelic (HDSG) – lorgar corra thoradh dhen t-seòrsa seo à Ìle:

1968 DASG Fieldwork Archive Islay, Port Charlotte
Chan ann gun dùil comain a nì an croman fead. | Notes: croman – chough.

Tha croman air a mhìneachadh barrachd air aon turas, ’s dòcha le rannsaiche seach am fiosraiche, mar ‘chough’ ann an cuid dhen fhianais Ìlich. Ach, mar as àbhaist ’s e clamhan no eun-creachaidh a tha ann an croman.[15] Tha e follaiseach gur e mearachd a bha seo, mar a chithear ann an às-earrann eile a tha a’ cumail a-mach gum b’ e ‘hawk’ a bha anns an ‘chough’:

1968 DASG Fieldwork Archive Islay, Port Wemyss
Tha mi mar eun a thuit o’n chroman. | Notes: feeling washed out, useless. “Croman” is probably the chough, a type of hawk.

Ach, dè na faclan a bhitheadh aig muinntir Ìle air a’ chathaig dhearg-chasaich?[16] Bhiodh e uabhasach math seo fhaighinn a-mach agus a dhearbhadh. Às dèidh nan uile, ’s e Ìle fear dhe na tèarmainn mu dheireadh a tha aig an eun ann an Alba.

Sgìrean Gàidhealach na Cathaig Dhearg-chasaich

Airson am brath-bloga seo a thoirt gu crìch, ’s dòcha gum biodh ùidh aig leughadairean anns na thachair ri àireamhan nan cathag dearg-chasach bhon 19mh linn chun an latha an-diugh. Mar a chunnacas roimhe, faisg air deireadh an 19mh linn leughar cunntasan air sìor-chrìonadh an eòin air a’ Ghàidhealtachd. Seo na thuirt Charles Fergusson ann an 1885: 

This bird [sc. chough, or red-legged crow], from some unaccountable cause, is getting rarer in the Highlands every season, for in many districts where it used to breed in flocks it is now utterly unknown, even though quite undisturbed by man. [...] Within the last forty years it used to breed in flocks in the Islands of Rum, Coll, Canna, and Tyree, where now it is never seen.[17]

Nas anmoiche, gheibhear sealladh air na dh’èirich don eun, cho math ri beachdan nas gèire air na h-adhbharan airson a chrìonaidh, bhon t-sàr èic-eòlaiche Frank Fraser Darling san leabhar aige, Natural History in the Highlands and Islands. Chaidh seo fhoillseachadh an toiseach ann an 1947, agus chaidh eagran leasaichte fhoillseachadh ann an 1964:

The chough (Pyrrhocorax pyrrhocorax) is possibly on a different stage of the same journey as the woodpecker. The woodpecker went as its habitat was cut from under it and has come back to a more tree-clothed Scotland again. The chough faced the blast of 19th-century game preservation and went under. Whether it was truly inimical to game is highly questionable, but being one of the crow tribe it therefore must be bad. By the middle of the 19th century choughs had gone from inland districts of Scotland and were to be found only on the wilder coastal districts. Thus reduced in numbers by game preservers, the impact of predators such as the peregrine and the egg collector probably contributed to a further shrinkage of their range.

Graham mentions three pairs breeding in Iona in 1852, where they were left alone, but there are none there today. Skye lost its last chough by 1900 and no one knows how few were left on the cliffs of Islay when at last their rarity made them birds to be protected. However, they are still present on extreme south-west coasts, and have bred recently in Jura, Mull of Kintyre and in Islay where they are fairly common. If we can achieve effective protection in future the chough is in the way of coming back. There is probably no time more propitious than the present for the chough to increase with a new sympathy from landowners along the coast and the establishment of the Rhum National Nature Reserve. More than protection may be needed to bring back the chough, however; its habitat of mixed farmland on the rocky coast has changed and is now in possession of jackdaws in some areas.[18]

San latha an-diugh, tha a’ chathag dhearg-chasach beò air èiginn ann an Alba. Tha na leanas bho aithisg a’ rannsachadh an gabh an t-eun sàbhaladh, agus dè bhiodh a dhìth airson a chuideachadh:

The red-billed chough (Pyrrhocorax pyrrhocorax) in Scotland is now confined to fewer than 50 breeding pairs on Islay and Colonsay, where it has declined largely due to poor first year survival linked to habitat change, food shortages, and disease. Without intervention, local extinction in Scotland is likely within 50 years. While supplementary feeding and disease treatments have improved survival, genetic reinforcement through translocation is likely needed to secure the population’s future. However, the habitat also needs managing to become more favourable for choughs and it is not certain if or when this will happen.[19]

Co-dhùnaidhean

Thèid aig eachdraidh an fhacail cathag dhearg-chasach air rudeigin innse dhuinn mu eachdraidh nàdair, is eachdraidh an eòin air a’ Ghàidhealtachd. Tha a làthaireachd air a clàradh ann an tùsan na Gàidhlig ann an grunn sgìrean, ged a dh’fhalbh an t-eun bho na h-àitichean ud agus, ’s cinnteach, bho chuimhne nan daoine. 

Tha sinn an comain luchd-cruinneachaidh an 18mh linn airson na fianais as tràithe a tha againn gu ruige seo – an Cuimreach Edward Lhuyd mu 1700; agus an Sasannach an t-Urr. John Lightfoot, air a chuideachadh a thaobh na Gàidhlig leis an Urr. Iain Stiùbhart à Cill Fhinn, san leabhar luachmhor Flora Scotica (1777). A rèir teisteas Lhuyd, tha a h-uile coltas ann gun robh a’ chathag dhearg-chasach stèidhichte ann an Cinn Tìre/Cnapadal aig an àm a bha e sa cheàrnaidh, ach gu h-inntinneach cha tug am fiosraiche aige à Siorrachd Inbhir Nis (’s dòcha Srath Spè) riochd Gàidhlig airson an eòin – a’ cur air shùilean dhuinn nach robh e ri faicinn gu h-àbhaisteach.

Tha cunntasan bho na pàipearan-naidheachd mu dheireadh an 19mh linn a’ sealltainn gum facas sealladh dhen chathaig dhearg-chasaich ann an diofar àitichean air a’ Ghàidhealtachd an iar, a’ gabhail a-steach Pholl Iùbh (1884), na Comraich (1889) agus Mhuile (1894). Ach, tha susbaint nan aithrisean seo soilleir gun robh a leithid gu tur annasach – ’s fhada bho bha an t-eun a’ briodachadh anns na h-àitichean ud. Chan eil ach dà àite sna cunntasan far an robh e coltach gun robh àireamhan dhiubh stèidhichte: Ìle (1880); agus ceann a tuath an Eileain Sgitheanaich (1889). Ach, fiù ’s an sin, bha iad cho àraid gum feuchadh daoine rim marbhadh airson an cruinneachadh mar bhuill-shampaill, mar a chaidh innse mun eisimpleir Ìleach agus, ’s dòcha mun ‘very perfect specimen’ às an Eilean Sgitheanach. (Nuair a chaidh an t-eun air seachran ann an Leòdhas, ann an 1895, chaidh losgadh air cuideachd).[20]

B’ àbhaist dhan eun a bhith gu math na bu chumanta san Eilean Sgitheanach, a’ tathaich chreagan-mara agus, a rèir an uachdarain Rosaich Osgood MacCoinnich (1884), creagan an Stòir fhèin. ’S dòcha gur e seo as adhbhar gu bheil còrr is aon ainm Sgitheanach againn air, leithid ròcas dhearg-chasach a rèir Alasdair Fhoirbeis (1905). Ach, anns na 1880an, bha a’ chathag dhearg-chasach san Eilean air an rathad a-mach.

’S e ‘cä ak’ a bha luaidhte aig fiosraiche Sgitheanach eile (1889) mar ainm an eòin; agus ‘cà ág’ aig sgrìobhadair ann am Muile (1894). Agus, tha am fuaimneachadh seo – /ka.ag/ seach /kahag/ – reusanta cunbhalach, ged a bhite an dùil ri stad glotasach ann an àitichean mu dheas leithid Ìle: /kaʔag/. Saoilidh mi, ma-thà, gum biodh daoine buailteach cathag leatha fhèin a ràdh ris an eun, gu sònraichte far nach robh a’ chathag ghlas (jackdaw) cho bitheanta. Thog Osgood MacCoinnich seo mar phuing, agus bha beachd togarrach eile aige: ’s dòcha gur e cathag dhearg-chasach ann an da-rìribh a tha a’ nochdadh ann an cuid mhath dhe na h-ainmean-àite Gàidhealach eile anns a bheil cathag mar eileamaid. Dh’fhaodadh gu bheil clàr eile againn air eachdraidh an eòin. Chaidh seo a dhearbhadh a thaobh aon ainm-àite: Uamh na Cathaig ann an Lios Mòr. A rèir Alasdair MhicGilleMhìcheil b’ ann a-mach air cathagan dearg-chasach a bha an t-ainm. ’S fhiach barrachd rannsachaidh air a’ cheist seo.

Chomharraich MacCoinnich cuideachd gum faodadh ciall ainm eòin a bhith ag atharrachadh ma dh’atharraicheas èic-eòlas an àite. Chùm e a-mach gum b’ e lon dubh a b’ àbhaist a bhith aig daoine san sgìre aige de Ros an Iar air an ring ouzel (Turdus torquatus). Ach, nuair a dh’fhàs am blackbird (Turdus merula) na bu bhitheanta, ghabh siud an t-ainm lon dubh – mar a tha cumanta ann an Gàidhlig. B’ fheudar do dhaoine, an uair sin, lon dubh a’ mhonaidh a ràdh ris an ring ouzel tearc.[21] Dh’fhaodadh an aon seòrsa atharrachadh cèille tachairt le cathag a rèir mar a dh’atharraich bitheantas spèiseasan ann an àite. 

Bu chòir dhuinn a bhith mothachail do dh’eadar-dhealachaidhean eile ann an dualchainnt. Bu mhath leinn barrachd fhaighinn a-mach mun eun ann an dualchainnt Ìle, far a bheil a’ chathag dhearg-chasaich ann fhathast. Ann an Colbhasa, a rèir Murdoch McNeil (1910) co-dhiù, b’ e cnàmhach a bha aig daoine oirre. Dh’fhaodadh cnàmhach/cnàimheach ann an àitichean eile a bhith a-mach air eun sam bith ann an teaghlach nam feannagan. Ach, saoil nuair a chleachd Alasdair mac Mhaighstir Alasdair ‘Cnáimhfhiach’ airson ‘jackdaw’ agus ‘Cathag’ air ‘A Kay’ na bhriathrachan ann an 1741, an robh e a’ ciallachadh na cathaig dhearg-chasaich airson aonan dhiubh?

Gus a’ chathag dhearg-chasach a theasairginn ann an Alba, tha luchd-saidheans am beachd gum feum àireamhan dhiubh a bhith air an toirt air ais gu sgìrean far am b’ àbhaist dhi a bhith cumanta. Tha iad a’ beachdachadh, mar eisimpleir, air Maol Chinn Tìre, Diùra, Muile, agus Tiriodh.[22] Dh’fhaodadh gum faic sinn i a’ neadachadh air creagan is ann an uamhan na Gàidhealtachd a-rithist.


T. MacAilpein (2026)


[1] ’S e as ciall don Ghreugais an seo: πυρρός (pyrrhos) ‘air dath lasair’/ ‘dearg-lasrach’ agus κόραξ (korax) ‘fitheach’, ‘feannag’.

[2] J. L. Campbell agus Derick Thomson, Edward Lhuyd in the Scottish Highlands, 1699–1700 (Oxford: Oxford University Press, 1963), tdd xx–xxi.

[3] Ibid., tdd xvii–xviii.

[4] Ibid., td. 134, n. 10.

[5] Ach airson sheallaidhean fìor-ainneamh – chan eil an t-eun a’ briodachadh ann.

[6] Campbell agus Thomson, ibid., td. xxi.

[7] John Lightfoot, Flora Scotica I (Lunnainn, 1777), tdd xii–xiii.

[8] Robert Gray, The Birds of the West of Scotland, including the Outer Hebrides (Glaschu: Thomas Murray & Son, 1871), td. x.

[9] Faic cuideachd an argamaid a leanas le John Love na cholbh ‘Wildlife’:

1994 Inverness Courier (38 October) 26
The Gaelic language makes little distinction between Choughs and Jackdaws – the word “cathag” referring to both. Occasionally it may be extended to “cathag-dhearag-chasach” [sic] for the Jackdaw with red legs – to distinguish Chough from the Grey Jackdaw “cathag ghlas”.

Tha cathag ghlas luaidhte mar ainm air an ‘jackdaw’ ann an Charles Fergusson, ‘Gaelic Names of Birds. Part II’, Transactions of the Gaelic Society of Inverness XII (1885), 48.

[10] Agus seo na tha aig Lhuyd airson jackdaw: ‘A Jack-daw. Kâk, A[rgyll], IN[verness]’. Campbell agus Thomson, Edward Lhuyd (1963), td. 132.

[11] Thuirt Osgood MacCoinnich (1884): ‘We have more than one Craig-nan-Cathag in this country, and no Jackdaws yet [...]’. Seo co-dhiù aon eisimpleir de ‘Chreag nan Cathag’ anns an dùthaich aige, Ros an Iar. ’S e àite sreap measail aig daoine a th’ anns a’ chreig san latha an-diugh, agus chìte le mac-meanma gum faodadh gun robh cathagan dearg-chasach a’ neadachadh oirre uaireigin.

[12] Raghnall MacilleDhuibh, ‘Querndust Calendar: Charlie’s Year (4)’, West Highland Free Press (5 Sultain 2003) [gun td.]: ‘[...] Alexander Forbes who wrote a pair of rather odd books about Gaelic names of beasts, birds and fishes and the place-names of Skye [...]’.

[13] Tha mi taingeil do David C. Jardine et al., The Birds of Colonsay and Oronsay (2017), td. 377 airson seo a chur air shùilean dhomh.

[14] Faic, m.e., DSL: Ka n. (ro 1700); Kae n. (às dèidh 1700). Agus ’s dòcha gu bheil an aon fhreumh aig cathag agus Ka/Kae mar a sgrìobhadh shuas.

[15] M.e., 1832 MacAlpine Argyleshire Pronouncing Gaelic Dictionary 90: croman [...] a hawk; kite.

[16] Tha feannag na [sic] casan dearg anns an Fhaclair Bheag is i a rèir coltais bho fhiosraiche Ìleach, ach dh’fheumamaid tùs dòigheil fhaighinn.

[17] Charles Fergusson, ‘Gaelic Names of Birds. Part II’, Transactions of the Gaelic Society of Inverness XII (1885), 41.

[18] F. Fraser Darling agus J. Morton Boyd, The Highlands and Islands (Lunnainn: Collins, 1989 [1964]), tdd 79–80.

[19] B.R. Smith, C. Kenup, R. Franklin-Goddard, agus J. G. Ewen.  Scottish chough reinforcement feasibility study (Zoological Society of London, 2025), td. 3.

[20] Peter Cunningham, ‘Nature Notes: Vagrants and migrants’, Stornoway Gazette (28 July 1990) 6. 

[21] Osgood H. MacKenzie, ‘Poolewe-Ornithological Notes’, Northern Chronicle (18 June 1884), 3.

[22] Smith et al. Scottish chough reinforcement, td. 64.