Skip to main page content

closach n.f./m.

Also: clasach, closnach.

[eDIL closach]

forms

This word is chiefly feminine but examples with masculine gender and declension occur.

singular

nominative

genitive

dative

vocative

  • 1512-42
    Book of the Dean of Lismore 216 A wrane clossyth [Watson (1937) 136 bhréanchlosach] anabbi.

dual

nominative

plural

nominative

genitive

dative

senses

    • I.1.a. The dead body of a person, a human corpse. Sometimes modified by marbh adj.  

      • 1512-42
        Book of the Dean of Lismore 216
        Mach in deiß faa ī will di lane / dowsen̄ foyß is dalta[.]n[. | Woo cheyd tossyth di chagge / a wrane clossyth [Watson (1937) 136 bhréanchlosach] āabbi. (Math an dís fá an bhfuil do shlán / dóibh sin fós is [tú as] daltún | Bhó chéadtosach do chagaidh / a bhréanchlosach anabaigh.)
      • 1751
        Ais-Eiridh 58
        ’S mór a bhio’s ri corp-rúsgadh, | Na ’n closaichin ’s a bhlár, | Fiaich anns a roccadaich, | Ag itealaich, ’s ag cnocaireachd.
      • 1783
        Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh Deut. 28: 26
        Agus bithidh do chlosach ’na biadh aig uile eunlaith an athair, agus aig beathaichibh na talmhainn, agus cha ’n fhuadaich duine sam bith air falbh iad.
      • 1812
        Cuairt an Oilthirich 67
        Oir mar nach ’eil an corp as eug’ais an anma ach mar chlosaich mhairbh.
      • 1836
        An Teachdaire Ùr Gàidhealach 193
        Bha a bràthairean ’nan laidhe ’nan closaichean marbha mu ’n bhord; bha ’m broillichean tróm-reubte le faobhair nan lannaibh puinseanach.
      • 1868
        Mac-gilleadhain Laoidhean agus Dàin 58
        Bàs na colla, ’s breun a bholladh, | ’Chairbh, a chlosach gun an deò.
      • 1873
        An Gaidheal I 292
        Còmhdaichidh an corruich an talamh le closaichibh nam marbh, mar a chòmdaicheas corran a’ bhuanaiche an t-achadh le sguabaibh.
      • 1898
        Mac-Talla VII No. 9. 65
        Thuit anns a’ bhlàr ainmeil so, […] fear Cressingham—Iùdas Sasunnach a bha cho fuathach leis na h-Albannaich, ’s ’nuair fhuair iad greim air a chlosaich gu’n d’rinn iad feanna-bhuilg air.
      • 1913
        An t-Ogha Mór 168
        Thuirt e ’na inntinn gu’n robh sluic ’sa Mhòintich-mhóir nach diùltadh closnach Goill a ghleidheadh.
      • 1923
        Cailin Sgiathanach 221
        Ged a bhiodh e faicinn a luchd-cinnidh agus an dà choigreach a bha ’na sheirbhis ’nan closaichean marbha an robh e dol a dh’fhaotainn cobhair?
      • 1938
        Am Measg Nam Bodach 29
        Ma dh’éireas galar mo bhàis ás an fhliuchadh so, gabh cùram gu’n cnàmh mo chlosach ann an ùir Lunnainn.
      • 1952
        Gairm 2 68
        Thog e a ghunna agus loisg e air an Fhrangach. Anns a’ bhad thuit am Frangach air a’ bhlàr ’na chlosaich gun deò.
      • 1959
        Gairm 27 256
        Chaidh corp a’ bhodaich adhlac an cladh Hiort aig marbhann a’ mheadhon oidhche, ’s mun do shoilleirich an latha bha closach bheò sa’ chistidh maille ri biadh is deoch airson an turuis!
      • 1966
        Gairm 54 138
        Mar as motha a tha sgoileirean a’ gabhail ùidh ann a foghlum na Gàidhlig is ann as fheàrr, gun teagamh, ach is tric a bheir iad nad chuimhne dotair a’ gearradh agus a’ sgrùdadh closaich.
      • 1980
        Gairm 111/112 283
        Cha b’ann air closaich mhillte a bha a h-inntinn a’ ruith ach air sùnnd is cridhealas a mic nach bitheadh a-nis ’na thaic dhi ’na seann aois.
      • 2001
        Sgeulachdan Dhòmhnaill Alasdair 121
        Loisg Dan a’ chiad saighead. Chaidh e an sàs an cliathaich an òganaich agus thuit esan bhon drochaid. Chaidh e tron ath làr breòite agus chuala Dan am fuaim fann a rinn a chlosach air an làr saimeant.
      • 2011
        Steall à Iomadh Lòn 112
        Chaidh na Leòdaich eile a thiodhlacadh far an do thuit iad, ach bha na closnaich gun cheann.
    • I.1.b. The dead body or carcass of an animal. Sometimes modified by marbh adj.  

      • 1787
        Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh Breith. 14: 8
        Chaidh e a leth-taobh a dh’fhaicinn closaich an leòmhain, agus feuch, bha sgaoth bheach ann an closaich an leòmhain, agus mil.
      • 1836
        An Teachdaire Ùr Gàidhealach 100
        Gu tric tha cairbh no closaichean nam muca-mara air na cladaichibh, ’se sin na cnaimhean agus an fheòil an déigh do’n reamhad a bhi air a ghearradh dhi.
      • 1849
        Fear-tathaich nam Beann XVIII 542
        Bhiodh na soith’chean-spùinnidh ud ri’m faicinn ré nan seachduinnean a’ seòladh air an ais ’s air an aghaidh air còrsan Africa, dìreach coltach ri fithich a bhiodh ag itealaich os ceann closaich a’ feitheamh fath gu cromadh oirre gu a leòbadh as a chéile.
      • 1872
        An Gaidheal I 119
        Eaglaisean agus tighean costail eile a tha gu h-iomlan air an deanamh suas de chlachaibh anns nach ’eil dad ach sligean is closaichean nam béistean marbha a chruthaich Dia lìnntean gun àireamh roimhe so.
      • 1877
        An Gaidheal VI 20
        Faicidh e an sionnach na ’laidhe, mar shaoil esan, na ’chlosaich mhairbh.
      • 1890
        Popular Tales II 42
        ’Sa’ mhaduinn, ’n uair a dhùisg iad, chunnaic iad dà fhitheach dheug a tighinn, ’s laidh iad air closaich an eich.
      • 1899
        Mac-Talla VIII No. 7. 49
        Bha iad [sc. na seangain] a’ deanamh feum mòr anns na fàsaichean ud; oir bha iad ann an ùine ghoirid ag itheadh closnaichean a’ chruidh fhiadhaich a bhiodh daoine sealg gus na seiceannan a thoirt dhiubh.
      • 1905
        Naigheachdan Fìrinneach I 75
        Thog mi air mo ghualainn closach an fhéidh.
      • 1938
        Am Measg Nam Bodach 72
        Bhiodh tarbh òg air a bhualadh marbh le buille de thuagh-chatha an fhir leis am bu mhiann a bhi ’n a Bhuandaiche. Agus an uair a bhiodh closach an tairbh fathast blàth dh’fheumadh e cas deiridh an tairbh a shnìomh ás a’ chlosaich le a làmhan rùisgte gun arm gun eile.
      • 1954
        Gairm 7 218
        Smùid de “Aerosol” orra [sc. na cuileagan] ’s tha iad deis. Nam faiceadh sibh na closaichean a bha mu’n uinneig an uair a dh’fheuch mi an “Aerosol” an toiseach.
      • 1968
        Sporan Dhòmhnaill 95
        Chan eil cruinneachadh, cuirm, no ceòl, | No féill, no danns’ bheil dram ri òl | Nach faicear thu ’s do shùil ri stòp, | Mar chù ’s do shròn ri closnaich ann.
      • 1972
        Gairm 79 217
        An taobh a-stigh de sheachdain fhuaireadh closaichean marbh dhà no trì de choin sheilg Mhic-Ille-Chaluim ann an tiùrr an làin.
      • 1979
        Deireadh an Fhoghair 4
        Bha amharus aige gun dh’fhalbh an clamhan seach nach robh closaichean cho pailt ’s a b’àbhais dhaibh a bhith.
      • 1984
        Gairm 128 312
        Shluigeadh e [sc. an dìneosor] gach closach eile a bha san àite, ’s eadhon an dèidh sin cha bhiodh e air a lìonadh.
      • 1995
        Hiort 123
        Thug e ann an Ameireaga aon bliadhna deug ’s an cianalas ga lèireadh. “Nam biodh agam,” ars esan, “glaim à closach bùthaigir, thogadh e dhìom mo neòil.”
      • 2001
        Gairm 194 119
        Nach robh bainne blàth, bainne tiugh, blàthach, meug, ìm agus bàrr a’ tighinn bhuapa [sc. an crodh] agus aig a’ cheann mu dheireadh chumadh closach bà feòil-gheamhraidh ri iomadh teaghlach.
      • 2015
        Sgeulachdan Sa Chiaradh 66
        Bha fiadh aige air a dhruim. […] Thuirt e gu robh thu air leigeil roimhe. […] ’S nach b’ urrainn dhàsan dà chlosach a shlaodadh gu baile.
    • I.1.c. The dead body of a supernatural or fabulous being.  

      • 1891
        Waifs and Strays III 131
        Le ròmhan mòr tiamhaidh thuit am Famhair ’n a chlosaich mhairbh air a’ bhlàr.
    • I.2.a. The living body of a person.  

      • 1801
        Mac ghrigair Orain Ghaelach 67
        Be ’n eiric a b-fhearr leo, | Closaich bhi ga ’n reubadh, | ’s fuil blath ga dòrt.
      • 1841
        Sar-Obair 338
        Rann do’n Leisg. […] Do sheann chlosach bhruchdach, lachdunn, | ’S miann leat coimhearsp bhuan an rosaid, | Dealbh na gorta sgaoil mu t-asdail, | Thu fo’n lùirich na d’ chuail chnàmhaich.
      • 1875
        An Gaidheal IV 172
        ’S ann a bha seòrsa nàire orm mo chlosach mhòr mhi-loinneil a chàradh ann an leithid de ghrinneas [sc. braithean-lìn], a dh’ fhoghnadh do bhan-phrionnsa air oidhch’ a bainnse!
      • 1912
        Dùn Àluinn 110
        Thusa, a sgumalair gun mheas, a thilg do chlosach thruaillidh, shalach air fàradh lobhta druth-lann nan gaorsach, gus an do lean pàirt diubh ri d’ fheòil mar leanas cartan donn.
      • 1932
        Litrichean Alasdair Mhoir 41
        Co thigeadh a steach do ’n charbad anns an robh mi ach cailleach neonach neonach. […] Cha toireadh tu tri sgillinn air gach stiall aodaich air a closaich.
      • 1958
        Gairm 24 353
        Ma tha na casan fuar, chan eil dòchas sam bith gum bi an còrr de’n chlosaich blàth.
      • 1967
        Gairm 59 263
        Thainig madainn Diardaoin agus shlaod e e fhéin ás an leabaidh—bha an spiorad deònach ach cha robh an corp ach anmhuinn. Ghiùlain e a chlosaich do’n eaglais le ceum trom.
      • 1983
        Suileabhan 87
        ’Sann a ghabh mise feagal gu robh mi air a mharbhadh. Bha e fuar fann gun labhairt, ’s cha chreideadh tu gu robh na thàinig às de dh’fhuil air a thighinn às an aona chlosach!
      • 1989
        Gairm 148 372
        A chuilean na muice, ma gheibh mi grèim ort, chan fhàg mi cnàimh ’na do chlosaich ghrànda nach pronn mi.
      • 1998
        Òrain Red 28
        Thilg mi m’ sheacaid is mo bhonaid, | Mo bhriogais le na galaisean, | ’S a’ treabhadh às mo lèine | Gum b’ èibhinn an sealladh mi. | Mus tàinig beul na h-oidhche | Bha cuimhn’ aig mo chlosaich air.
      • 2001
        Gairm 195 207
        Chaidh fear-na-bainnse ’n laigse. […] Thàinig Dòmhnall-nam-fonn ’s cuinneag mhòr aige làn gu bus. […] Dhòirt Dòmhnall an tuil ud air closaich an fhir a bha ’na shìneadh.
      • 2006
        Shrapnel 10
        Dh’fhosgail an Uireasbhaidh a shùilean trom silteach anns an Infirmary, gu math infirm. Bha snàthadan anns gach gàirdean, pìoban caola a’ falbh bho gach taobh dheth gu botail a bha a’ glugadaich os a chionn a’ brùchdail mu bhonn na leap. Bha iad a’ cur fuil agus uisge saillt dhan chlosaich.
    • I.2.b. The living body of an animal.  

      • 1792
        Mac’coinnich Orain Ghaidhealach 5
        ’S b’ aobhar truais gun bhreug a Ghailic, | ’S i gun neach e bheireadh sùil orr’, | Mar chlosaich air chùl-thaobh gàraidh, | Tèas an la toirt a lùth’s uaip’, | ’S i fad as air chùl a cairdean.
      • 1900
        Mac-Talla IX No. 14. 112
        Tha ’n damhan-alluidh nise tighinn a mach agus ni an seillein greim air. Cha ’n ’eil e ’ga mharbhadh gu buileach, tha e ’ga fhagail leth bheo air fheumas fhein. Tha e rithisd a tional creadha agus a deanamh cos na uamh anns am bi e cuir closach nan damhan-alluidh bloigh marbh.
      • 1992
        Gairm 161 70
        Bha badan dhan chlosaich [sc. caora] nach robh idir farasda a lomadh.
      • 2014
        Casan Searraich 21
        Ruith mi null agus chuidich mi mo sheanair ag anacladh an t-Sàtain [sc. an coileach]. Fann, rag ’s mar bha e, cha robh e duilich closach a bheathaich a spìonadh a-mach as an lion sgadanach.
      • 2014
        Casan Searraich 295
        Bhuail an sgait an sgoth dìreach fo far an robh mi nam shuidhe agus, an uair sin, lean i oirre fon eathar. Sgròb i a druim ris na bùird mar gum biodh i a’ sgrìobadh mhaoraich far a closaich.
    • I.2.c. The living body of a supernatural or fabulous being.  

      • 1973
        Nach Neònach Sin 53
        Tha an Droch Spiorad a’ tighinn a seo a nochd, ’s tha mi son a bhi deiseil air a shon. Seo deise gheal na glaine, tha air leth éifeachdach an aghaidh chuilbheartan Shàtain, agus sin am bior leis an cuir mise mo chomharra air a’ chlosaich aige.
      • 1973
        An Aghaidh Choimheach 115
        Eilean beag cruaidh a bh’ann, mar chlosach uilebheisd, cnàmhan corrach cloiche air nochdadh, bian tolltach tana, uilebheisd, a bha a’ bàsachadh ri feitheamh ri òrdugh gluasad a thighinn á àiteigin.
    • I.3. The torso and limbs of a person or animal.  

      • 1874
        An Gaidheal III 359
        Tharruinn e’chlaidheamh; thionndaidh e ’chul; ’s thug e ’n ceann dith [sc. steud] le sgath bhuille; ’s dh’ fhag e ’n ceann ’s a’ chlosach an siod.
      • 1959
        Gairm 27 253
        Mur b’ e gur fear dàimh fad as dhòmhsa thu chuirinn dealachadh eadar do cheann ’s do chlosnaich gun an tuilleadh deasboid.
      • 1998
        Òrain Red 42
        Ach an-diugh ’s ann thuirteadh riumsa | Nach b’ e duine rinn mo chall-sa, | Gur ann dh’fhàs thu, ghràidh [sc. a’ chaora], cho trom | ’S nach giùlaineadh do cheann do chlosach.
    • II. In figurative use.
    • II.1.a. A derogatory term for a person; a person viewed as sharing some characteristics with a corpse or carcass.  

      • a1812
        Orain Dhonnchaidh Bhàin (1978) 324
        Aoir Anna […] Closach i air seargadh, lachdann, | ’S cosmhail i ri dealbh na leisge.
      • 1848
        Fear-tathaich nam Beann X
        F. ’Saoil mi féin ciod is ciall de “ghlòir an Revolution” air am bheil Paddy Bowls so ’tighinn thairis co tric? C. Tha ùbraid agus aimlisg […] a h-uile aon aig am bheil beartas ’na chlosaich fo na béisdean so a tha mar eòin lonach ’g an riasladh mar a thogras iad.
      • 1872
        Fear-tathaich Miosail March 3
        Cha-n ’eil beatha spioradail aig a mhichreidmheach. Is e th ’ann corp marbh a’ coiseachd, closach a’ gluasad, corp anns am bheil bàs an àite beatha.
      • 1987-88
        DASG Fieldwork Archive Garrynamonie, South Uist
        Closnach | applied to a scrawny, poorly looking person.
    • II.1.b. A big, heavily-built person.  

    • II.2. The old year depicted as a body to be buried at New Year.  

      • 1867
        Caraid nan Gàidheal 618
        Cha luaithe a thilg an t-seana bhliadhna an deò, na a ghrad chuireadh a mach a closach do shlochd na dì-chuimhn’ maille ri ùir a sinnsear.
    • II.3. A negatively perceived thing or event depicted as a corpse.  

      • 1898
        Mac-Talla VII No. 10. 78
        Ma bheir “Cona” sùil air ais thairis air an ùine fhada a bha iad [sc. ar luchd-riaghlaidh] ann san riaghladh, chi e iomadh closnach ghrannda, sgainneal, mar chlacha-mìle a comharrachadh a mach na slighe air an d’ imich iad, gun a bhi leigeil ris moran gliocas, ionracas na onair.
      • 1944-46
        Hay Collected Poems (2003) 139
        Gabh ealla ris an t-saoghal mhosach. | Chan eil ’na bhòidhchead is ’na shodal ach gile oillteil duine lobhair. | A bheairteas uile, ciod e ach closach?
    • II.4. An unshapely object.  

      • 1917
        An Deo-gréine XII No. 8. 119
        Tha cuid ann ’tha smaoineachadh gur e an Gaidheal, burraidh duine, mi-smaointeachail, aineolach, air éudadh ann an trusgan mi-thlachdmhor, closaichean móra de bhrògan air, agus cuaille de bhata ’n a laimh.
    • II.5. An abstract entity or organisation in the last stages of its existence.  

      • 1917
        An Deo-gréine XIII No. 2. 34
        Cha ruig Cuideachd-an-Ionnsachaidh (le toil nan Gaidheal) a leas ach a’ chlosach bhochd—a Ghaidhlig—fhàgail ’na sìneadh mar a tha i, gus an tràigh am boinne mu dheireadh aisde.
      • 1918
        An Deo-gréine XIII No. 9. 130
        Tha na Philistich a’ feitheamh gus an tràigh am boinne mu dheireadh aisde [sc. a’ Ghàidhlig], An sin theid a’ chlosach a chur fo chùraim nan àrd ollamhan a chum gu rannsaichteadh i mar a bhios na leighean a’ gearradh ’s a’ rannsachadh cuirp.
      • 1979
        Gairm 105 54
        Cho fada is a ghleidheas an Eaglais Shaor teagaisgean nan saor-ghràs chan eagal di ach aon uair is gun leig i gliocas an t-saoghail a-steach a riaghladh taigh Dhè bidh spiorad an Tighearna ga trèigsinn agus bidh i na closach mharbh.
    • III. In extended use.
    • III.1. The remains or wreck of a boat or motor vehicle; the body of a spaceship, vehicle, etc.  

      • 1829
        Orain le Rob Donn 209
        Rann air long Ruspuinn […] Bha ’n t-sean chlasach do ’n t-sean spreisneach, | Dh’ fhàg seana chòrsair, de ’n t-seana bhrac.
      • 1960
        Gairm 33 75
        Bha am feur a’ fàs troimh chlosaichean sgothan móra an sgadain air an Sgaoilteach.
      • 1967
        Gairm 61 25
        An Long-adhair […] Cha robh Calum riamh ainmeil airson fhoighidean: thug e stràic dh’an bhata aige air closach na luinge, “airson na gealtairean mosach a phibreachadh suas.”
      • 1995
        Hiort 156
        Nuair a las iad an dynamite bha brag ann a chuir a h-uile eun a bha ceithir-thimcheall Hiort air iteig. Gu h-iongantach, dh’fhuirich closach na Sunderland [Flying-boat] slàn mar a bha e.
      • 1997
        Gairm 180 344
        Bhuail i ann an oisean bùtha, agus chaidh an càr bun-os-cionn […]. B’ ann tron uinneig a shlaod iad an corp a-mach á closach mhillte a’ chàir.
      • 2000
        Gairm 192 369
        Closach carbaid […] Bha a’ chlosach suidhichte air taobh thall an rathaid bho thaigh bràthair mo mhàthar.
      • 2005
        Na Klondykers 46
        Cha b’ fhada gus an do ràinig iad closach mhòr dhorch a’ bhàta. ’S i aon dha na bàtaichean bu mhotha a bh’ anns a’ bhàgh.
      • 2014
        Caogad san Fhàsach 184
        A’ bruidhinn air dump, […] nach garbh na tha de chlosaichean chàraichean aig taigh Piseag Aonghais Òig. Chan eil càil an siud ach meirg.
    • III.2. The ruins of a building.  

      • 1875
        An Gaidheal IV 144
        B’ fhearr leam gu’m bitheadh Dun-Olla, | Air a phronnadh le ord-cèardaich; | A’s caisteal nan gasil (?) an toiseach, | ’N a chlosaich os cionn Chearnburg.
      • 2014
        Caogad san Fhàsach 255
        Thòisich mi aig taigh Mhurchaidh Alasdair. […] Cha robh càil ri fhaicinn am broinn na closaich ach corra phìos fiodha agus lìonmhorachd de dheanntagan.
      • 2014
        Caogad san Fhàsach 259
        Thug Murchadh Alasdair sùil a-steach do chlosach an taigh-coinneimh. Cha robh sgeul air cùbaid no air suidheachan.
    • III.3. The smouldering remnants of a fire.  

      • 1953
        Gairm 4 26
        Bha e a nise ’na làn-dhùisg […] a’ toirt fainear dha […] lasair a dh’éireadh air uairibh mar bhratach geal os cionn closaich an teine mhònadh taisgte air a’ chagailt.
    • III.4. The basis or underlying structure of an enterprise.  

      • 1959
        Gairm 29 11
        Tha Gairm a’ pàidheadh dhaibh [sc. luchd nan sanasan-reic], agus tha iadsan a’ pàidheadh do Ghairm. Sin na cnàmhan agus a’ chlosach. Cha shoirbhicheadh iadsan gun an t-anam, as aonais an fheadhainn a tha a’ cumail sgialachdan agus bàrdachd agus dealbhannan rinn.
    • III.5. The trunk of a tree being cut down.  

      • 1983
        Suileabhan 80
        Bhuail mi an smiogaid aige le m’uile neart. […] Thug am bonnsair ùine ’na sheasamh mus do dh’fhalbh an lùths as na h-uilt aige. Seo thuit e, fèir man closach craoibh a leagadh tu ann an coille.