tlàm n.m.
forms
singular
nominative
- a1759NLS Adv. MS 72.2.12 p. 6, line 18 Tlam ghorrthaig air cuigeal chrionnaig.
- 1768mac-an-t-saoir Orain Ghaidhealach 152 Gheibh mi tlám.
- 1842Cuairtear nan Gleann III 149 Cha b’e an tlàm a bh’ air a chuigeil.
genitive
- 1923
dative
- 1923
plural
nominative
- a1905Gaelic Words from South Uist (1958) 243 Tlàman [...] handfuls.
senses
I.1. A handful, chiefly of wool.
- 1768Mac-an-t-Saoir Orain Ghaidhealach 152
Gheibh mi tlám a chlóimh nan caorach, | O’na tha mi dh’ eudach falamh. - 1891Nic-a-phearsoin Dàin agus Orain Ghàidhlig 33
Chan ’eil bean ann an Cinn-tàile, | ’N Gearrloch ’s fad nan criochan, | Nach cuireadh thugainn miarag ’s tlàm, | De ’n chlòimh is fheàrr, gu fialaidh. - 1891Nic-a-phearsoin Dàin agus Orain Ghàidhlig 33
Tha iomadh dhe ar càirdean, | A bheir tlàm dhuinn feadh na dùthcha, | Gum faigh sinn clòimh Austràlia, | Ni breacan Màiri Uisdein. - a1905Gaelic Words from South Uist (1958) 243
Tlàman [...] handfuls. - 1944
I.2.a. A lock of wool on the distaff.
- a1759
- 1923An Deo-gréine XVIII No. 9. 130
Bha a’ chuigeal air cumadh slaite, mu thrì traighean am faide. Bha gòbhlag air bhàrr na slaite gu teannachadh an tlàim chloimhe. - 1923An Deo-gréine XVIII No. 9. 130
Chuireadh i an fhearsaid mu’n cuairt mar ghille-mirean le aon ghailleig de a meòirean, agus an sin leis an dà laimh bhiathadh i an fhearsaid le snàth ó an tlàm.
I.2.b. In figurative use: a strand of culture, mythology etc.
- 1985Gairm 130 187
Cho math ri eileamaidean eadar-nàiseanta a gheibhear ann an sgeulachdan air feadh an t-saoghail, tha sgeulachdan a’ Mhabinogi a’ toinneamh a-measg a chèile iomadh tlàm dhen t-seann dualchas Cheilteach a bhuineadh do Ghàidheil ’s do Chuimrich, an Eirinn ’s am Breatain.
I.3. A small amount, especially something plucked or grazed.
- 1907Naigheachdan Fìrinneach II 128
Tha e coltach gu ’n robh cuid de ’n tuath-bhig a bha crìochadh ri fearann a’ mhinisteir a’ meas nach robh coire no cron ann a bhi leigeil leis a’ chrodh, tlàm no dha a thoirt á gart a’ mhinisteir.
- II. In sense I.2.a. above in set phrases or proverbial use.
II.1. Cha b’ e an tlàm a bha air a chuigeil literally ‘It was not the lock of wool on his distaff’, to have something else in mind, to have other ideas.
- 1842Cuairtear nan Gleann III 149
Wallace ag iasgach bhreac, agus Albainn na tom-coin do na Sasunnaich! Cha b’e an tlàm a bh’ air a chuigeil—cha b’e an t-iasg airson an do bhiadh e ’dhubhan! - 1881Nicolson Proverbs 81
Cha b’e an tlàm a bh’ air a chuigeil. That was not the stuff on his distaff. I hae ither tow on my rock.—Scot. She hath other tow on her distaff.—Eng.
II.2. Tlàm gòraig air cuigeal crìon(t)aig literally ‘A foolish woman’s lock of wool on an industrious woman’s distaff’, a resourceful person can make use of something a careless person discards. Also, Tlàm crìontaig air cuigeal gòraig literally ‘An industrious woman’s lock of wool on a foolish woman’s distaff’.
- a1759NLS Adv. MS 72.2.12 p. 6, line 18
Tlam ghorrthaig air cuigeal chrionnaig. - a1927
- 1966TAD: School of Scottish Studies Archive SA1966.083.A1c-e
Tlàm gòraig air cuigeal crìonaig. […] Sin a’ ciallachadh gum biodh clòimh na tè a bha mì-chùramach gun gabhadh boireannach gleusta i ’s gun cuireadh i gu feum i.