Skip to main page content

feàrna n.f./m.

[eDIL 1 fern]

forms

singular

nominative

genitive

dative

senses

  • I.1.a. The alder tree; an alder tree. Also collective. Quot. 1804 Stewart Cochruinneacha Taoghta 583 may be an example of the Early Gaelic usage meaning ‘a shield’.  
    • 1785
      Macintosh Proverbs 37
      Is oghar gach sean, ’s geal gach nodha gu’n nuig snothach an fhearna.
    • 1786
      Kennedy Co’ Chruinneachadh Laoidhe 107
      Latha do bhitheamar gu mear, uaibhreach, | A Mhacaidh ud is guirme suil; | Aon fhocal air leas an anama, | Gur seirbhe bhlas no’m fearnn ur.
    • 1804
      Stewart Cochruinneacha Taoghta 583
      Le sealladh na fearna [Glossary Fearn, a shield] doi-threun | Chunnaic mi, Fhearguith, gun bhèud | An taibhse dh’a ’n robh trein’ na h-oich, | Gun fhocal sheas e air bruaich.
    • 1828
      MacLeod Co’Chruinneachadh 227
      Thainig piaid luath na gleadhraich, | Shuidh i air grod-mheur còsach fearna.
    • 1835
      An Teachdaire Ùr Gàidhealach 11
      Mu thimchioll a’ ghàraidh bha doire tiugh do’n drumanach no do’n fhearna, mar fhasgadh o’n doininn dhéin a bha air uairibh a’ taosgadh a nìos o àirde na beinne.
    • 1848
      Fear-tathaich nam Beann VIII 236
      Am measg nan seòrsa éugsamhla fiodha tha ’fàs ’sa Cheap [sc. Ceap Bretoin], féudar na leanas ainmeachadh […] caoran,—beithe,—fearna.
    • 1875
      An Gaidheal IV 366
      Seileach alld, calldann chreag, fèarna a’ bhuig, beithe a’ chnuic, darach an dubhair, agus uinnseann an deiseir.
    • 1902
      Mac-Talla XI No. 9. 68
      Bha agus tha na luibhean feumail am measg nan Gàidheal airson dathan […] Bha am fraoch, am fearna, an seileach, agus an seileasdair nan dathan.
    • 1904
      Guth na Bliadhna I 398
      ’Nuair a thainig mi ’n toiseach air an àite […] agus tigh m’ athar a cur suas toit chàirdeil am measg na feàrna aig lùib na slighe.
    • 1917
      An Ròsarnach I 21
      Chunnaic na Goill, mar chunnaic na Gàidheil, a’ chraobh iriosal is tric a sgaoileas a sgàil thar an uillt agus luaidh iad a h-ainm Gaidhealach, ‘the arn,’ an fheàrna.
    • 1927
      Guthan o na Beanntaibh 157
      Tha an abhainn air at leis an tuil […] a’ taomadh eadar coille challtuinne is bruachan fheàrna.
    • 1957
      Gairm 22 128
      Tha mór thoileachadh agamsa ’cur sìos an so ainmean nan luibhean a bhithinn a’ cluinntinn ’nam bhalach agus an fheum gus an robh iad air an cur, no co-dhiùbh na dathan a bha air fhaotainn uapa […] Dath Dubh:—seilisdear, feàrna, grainnseag, preas nan àirneag, agus copag.
    • 1959
      Gairm 27 233
      Gheibhear an fheàrna gu tric ’s a cas anns an uisge, oir am bitheantas cinnidh i aig taobh nan allt.
    • 1976
      Bith-Eòlas 107
      Tha feadhainn eile a’ fàs air ùir a tha gann de naitrodean, agus tha iad a’ faighinn naitrodean […] le bhith deanamh cleamhnas ri bacteria àraidh anns an ùir a tha comasach air naitrodean ás an àile a chur ann an cruth a tha freagarrach do’n luibh fhlùranaich: mar eisimpleir, clòbhair agus feàrna.
  • I.1.b. Chiefly in verse: (a part of) the alder tree in figurative context in reference to a person’s negative qualities.  
    • a1729
      Bàrdachd Shìlis na Ceapaich (1972) 72
      Cha robh do dhàimh ris a’ chritheann | Na do dhligheadh ris an fheàrna.
    • 1751
      Ais-Eiridh 180
      Go toil lium Cailein ghlinn-iudhair, | B’ fhearr lium go ’m b’ iudhar ’s nach b’ fhearna; | O thréig e nador a mhuinntrioch, | ’S gann a dh’ fhaodar cuim thoirt dhásan.
    • 1776
      Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaidhealach 320
      Tha chuid is mo dhiot do chrithinn, | Ingin sgithich ’s lamhun fearna, | Tha do cheann gu leir do leamhan, | Gu h araidh do theanga ’s do chàirein.
    • 1785
      Macintosh Proverbs 61
      Sniomhaidh tighearna fearna tuathnach daraich.
    • 1875
      An Gaidheal IV 144
      Friamh thu ’n fhèarna mhosgain, | Am bàrd bréun ascaoin, | Sìol nan déirceach ’s taine trusgan | Am fìor-losgunn de’n àl-phrasgain.
    • a1886
      Clàrsach nam Beann (1937) 62
      Mo chreach air an là sin | A thug mi mo làmh dha! | Cha robh ann ach feàrna ’n uair b’ uaine e— | Stoc reudanach, gealaicht’ | Gun duilleach, gun fhaillein.
  • I.1.c. ?A part of the alder tree used in the context of bringing cows in and milking them. The usage is unclear and this citation may belong elsewhere.  
    • 1813
      Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha 362
      Cleas na siomlaiche bàtha; | Thig do ’n bhuailidh gu sìobhalt, | ’N deigh a laoigh a chur bàs oirr’; | Bheir am boinne gu sanntach, | Gun chrann-laogh gun fhearna.
  • I.2. The wood of the alder tree.  
    • 1768
      mac-an-t-saoir Orain Ghaidhealach 4
      Dh’fhag é [sc. an cloidheamh] mo chruachansa bruite | Bhi ’ga ghiulan feadh an rathaid, | ’Sé cho trom ri cabar fearna.
    • 1785
      Macintosh Proverbs 50
      Is olc a chleth fhearna nach toir bhiadhna [recte bliadhna] do ’n ursainn.
    • 1846
      An Seòl air an Glacar […] an Sgadan 21
      Ta an sgadan againne […] air a shailleadh le salann Liverpool, agus air a dheanamh suas ann an clàraibh beithe, no feàrna.
    • 1873
      An Gaidheal II 182
      Sgoltadh Fiodha. Gach fiodh ás a bhàrr | Ach am feàrna ás a bhun.
    • 1899
      Mac-Talla VIII No. 9. 66
      Tha mise gradh riut gu’n robh cuid a sud nach do chuir dragh air eaglais o chionn “bliadhna-na-braoisg”—mar a tha Alasdair-na-cois-fhearna, Ceit Iain Mhoir, Cailein-nan-breug, agus Dughall Rothach.
    • 1931
      Òrain Fuinn is Cladaich 39
      “An t-eilean beag granda, am blàths chan eil ann,” | Poit tea ann an òrdan, ’san stòbh cha robh ann, | Ach teine beag feàrna, obair phàisdean a bh’ann.
    • 1955
      Folksongs and Folklore of South Uist 44
      Diùghaidh sìde, fliodh shneachda, | Diùghaidh connaidh, fearna fhliuch.
    • 1984
      Gairm 127 223
      Mar bu trice, bha an làmh-mhaide [sc. den chas-chrom] de dh’fhiodh beithe. Ged a bha cuid a’ cleachdadh feàrna, bha am fiodh sin furasda a bhriseadh, co-dhiù nam biodh e dhà no tri bhliadhnaichean a dh’aois.
  • I.3. The name of the letter f.  
    • 1883
      Gaelic Names of Plants 13
      It is worthy of notice that all the letters were called after trees or plants […] F Fearn. Alder.
    • 1972
      Gairm 78 177
      Faclair ciùil. […] F (note)—(ef – feàrn).
    • 1994
      Gairm 166 149
      Chunnaic sinn, anns an ath-shealladh litrichean na h-aibidile […] F = Feàrn.
  • II. As a modifier.
  • With crann n. and craobh n.: the alder tree; an alder tree.  
    • 1741
      Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 65
      Do Thaobh Chrann neamhthorrthannach no aimrid. Of Barren Trees. Crann Fearnna The Alder or Arn-tree.
    • 1872
      Leabhar na Feinne (1872) 35
      ’N uair a rugadh an leanabh ghaoid i leatha e do choille fhàsaich, agus rinneadh àite dha ann a’m broinn craoibh mhor-fhearna.
    • 1903
      Mac-Talla XI No. 26. 206
      Thugadh seachad na duaisean ann an doigh a bha taitneach, le Rìgh Chamarailia ’n a sheasamh air stoc craoibh-fheàrna.
    • 1917
      An Ròsarnach I 187
      Leagaidh iad an anail air a’ bhruaich thall fo dhubhar nan craobhan fearna.
    • 1927
      Guthan o na Beanntaibh 271
      Cha bu rìgh ach rìghrean a bha an Albainn an uair ud. Cha robh iad cho pailt ris na craobhan feàrna gun teagamh.
    • 1956
      Gairm 18 117
      Tha dà eilean air an loch […] Bha, aig an àm ud co-dhiùbh, an t-aon bu mhotha dhiubh còmhdaichte gu h-iomlan le craobhan beithe is feàrna.
    • 1996
      Faclan is Abairtean à Ros an Iar 16
      Alder trees, criùbhan feàrna.