Skip to main page content

làmhainn n.f.

[eDIL lámann]

forms

singular

nominative

genitive

dative

plural

nominative

genitive

dative

senses

    • I.1. A glove; a mitten. 

      • 1512-42
        Book of the Dean of Lismore 33
        Ben ī nollew gley vinni gi glor ʒa gānit schee | ben̄ alyn oog ȳ lawin [Gillies (2007) 42 lámhainn] or ʒi chedlit ß sche. 
      • a1707
        Orain Iain Luim (1964) 176
        Gach nì shir e gu làimh dha, | Leig sibh fodhaibh ’nar sìneadh | Cho mìn ris an làmhainn.
      • a1729
        Bàrdachd Shìlis na Ceapaich (1972) 80
        ’Nuair théid sibh thun na féille | Na géillibh do luchd nan gibhtean; | […] | Ged a gheibh sibh làimhnean, | Fáinne no deise ribean, | Is daor a nì sibh phàidheadh | ’Nuair dh’àrdaicheas air a’ chriosan.
      • 1741
        Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 18
        Lámhainn A Glove | Mitagin no Lamhinnin a dobair dhelga Mittens.
      • 1741
        Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 52
        Lámhuinnair, Fear Dheánamh Lámhann A Glover.
      • 1776
        Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaidhealach 86
        Cha bhiodh buannachd do d’ nàmhaid, | Dol a dh’ fhuasgladh uait làmhuinn, | Bha n [sic] buaghach ’s gach àite.
      • 1786
        Gillies Sean Dain 206
        A Bhanarach mhiagach | ’S e do ghaol thug fo chìs mi, | ’S maith thig lamhinnean siod’ | Air do mhin-bhosabh bàna’.
      • 1801
        Mac ghrigair Orain Ghaelach 50
        ’N uair nach gabhadh e àicheadh, | Gun do narachadh beò; | […] | Le bagradh bha granail, | Gus ’n do sharuich e t-fheòil, | ’N sin ghearr thu a lamhainn, | ’S cha bu chearr thu a sheòid.
      • 1813
        Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha 205
        Gur mor a b’ annsa leam an cailein, | Cho chaol mala ’s ibht’ an lòin-duibh, | Ga ’m biodh an stiom air son anaird, | ’Sa lamhannan geala mu dornaibh.
      • 1829
        An Teachdaire Gaelach I 139
        Tha iad [sc. duilleagan tì] air an trusadh leis an fhaicill is mò, agus cha bheir iad oirre nan làmhaibh gun làmhainnean grinne bhi umpa.
      • 1867
        Caraid nan Gàidheal 179
        Feadhainn nach do chuir boinne falluis diubh riamh ’n an dùthaich fhéin, mur d’rinn iad e a’ dannsadh ’s a camanachd—spagluinnich amaideach nach crathadh ultach feòir ris a’ ghréin gun làimhnean leathraich orra.
      • 1881
        Clàrsach na Coille 33
        ’Se féin an t-òg aoibheil | ’Tha flathasach caoimhneil, | […] | Lann thana, gheur, grinn air | De ’n stàilinn bu ruighne | ’S neul fala gu ’roinn oirr’ | N’ am faoighneachdteadh làmhainn.
      • 1890
        Waifs and Strays II 314
        C’ àit an d’ fhuair thu ’n làmhainn bhriagh ’bha ’mach air beul a’ phoc’ agad?
      • 1900
        Mac-Talla IX No. 17. 136
        Tha stoc math de dheagh Lamhannan Geamhraidh direach air tigh’nn a stigh.
      • 1901
        Mac-Talla IX No. 34. 259
        An uair a bha sinn ris a’ bhuain cha togadh i sguab dhe ’n arbhar gun lamhannan làidir leathair a bhith air a basan mìne, geala.
      • 1918
        Watson Bàrdachd Ghàidhlig 193
        An uair a ruigeadh tu an fhéill | Is e mo ghear-sa a thig dhachaidh: | Mo chriosan is mo chìre | Is mo stìomag chaol cheangail. | Mo làmhainne bòidheach | Is déis òir air am barraibh.
      • a1939
        Smeòrach nan Cnoc ’s nan Gleann 129
        Sud an leoghann ghuineach, bhreun | […] | Nach gabh giorag ’n ám na h-iomairt | Roimh roinn bhiorach, stàilinn; | An ám na sith a tha cho mìn | Ri sìoda bhiodh an làmhainn.
      • 1976
        Odusseia Homair 338
        ’Na aonar bha athair, nuair thàinig e air-san, | ràcadh mu mheacan ’san fhìon-lios dheagh-shuidhichte, uime ’ga chòmhdach | léine mhi-chiatach, shalach is ghròbte […] | ’s làmhainnean timchioll a mheur air sgàth nan dris.
    • I.2. A gauntlet, an armoured glove. See also II.2. 

      • 1870
        Meinne Comhchruinneacha 212
        Gum beaunuiche Dia air claidhmhean, | ’S air lannan spainteach geur-ghlas, | Air luirichean troma maillich, | Nach geairte le faobhar tais, | Air lamhannan cruadhach ’s air gorsaid, | ’S air sciathan ean-dealbhach dualach.
      • 1998
        Gairm 184 361
        Gu h-àrd sna stiorapan sheas an Rìgh, | Is thog e ’n tuagh os cionn a chinn, | Nuas air De Bohunn san dol seachad | Thuit a’ bhuille dheireann, chruaidh | […] | Spealg bho grèim na làmhainn gun ghlais | Phràisich cas na tuaith.
    • II. With a modifier.
    • II.1. With cat n. + leacan n.: navelwort, wall pennywort. 

      • 1883
        Gaelic Names of Plants 27
        Cotyledon umbilicus—Navel-wort, wall-pennywort. Gaelic: lamhan càt leacain, the hill-cat’s glove.
    • II.2. With iarann n.: an iron gauntlet. See also I.2. 

      • 1741
        Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 115
        Lamhunn iarainn, Eididh lámh A Gauntlet.
      • 1868
        An Duanaire 36
        Tha buaidh ort nach faodar àireamh: | Chuireadh tu gloin ann an sgàthan, | Dheanadh tu minidhean céire, | Chuireadh tu téudan ’an clàrsaich! | Dheanadh tu làmhainnean-iarainn, | Chuireadh tu bial ann an sporain.