Skip to main page content

làrag, learag n.f./m.

[(a) Lat. larix, cf. OED larch; (b) DSL larick, cf. FGB learóg]

forms

singular

nominative

genitive

plural

genitive

senses

    • 1. The larch tree; a larch tree.  

      • (a)
      • 1883
        Gaelic Names of Plants 73
        Larch. Gaelic and Irish: laireag.
      • 1962
        Gairm 40 362
        ’Se craobh-dhuircein a tha anns a’ ghiuthas, maille ris an spruis, làrag, an seudar is iomadh seòrsa giuthais eile.
      • 2001
        Gairm 195 238
        Aig àm a’ chogaidh mhòir mu dheireadh bha an t-uabhas fiodh de gach seòrsa a’ tighinn air tìr air cladaichean an Eilein agus a latha bha seo lorg m’athair cnap mòr fiodh làrag air a mhol.
      • (b)
      • 1913
        Lost Pibroch 22
        Bha boladh bog nan learag anns an fhàileadh agus bha Gleann Aora a’ bristeadh fo bhlàth aig brosnuchadh an Earraich.
      • 2014
        Casan Searraich 43
        Bha iad nan seasamh aig oir na garbhlaich agus iad air an cuairteachadh le tiùrran de dh’ fhiodh dearg-gheal a’ ghiuthais agus an learaig.
      • 2014
        Casan Searraich 43
        Leis na bha e air a chosnadh de dh’ fhiodh learaig a’ ‘Chonvallaria’, rinn m’ athair callaid a bha a’ dùnadh na pàirce-feòir a bha (agus a tha) anns an lot againn.
    • 2. The wood of the larch tree.  

      • (a)
      • 1994
        Gairm 168 358
        Mo bheannachd aig a’ Charpentear | A thog am bàta ruadh, | Chuir giubhas agus làrag innt.
      • 2000
        Gairm 192 328
        Bha e fhèin, agus caraid air an robh Tormod ag iasgach a-mach á Steòrnabhagh le eathar air an robh “Oiteag”, eathar fhosgailte, naoi troighean deug air an druim agus ar a deagh thogail le darach is làrag.
      • 2014
        Casan Searraich 379
        Sheall e dhuinn seachd no ochd de sheòrsaichean fiodha leis an robh e air ballaichean na bùth-obrach amaladh ri chèile – darach, làireag, beithe agus eilm; gach seòrsa le diofar dath agus le diofar ainm, m.e. an darach bhàn, an darach dhubh, làireag dhearg is mar sin air adhart.
      • (b)
      • 1838
        Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich 125
        Faodaidh gach cruach ’bhi air a togail air lar mhaidean no phlancaichean neo-mhin na’n luidhe air puist chlach no learaig air an cumadh [...] air chor’s gu’n cum iad na luchanan as radanan bho streap a naird.