calanas n.m.
[Uncertain]
forms
singular
nominative
- 1829
- 1906
- 1998
genitive
- a1822
- 1895
- 1897
dative
- 1830
as a verbal noun
- 1900
- 1938
senses
I.1.a. The processing of wool from the raw material to the finished cloth, referring also to specific tasks such as spinning, combing, carding, winding, etc.
- 1829An Teachdaire Gaelach I 152
Tha’n calanas a’ dol gu mòr a cleachdadh; ma ’s i chuibhl’ fein cha chluinnear ach ainneamh a crònan, agus arson srann na cuibhle mòire, cuairt shunndach an eachain, agus cnac na croise, cha ’n aithne dhomh c’uin a chuala mi iad. - 1840Cuairtear nan Gleann I 79
Ma tha bean aig duine tha ’ga chosnadh, ma’s urrainn i clòimh a chìreadh, no clàdadh a dheanamh, no ma tha i maith air an t-sniomhach, coisnidh i sè dolaran sa ’mhìos aig a leithid so do chalanas. - 1844Eachdraidh a’ Phrionnsa 192
Thuirt e gum bu chaileag Eireannach i a bha anabharrach math air calanas. - 1873An Gaidheal II 167
Anns a’ bhuailidh a’ bleoghan na spréidhe, nach cluinnteadh “Gaol-ant-aghan” air bilean gach banaraich. Aig a’ bhrathainn, no cur àird air calanas, am biodh bean gun a Crònan fhéin. - 1891Nic-a-phearsoin Dàin agus Orain Ghàidhlig 282
Tha h-uile maise dh’iarrainn, | Na d’chleachdamh is na d’iomhaigh, | ’S gur math a ni thu snìomh, | Agus gniomh air a’ chalanas. - 1895Calanas 4
Tòisichidh mi le ciad chéum a’ chalanais; is e sin seòrsachadh na clòimhe; agus labhraidh mi as a dhéigh sin air gach céum de ’n obair. - 1896Mac-Talla IV No. 26. 1
Tha na mnathan òga ’g am meas fhein os cionn lamh a chur ann an calanas. Ma bhios clòimh aca cuiridh iad air falbh do’n Ghallachd i gus a càrdadh ’sa sniomh. - 1906An Deo-gréine I No. 8. 135
Dheanadh i càrdadh, dheanadh i callanas. | Dh’ fhuineadh i aran is bhleothnadh i bò. - a1899Carmina Gadelica III (1940) 24
Bha mo mhàthair daonnan ag obair ré an latha a’ cuideachadh le m’athair air an fhearann, agus ré an oidhche ri coill agus calanas, ri aodach laighe agus éirigh dh’an teaghlach. - 1938Am Measg Nam Bodach 106
Bean an tighe a bha math air calanas sgrìob aice air càrdadh, gliog air cuibhle, neo brag air beairt-fhidhe. - 1988Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid 68
Bha piuthar m’athar anabarrach maith air calanas, agus is iomadh lu’adh mòr a bha againn an taigh-sgoile Eige, agus cèilidhean aig am biodh an t-òran agus an sgeul dol mun cuairt mar gum biodh gille-mirein ann. - 1997
- 1998Gairm 184 350
B’ e an calanas cosnadh cleachdadh nam ban: clòimh an cuid chaorach air a rùsgadh, air a nighe, air a h-àrmadh, air a cìreadh, air a càrdadh, air a snìomh, air a dath is air a deilbh san dachaigh mun rachadh iarna snàth air chrann.
- 1910Am Fear-Ciùil 42
An calanas sìth a leanas | Gu ’crìch gach beatha a dh’ fhàs, | ’G a fhigheadh an lìon na h-eangaich | Tha sìnt’ aig aingeal a’ bhàis.
I.1.c. The processing of wool applied to an industrial context.
- 1920An Deo-gréine XV No. 10. 153
Eadar Rocsbrogh agus Sasuinn tha na Mill Chebhiot, agus tha an t-siorrachd air fad cnocach. Air an aobar [sic] so tha móran chaorach air an àrach, agus mar chomach ri sin tha calanas air na h-oibrichean a’s ainmeile.
I.2. The product of the processing of wool.
- 1831Co-chruinneach Dh’Orain Thaghte Ghaeleach 38
Mo leanibh gradheach chaidle samhach, | Cha bann air drandanich a bhi t aire sa, | Be m fhortan geamhrai thu thighinn a m ionnsuidh, | Seach bhi ga m chramb ri sniomh chalanais.
I.3. The equipment required for processing wool.
- 1906Poetry of Badenoch 29
Gur fonnmhor na caileagan, | A dh’ fhalbh mu ’n tràth-s’ an dé, | Leis an spréidh ’s leis a’ chalanas. | […] | A’ chuibhle-sniòmh [sic] gun chardan, | ’S cha ’n iarr a bann a teannachadh.
- II. As a modifier.
With bean n.: A female wool processor; spinner.
- a1822MacLachlan’s Gaelic Verse (1937) 93
’S i mar mhnaoi chalanais léith, | Deas a’ rèiteach nan rúsg tlàth, | ’Na talla ’n Sparta nan stuagh | Sean-bhean a fhuair buan a gràdh. - 1917An Deo-gréine XIII No. 3. 45
Thug sinn achlasan aodaich leinn, agus tha sinn a’ dol ’g ’ur n-éideadh ann an cruth bean-chalanais Eirionnach, Ealasaid Burke. - 1923An Deo-gréine XVIII No. 9. 130
Chuireadh a’ bhean chalanais a’ chuigeal fo a h-achlais chlì, agus ghabhadh i fearsaid ’n a laimh dheis. - 1923An Deo-gréine XVIII No. 9. 130
Tha An Comunn a’ deanamh gu math le bhi a’ misneachadh nam mnathan calanais a tha fathast a’ leantuinn ris an eòlas a fhuair iad o na ginealaich nach maireann.
- III. As a verbal noun.
Processing wool; spinning, etc.
- 1900Mac-Talla IX No. 21. 161
Cha rachadh fois no tàmh oirre ach a’ calanas. […] Bhiodh srann aice air sniomh, faodaidh mi ràdh, moch is anamoch is meadhain latha. - 1917An Ròsarnach I 34
Is mór a b’ fheàrr leam tàmh aig baile gu bhi fuaigheal agus a’ calanas maille ri ’m mhàthair. - 1938Am Measg Nam Bodach 106
Tha sin a’ leigeil ris duinn cho dìchiollach, tapaidh is a bha an tuath le crann is spaid, le fàl is corran, is bha gach trusgan air a chalanas leis na mnathan. - 1968Sporan Dhòmhnaill 337
A bhean, tha calanas nan clò, | Nuair chìr ’s a chàrd ’s a shnìomh i chlòimh, | ’S a phaisg i seachad gnìomh a làmh | Tha tùrn dhi cosnadh fois is tàmh. - 1990Bàrdachd na Roinn-Eòrpa 51
Nuair bhios tu sean, mu fheasgar, ris a’ choinnil | nad shuidhe a’ calanas an taic an teallaich.