Skip to main page content

leamhan n.m.

[eDIL lemán]

forms

singular

nominative

genitive

dative

senses

    • I.1.a. The elm tree; an elm tree. Also collective. 

      • 1838
        Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich 115
        Cha bu choir tigh a bhi gun chraobhan mu’n cuairt d’a airson fasgadh […] ’Siad Seileach, Plane, Leamhan, agus Uinnseann, na seorsan a’s fearr gu’n suidheachadh.
      • 1841
        Ceann-iùil an Fhir-imrich 74
        Is còir do na craobhan am bitheantas a bhi o leth cheud gu trì fichead troidh air fad o’m bun gu ruig na geugan is ìsle, gu sònruichte an leamhan an t-uinseann bàn agus an còs-chrann; trì seòrsan tha ro fheumail air-son challaidean.
      • 1868
        An Duanaire 46
        Coille leamhain ’an Achadh a’ Mhadaidh, | Raineach fhada ’n Leitir-Fhiùnnlaidh.
      • 1890
        An t-Eileanach 288
        ’S e an long a bh’ aig a’ mharaiche a bh’ ann a sud, cliabh air fhigheadh do shlatan seilich agus seicheannan mhart air am fuaghal tiomchioll air. Bha geug leamhain agus luachair air a figheadh mu na meanglain aice a’ deanamh àite siùil dha.
      • a1927
        Meek Campbell Proverbs (1978) 150
        Uinnsean an dubhair is darach na gréine, | Leamhan a’ bhruthaich is iubhar an lèana.
      • 1950
        Chì Mi (2001) 186
        Fon leamhan àrd aig sgàil an iubhair ùir, | Far am faic na sùilean tolmain ùrar uain’, | Gach aon dhiubh sìnt’ an grunnd na cill fon ùir.
      • 1957
        Gairm 22 128
        Tha mór thoileachadh agamsa ’cur sìos an so ainmean nan luibhean a bhithinn a’ cluinntinn ’nam bhalach agus an fheum gus an robh iad air an cur, no co-dhiùbh na dathan a bha air fhaotainn uapa. […] Buidhe:—Craobh-ubhal, uinnsean, leamhan.
      • 1959
        Gairm 30 115
        Their oileanaich gu bheil an t-ainm leamhan air a thoirt o ’n fhacal leamh, ’s e sin neo-bhlasda, no bho lìobh, a’ ciallachadh sleamhainn. Co-dhiùbh am barail nan Gaidheal bha a’ chraobh so co-cheangailte ri sleamhnachd ann an giùlan agus nàdur dhaoine.
      • 1976
        Bith-Eòlas 23
        Cha d’fhuaireadh lorg orra [sc. meadhonagan] fhathast ann an ceallan nan lusan adhartach, leithid an darach, an leamhan, an neòinean agus am beàrnan-brìde.
    • I.1.b. In verse: the elm tree in figurative context in reference to a person’s negative qualities. 

    • I.2. The wood of the elm tree. 

      • 1848
        Fear-tathaich nam Beann X 305
        ’Sud a’ chungaidh ’chàireadh ’m bàta ’choisinn buaidh, | Druim de’n leamhan ruighin ’n sàs ’s an darach chruaidh.
      • 1900
        Mac-Talla VIII No. 45. 356
        B’e na rinn e do sgathadh gu’n do bhuain e dà shlat-iasgaich, ’s cha b’e uinnseann a bh’ annta ach leamhan.
      • 1913
        An t-Ogha Mór 128
        Air a’ bhòrd so, […] bha […] cuach leabhain a dhealbh snas a dha làimhe fhein, ’s i cur thairis le bainne nach d’fhuair a ghaoth bho’n a dh’fhàg e sìolachan.
      • 1995
        Not an Orchid 280
        Bhiodh calltuinn is leamhan is darach is seileach is beithe ’s a chuile seòrsa deanadh caman.
      • 1995
        Not an Orchid 281
        ’Nuair a bhiodh darach is leamhan, fhios agad, air a lùbadh, dheanadh tu cearcall dheth is cha bhrist e.
    • II. As a modifier.
    • With crann n. and craobh n.: the elm tree; an elm tree. 

      • 1741
        Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 65
        Do Thaobh Chrann neamhthorrthannach no aimrid. Of Barren Trees […] Craobh Leamhain, no Ailmog An Elm-tree.
      • 1741
        Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 66
        Garran do chrannuibh Leamhain A Grove of Elm-trees.
      • 1836
        An Teachdaire Ùr Gàidhealach 189
        Chunnaic e Aodhair òg fo dhubhar craoibh-leamhain a’ cluiche air feadan agus a’ feuradh a spréidhe.
      • 1893
        Mac-Talla II No. 12. 7
        ’S gann gun d’aithich e’n tigh a b’abhaist a bhi aig athair nuair a ranig e; bha e air a dhath dearg agus bha’n da chraobh leamhain a bha faisg air an dorus air an toirt air falbh.
      • 1911
        Aig Tigh na Beinne 145
        Bha craobh mhòr leamhain a’ tilgeadh a geugan farsuing thairis air an easan.
      • 1999
        Gairm 189 28
        Chuireadh sùth na craoibh leamhna agus fiasag nan gobhar dath brèagha dearg an sàs agus ’s e riamhaichean nan copag le rùsg an daraich a bha i a’ cleachdadh gu dath dubh a chur air a’ chlòimh.
      • 1987
        Gun Fhois 72
        Laigh mo shùil air craobh leamhain far an robh calman a’ caoidh gu cadaltach.
    • III. With a modifier denoting a type of elm tree.
    • III.1. With bog adj. 

    • III.2. With dearg adj.: the red elm. 

      • 1841
        Ceann-iùil an Fhir-imrich 74
        Roghnaicheadh am fear ìmrich [ann an America] am fearann air am faic e ’na seòrsana de dh’fhiodh cruaidh a leanas: […] an leamhan dubh, an leamhan dearg, an leamhann ronnach.
    • III.3. With dubh adj.: the Wych elm. 

      • 1841
        Ceann-iùil an Fhir-imrich 74
        Roghnaicheadh am fear ìmrich [ann an America] am fearann air am faic e ’na seòrsana de dh’fhiodh cruaidh a leanas: […] an leamhan dubh, an leamhan dearg, an leamhann ronnach.
    • III.4. With lòn n.: ? the water elm. 

      • 1841
        Ceann-iùil an Fhir-imrich 73
        Tha gu h-àraidh darach fuasach trom, ro thrice air a shamhuil so de thalamh [sc. talamh marbhanta, fliuch, iosal] maille ri caochladh sheòrsana giuthais agus seudar-siùcar bog, bèithe buidhe, agus leamhan lòin.
    • III.5. With ronnach adj.: the slippery elm. 

      • 1841
        Ceann-iùil an Fhir-imrich 74
        Roghnaicheadh am fear ìmrich [ann an America] am fearann air am faic e ’na seòrsana de dh’fhiodh cruaidh a leanas: […] an leamhan dubh, an leamhan dearg, an leamhann ronnach.