miotag, meatag n.f.
forms
singular
nominative
- (a)
- 1883
- (b)
- 1877
genitive
- (b)
- 1877
dative
- (a)
- 1904
- 1988
plural
nominative
- (a)
- 1741
- 1848
- (b)
- 1867
genitive
- (a)
- 1848
- 1901
- (b)
- 1867
- 1963
dative
- (a)
- 1955
- (b)
- 1963
senses
- (a)
- 1741
- 1848Fear-tathaich nam Beann X 294
Bidh cìreadh clòidhe, càrdadh, snìomh, deanamh stocainean, ’us mhiotagan aig na mnathan; agus bidh an obair féin aig na fir. - 1890
- 1901Mac-Talla X No. 17. 124
Bha ’mhathair, ’s i sileadh nan deur, a pasgadh suas shocsaichean, miotagan agus aodaichean eile bhiodh feumail dha na’n tigeadh air dol a dh’ obair do ’n choille re a gheamhraidh. - 1952
- 1963Gairm 44 360
Tha mi cinnteach gun do leugh sibh ás a’ phaipear mu ’n teaghlach faisg air Glaschu a tha deanamh fìor mhath air seacaidean, adan is miotagan bho chraicionn caorach. - 1973
- 1983Suileabhan 47
Bha moccasins air mo chasan; bha dungarees orm air muin briogais iasgair, geansaidh trom, dà phaidhir mhiotagan agus bonaid bìobhar. - 1988
- 2006Shrapnel 168
Bha e dubh bho bhàrr a chinn gu sàil na coise crùbaich: duine air cheann gnothaich, ann an cabhaig a’ tarraing uime miotagan dubha leathair. - 2014Caogad san Fhàsach 67
Chunna’ mi cat le slait na sheasamh ag iasgach bhodachan-ruadh’ | Cearc le miotaig, bròig is dreasa gu trang a’ glanadh le sguaib. - (b)
- 1867Caraid nan Gàidheal 228
Cha-n ’eil cailleach ’s an dùthaich a rachadh do’n eaglais leis a’ chòmhdach-chinn thlachdmhor sin ris an abramaid “am Bréid;” ach a h-uile guanag eutrom leis a’ chalico luideagach—meatagan Frangach, agus stiallan fada de ribeinean. - 1877An Gaidheal VI 11
Chuir i dithis de na meòir aige an aon mhiar na meataige, agus mar sin bha fear de na meòir falamh. - 1881
- 1898Mac-Talla VII No. 23. 178
An uair a fhuair mi am mach o a bràthair meudachd nam meatagan a fhreagradh dhi cheannaich mi iad. - 1964Gairm 47 229
Faodaidh e an uairsin feòil nan creutairean sin [sc. an kangaroo is an nathair chasach (lizard)] a reic airson biathadh chon agus chat anns na bailtean móra agus na seicean aca a reic airson bhrògan, mheatagan agus chriosan. - 1971Gainmheach an Fhàsaich 38
“Leigidh sinn ar n-anail an seo ’s gabhaidh sinn cupa tea,” ars’ ise, a’ rusgadh dhith a còta ’s a meatagan. - 1976Gairm 94 124
Chionns nach fhaca mise gu seo meatag dhubh chotain air làimh fireannaich bha mi gun teagamh agam gun robh làmhan dubh air cuideachd. - 1986Gairm 135 207
Air mo cheann bha clogaid leathair, air m’aghaidh oxygen mask agus air mo làmhan meatagan leathair air uachdar meatagan sìoda.
I.1.b. Na slìob an cat ach le miotag literally ‘do not stroke the cat but with a glove’ the motto of Clan Macpherson, with reference to the cat in the clan’s crest; cf. Scots ‘Touch not the cat but a glove’.
- (a)
- 1991
- (a)
- 1983
- 2014Caogad san Fhàsach 141
Bha iad a’ gabhail da chèile, na miotagan cruaidhe a bha air an dùirn a’ bragadaich air cuirp a chèile.
I.3. A work glove; a gauntlet.
- (a)
- 1984Gairm 126 137
Shlaod Murchadh na miotagan mòra suas gu uilnean. Chumadh iad na sradagan [bho iarann leaghta] air falbh gun teagamh ach gu tric rachadh feadhainn sìos am broinn nam miotagan.
- II. With a modifier.
II.1. With buidhe adj.: bittersweet, woody nightshade.
- (a)
- 1883Gaelic Names of Plants 49
Solanum dulcamara—Bitter-sweet; woody nightshade. […] Miotag bhuidhe. Irish: miathog buidhe, the yellow nipper, pincher, or biter.
II.2. With do-fhaicsinneach adj.: in extended use in the plural: ‘invisible gloves’, protective hand cream.
- (b)
- 1955Gairm 12 327
’S e an tè buileach glic a chleachdas “meatagan do-fhaicsinneach.” Gheibhear a nis iomadh seòrsa de’n stuth so a leanas ris na làmhan ge be cho fliuch salach an obair.
- II.3. Denoting a type of glove.
II.3.a. With cas n.: ? Some kind of mitten-like sock or foot-covering.
- (a)
- 2014Caogad san Fhàsach 143
Chùm Mairead oirre a’ fighe. […] Bha cumadh sàil a’ tighinn air sàil nan stocainnean. Thàinig e a-steach oirre miotagan-coise a dhèanamh dhiubh, ach cha bhiodh sin gu feum.
II.3.b. With dìon n.: a protective glove.
- (a)
- 1997Gairm 180 370
Chunnaic mi iomadh neach a’ tighinn chun a’ chlèibhidh le miotagan-dìon orra airson maide a thogail ás is a thoirt air falbh don taigh aca.
II.3.c. With obair n.: a work glove.
- (a)
- 2004Tocasaid ’Ain Tuirc 128
Cha robh càil nach robh aige. Clobhan, spaidean, miotagan-obrach, faclairean, Bìobaill, adan.
II.3.d. With rubair n.: a rubber glove.
- (a)
- 1992Am Fear Meadhanach 23
Bha i air a dà ghlùin air làr a’ chidsin, a’ togail gach bristeal is sgealb. […] Miotagan rubair air a làmhan.
- III. In sense I.1. above in set phrases.
III.1. Faigh na meatagan literally ‘to get the mittens’, ? to reject or be rejected (as a lover); cf. English ‘to get the mitten’.
- (b)
- 1906An Deo-gréine I No. 6. 92
Bu chòir gu’m faodadh an nighean feuchainn ris na meatagan fhaotainn le gleusdachd féin; ach cha bu chòir do ’n ghille a neart ’s a bharrachd treise a chleachdadh gu buaidh a thoirt oirre-sa.
III.2. Tilg miotag ann am fiacaill duine literally ‘to throw a glove in someone’s teeth’, to challenge; cf. English ‘to throw down the gauntlet’.
- (a)
- 1968Sporan Dhòmhnaill 78
Ged a bhiodh air “Neptune” mìothlachd | Dhraghadh iad fheusag gu dàna, | Thilgeadh iad miotag ’na fhiacaill | Is iad ’ga fhiadhachadh ’na àite.
III.3. (Ceangailte) mar mhiotag is làmh literally ‘(connected) like a glove and a hand’, connected closely, inseparable.
- (a)
- 1991
- 2010Teas 99
Dh’inns i dha mar a bha an dàn mu dheidhinn an t-saoghail. Mar a bha an saoghal a’ teasachadh beag aig bheag agus mar a bha an teas a bha sin air adhbhrachadh le sannt mhic an duine. […] Sannt agus teas, bha na dhà ceangailte mar làimh is miotaig.