seudar n.m.
[Cf. eDIL ced(a)ir, cedrus]
forms
singular
nominative
- 1786
- 1841
genitive
- 1741
- 1783
- 1787
- 1801
- 1986
dative
- 1694
- 1694
- 1786
- 1794
- 1825
- 1825
- 1851
plural
nominative
- 1694
- 1694
- 1694
- 1786
- 1787
- 1794
- 1986
genitive
- 1786
- 1911
dative
- 1786
senses
I.1. The cedar tree; a cedar tree. Also collective and figurative.
- 1694Sailm Dhaibhidh 170
Biaidh piseach ar a nfhìren chóir | mar chrann pailm’ ùrthur glas; | Mar Shèdar árd ar lebanon | a fás gu díreach bras. - 1781Earail Dhùrachdach do Pheacaich Neo-Iompaichte 224
Cha’n e an guth sin a bhristeas na cedair, is a bheir air na sleibhte clisge’. - 1794Leabhar na h’Urnuigh Choitchionn 396
Tha craobhan an Tighearna fos lan bri; iodhoin sedair Libanus a rinn e shuidheacha. - 1801Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh Salm 80: 10
Chòmhdaicheadh beannta le a [sc. fìonain às an Èipheit] sgàile, agus le a geugaibh seudair arda. - 1828MacLeod Co’Chruinneachadh 9
Gach ni le gràdh ’cur fàilt air teachd an Triath! | Na seudair rìomhach cromadh sios an ceann! - 1841Ceann-iùil an Fhir-imrich 134
Tha a’ chreithleag-Innseanach, mar gach droch bhathar eile, còig ceud uair ni’s pailte far am beil am fearann fliuch, salach, iosal, agus a choille ghiuthais agus sheudair. - 1867Caraid nan Gàidheal 687
Nach ann air bruachan na h-aibhne is bitheant’ a gheibhear na blàthan a’s bòidhche, na measan a’s taitniche, a’ chraobh sheilich ùr’or, an seudar àrd, ’s an darach làidir? - 1880
- 1895Mac-Talla IV No. 25. 8
Marbhrann do Eachann Mac Aoidh […] Bha toradh agus blàth ort | Mar phailm chraoibh ro mhaiseach, | Mar an seudar ro àluinn | Os ceann chaich bha thu barraicht’. - 1904Guth na Bliadhna I 384
Tha craobhan na h-achaidhean air an sàsuchadh – seudair Lebanoin a shuidhich e. - 1911Aig Tigh na Beinne 240
’Measg choilltean ciar na h-Aird-an-iar, | Taobh uillt tha aon [sc. uaigh] ’na thàmh— | Seach air tha ’n t-Innseanach a’ triall | Fo sgàil nan seudar àrd. - 1915Sir Seoras Uilleam Ros 12
Bha craobhan de iomadh seorsa ann [sc. Canada], — bha ’n giuthas pailt, darach, beith, uinnseann, seudar, walnut, maple, agus móran eile freagarrach airson thaighean agus oibre ghnathaichte na saorsainneachd. - 1962Gairm 40 362
’Se craobh-dhuircein a tha anns a’ ghiuthas, maille ris an spruis, làrag, an seudar is iomadh seòrsa giuthais eile. - 1972Aitealan Dlù is Cian 112
Ann am Bàbilon bha craobhan coisrigte do dhiathan àraidh, mar a bha Tammuz, aig an robh a chraobh fhéin, “an seudar naoimh,” far an d’rugadh e. - 1986Gairm 136 365
Bha am muir faisg air làimh agus gach nì coltach ri Alba, agus a bharrachd air a sin bha giuthais Douglas agus seudaran mu chuairt air dà chiad troigh a dh’àirde, a’ dìreadh chun an adhair.
I.2. The wood of the cedar tree.
- 1786Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh Ier. 22: 14
Togaidh mi dhomh fein tigh mor, agus seomraichean fairsing: a’ gearradh a mach dha fein mar an ceudna uinneaga; ’ga shuaineadh fòs le seudar, agus ’ga dhath le corcur. - 1787Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh 1 Righ 6: 36
Agus thog e a’ chùirt a stigh le tri sreathan do chlachaibh snaidhte, agus sreath do shailthibh seudair. - 1896
- 1976Odusseia Homair 80
Air a’ chagailt | ghabh teine mór, is cian feadh an eilein bha àileadh ag éirigh | suas as seudar so-sgealbht’ is aitinn, ’gan losgadh. - 1986Gairm 136 359
Bha sinn a’ cruinneachadh ’s a’ cruachadh nam pòlaichean seudar seo an dèidh dhuinn an rùsgadh, agus bhatar gam fàgail gus an tiormaicheadh iad agus an dèidh sin gan togail mar phòlaichean telegraf airson sanasan a chur air feadh a’ phrairie gu lèir.
- II. As a modifier.
- II.1. With crann n.: the cedar tree; a cedar tree. Also collective and figurative.
- 1741Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 65
Do Thaobh Chrann neamhthorrthannach no aimrid. Of Barren Trees […] Crann Sédair The Cedar-tree. - 1787Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh 1 Righ 4: 33
Agus labhair e air craobhan, o’n chrann-seudair a tha ann an Lebanon, eadhon gu ruig an hisop a dh’fhàsas a mach as a’ bhalladh. - 1801Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh Dan Shol. 1: 17
Is croinn sheudair sailthean ar tighe, croinn-ghiuthais ar ceann-fhiodh. - 1849Fear-tathaich nam Beann XXI 644
Gu’m ’bu chrann-seudair ann an Leabanon an t-Asirianach, le geugaibh maiseach, agus le sgàile dhorcha, agus le àirde mhòir. - 1874An Gaidheal III 85
Ma chaidh “crann seudair Leabanoin” a leagail agus “a mheangain a bhriseadh,” gabhadh “crannaibh na frithe” rabhadh, air eagal ’s gu’m bi iadsan mar an ceudna “air an toirt thairis gu bàs”. - 1902Mac-Talla X No. 28. 216
Crann seudair nam buadh | A dh’ fhàg fir Alba fo ghruaim | ’N uair a dh’ ionndraich iad bhuath’ thu, ’sheoid.
- II.2. With craobh n.: the cedar tree; a cedar tree.
- 1783Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh Aireamh 24: 6
Mar na gleannta tha iad [sc. bùthan agus pàilleanan] sìnte mach, mar liosan re taobh aibhne, mar chraobha fiodh-alois a shuidhich an Tighearna, mar chraobha seudair làimh ris na h-uisgeachaibh. - 1787Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh 1 Righ 5: 6
A nis uime sin àithn thusa gu’n gearr iad dhomhsa craobhan seudair a Lebanon. - 1794Leabhar na h’Urnuigh Choitchionn 373
Bha na cnoic air am folach le a [sc. fìneamhain às an Èipheit] sgaile; agus bha a geugan mar na craobhan breagha cedair. - 1801Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh 2 Eachdr. 2: 8
Cuir a m’ionnsuidh mar an ceudna craobhan seudair, craobhan giuthais, agus craobhan alguim o Lebanon. - 1898Mac-Talla VII No. 13. 97
Facal a Columbia Bhreatunnach. […] Tha moran dhiubh a còmhnuidh ann an taighean air an togail air ràthan móra air an uisge. Tha na ràthan so air an deanamh le mo dhusan na còrr de chraobhan móra seudair air an cur ri chéile gu làidir.
- III. With a modifier.
- With siùcar n.: ?
- 1841Ceann-iùil an Fhir-imrich 73
Tha gu h-àraidh darach fuasach trom, ro thrice air a shamhuil so de thalamh, maille ri caochladh sheòrsana giuthais agus seudar-siùcar bog, bèithe buidhe, agus leamhan lòin.