calltainn n.f./m.
[Cf. coll n.]
forms
singular
nominative
- 1828
- 1875
- 1881
- 1883
- 1912
- 1917
genitive
- 1741
- 1741
- 1776
- 1829
- 1836
- 1851
- 1868
- 1873
- 1890
- a1899
- 1900
dative
- 1783
- 1850
- 1881
senses
I.1. The hazel tree; a hazel tree. Also collective.
- 1829Orain le Rob Donn 281
Gleidhidh ’n talamh chun an t-samhraidh, | Sin a chrann e ’n dràsd, | Beath is calltuinn latha-bealltuinn, | Gealltanach air fàs. - a1779
- 1783Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh Gen. 30: 37
Agus ghabh Iacob dha féin slatan glasa do’n chritheach, agus do’n challdainn, agus do chraoibh nan geanm-chnù; agus rùisg e annta stialla geala, agus leig e ris an geal a bha ’sna slataibh. - 1829An Teachdaire Gaelach I 8
Bha mi siubhal tre ghleann bòidheach tiòrail, far an robh frith choille Challtuin agus Bheithe. - 1850Fear-tathaich nam Beann XXIV 736
Anns an t-samhradh ’s beag nach biodh am bothan so air fholach gu buileach leis a’ bheithe, leis a’ challduinn, ’s leis an rainich a bha ’fàs gu h-ùror, dosrach mu’n cuairt air. - 1881Nicolson Proverbs 335
Oidhche Challuinn, bu math cuilionn ’us calltuinn a bhi ’bualadh a chéile. A windy night was considered a good sign of the season. - 1884campbell Poems 7
’S an aird ri taobh n’ an alltan, | Tha ’n calltuinn cuir a sgàil, | Is tric chuir tìm air chall oirnn, | Le mhoguill bhuidhe-bhàn. - 1912
- 1913Lost Pibroch 47
Anns a’ choille challtuinn ri taobh na slighe bha rùsg nan craobh òg a’ seasamh a mach cho dìreach ris an t-seilistear. - 1944-46hay Collected Poems 151
Fann torghan uisge chaisreagaich | an clais an uillt, fo shlatagaibh | a’ challtainn ’s a’ bheithe bhachlagaich | ’s fon bharrach ùr. - 1950Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid 44
Bha na h-uillt bhòidheach bhinne crònanaich thun an tràigh, agus bha calltainn an fhàile chùbhraidh a’ toirt phòg dhaibh san dol seachad. - 1957
- 1976Bith-Eòlas 107
Tha càirdeas de’n t-seòrsa seo eadar fungi agus iomadh seòrsa craoibh agus badaig—an giuthas, an calltuinn, a’ bheithe agus an aiteann mar eisimpleir.
I.2. The wood of the hazel tree.
- 1776Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaidhealach 319
’S math a dh’ fhònas leam a gheadhach | Shliom, ghlas, laghach, ga’ d’ mharbhadh: | Ceapog bhog challtainn gun chorran, | Gun ghuin, gun oirin, gun chalg orr’, | A lotas do theanga ’s do cholunn. - 1851caimbeul Orain 40
Co ghlacadh armachd, ’s a sheasadh calma, | Gu duineil, dearbhta, air taobh na rìo’achd, | Ach sean mhairt Aireach, ’s muilt mhaol’ bhàna | [...] | ’Us buachaill Ghallda le ’n cuaille chàlltuinn, | ’G an toirt á fang ’s ’g an cur anns an strì? - 1881Clàrsach na Coille 160
Ma thionndas iad am baiteal ruinn | Gu ’n smùidear leis na slachdain iad, | Le buillean dhòrn ’s le bataichean | De ghlas-darach ’s de challtuinn. - a1899
- 1904Mac-Talla XII No. 15. 118
Tharruing iad air falbh còmhla, gach aon le sgùlan aige, a bh’ air a dheanamh le slatan calltainn. - 1917An Ròsarnach I 98
’S cha bhiodh teintean an Srath-Chaomhain, fad a’ gheamhraidh, air nach biodh an seileach ’s am beithe ’s a’ challduinn a’ dìosganaich a chum ’s gu ’m biodh e na b’ fhusa an cumadh a b’ fhèarr a thoirt air bas is cas a’ chamain. - 1937Am Measg nam Bodach 13
Rinn e cathair dà-laimhe do m’ athair, le callduinn ás a’ choille, is tha i agam fhathast. - 1983Gairm 122 128
’Se ribe iongantach a th’anns a’ chliabh agus tha mòran do sgilean an iasgair a’ dol san dèanamh … eadar màs-fiodha agus asnaichean challtainn ’s an uairsin lìon a shnìomh gu pongail a chòmhdaicheas e. - 1986Seann Taighean Tirisdeach 19
Cha robh stuadhan idir air na seann taighean ann an Tiriodh, ach cinn chruinn ris an abair iad hip-ends anns a’ Bheurla [...] ’S e darach a bu mhotha a bha iad ag ùisneachadh, agus calltainn cuideachd air uairean. - 1995Not an Orchid 281
An caman calltuinn, o mur a faigheadh tu gum biodh a’chumadh nàdurra air ga bhuain, cha robh e uamhasach furasda lùbadh idir. - 1997Gairm 178 123
’S ann air fiodh beithe neo geanm chnò a bhitheas e a’dèanamh nan cromagan agus bidh e a’ cur calltainn gu feum airson nan lorgan.
I.3. The name of the letter c.
- 1902Mac-Talla XI No. 9. 68
Thug iad [sc. na Ceiltich] ainmeannan nan craobh uime sin air na litrichean a bha iad a cur gu feum. Bha A a seasamh airson Ailm; B airson Beithe; C airson Callduinn.
- II. As a modifier.
II.1. With cnò n. a hazelnut.
- 1890An t-Eileanach 289
Bha bolg do mhin eòrna, bolg do chnothan calltuinn agus searrag uisge aige anns a’ bhàta bha sud. - 1911Aig Tigh na Beinne 97
“Bha do chraiceann an sin cho geal ris a’ bhainne—” “Am feadh a tha e nis cho odhar ris na cnothan calltuinn a bhitheamaid a’ losgadh air Oidhche Shamhna”. - 2004Tocasaid ’Ain Tuirc 36
Cha robh e riamh air am faicinn: gall-chnothan liorcach agus cnothan cruinne calltainn. - 2004Tocasaid ’Ain Tuirc 67
Seanchasan a bh’ air an deagh lìbhrigeadh [...] ’s cho brìoghmhor ri cnò challtainn.
II.2. With crann n. and craobh n.: the hazel tree; a hazel tree.
- 1741Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 64
Do Thaobh Chrannabhmeasa. Of Fruit-Trees [...] Crann Calltinn The Hazel-Tree. - 1741
- 1893Dain Iain Ghobha I 183
Slatan glas nan craobh calltuinn | Chriothionn cham us gheanm chno | Ge bu dorch iad ri ’n amhrac | Bhiodh ’n gil’ annta fo sgleo. - 1902Mac-Talla XI No. 8. 59
Tha e air aithris nach b’ urrainn do na Ceiltich a thuigsinn ciamar a bha daoine a faotainn gibht na bardachd, agus fa dheireadh thainig iad do ’n chomh-dhunadh, gu ’n robh naoidh craobhan callduinn a fàs os cionn gach fuarain as am bheil abhuinn a sruthadh. Bha cnothan briagha dearga a fas orra, agus a tuiteam anns na fuarain. Bha am bradan ’g an sluigeadh agus bha gach duine a dh-itheadh am bradan sin a faotainn cumhachd na bàrdachd. - 1911Aig Tigh na Beinne 238
Cò chunnaic mi, an saoil sibh, ’s mi ’tighinn a nìos an gleann, Ach Rob, aig taobh na drochaid, fo’n chraoibh challtuinn, aig a ceann. - 1957Gairm 19 274
B’fhiosrach leotha [sc. na Ceiltich o shean] naoi craobhan calltuinn a’ ghliocais air na dh’fhàs na cnothan crò-dhearg a bheireadh eòlas na cruinne do neach sam bith a bhlaiseadh orra.