Skip to main page content

sgeap n.f.

[DSL skep n., OED skep n.]

forms

singular

nominative

genitive

dative

plural

nominative

genitive

dative

1873 An Gaidheal II 172 and 1879 An t-Òranaiche 229 may indicate that the word is masculine.

senses

    • I.1.a. A beehive, a man-made structure for keeping bees. Some examples may belong in I.1.b.  

      • 1741
      • 1751
        Ais-Eiridh 45
        Cróghaidh fuarachd car cuairt iad [sc. beachainn] na sgep.
      • 1768
        Mac-an-t-Saoir Orain Ghaidhealach 62
        ’Si gruag an deataich riamhaich i, | ’S mór a brigh ’s is lionmhor buaidh orra, | Ceir-bheach nan sgeap a cinntin orr’, | Seillean breac feadh tuim ’ga chruasachd sud.
      • 1829
        An Teachdaire Gaelach I 90
        Bitheadh na sceapaichean suidhichte ri grian na h-àird an ear-dheas, agus far nach cuirear dubhar orra gu feasgar, air a dhìon o’n ghaoith, agus fo sgàile na’n craobh.
      • 1838
        Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich 231
        An deigh do am tionail na meala a bhi thairis siubhail a dh’ionnsuidh do sgeap, armaichte le piopa tombac ann do bheul, mias mhoir airson na meala ann an aon laimh, agus sgian fhada […] ’san laimh eile.
      • 1862
        Fear-tathaich Miosail Dara Mios a Gheamhraidh 2
        Tha an saoghal mar a tha an sgipe gloine ’s am faicear seilleanan corr uaire; chi sinn gach earrainn de ’n obair aca.
      • 1873
        An Gaidheal II 172
        Creid thusa mise, a Mhurachaidh, gu’m bheil an t-uisge am fagus, an uair nach dean na seilleanan ach turas goirid o na scip re an latha.
      • 1885
        Fear-tathaich Miosail Air. 633 3
        Thàinig i gu bhi ainmeil air son na bh’ aice de sgeapan, agus feobhas a meala agus a céire.
      • 1894
        Mac-Talla III No. 7. 1
        Cha leum sgeap mur falbh i [sc. a’ bhan-righ] air an ceann [sc. nan seilleanan], agus ma gheibh i bàs fàsaidh iad mall ’nan obair, agus théid iad ma dheireadh gu neo-ni.
      • 1900
        Mac-Talla IX No. 14. 108
        Tha h-uile tuathanach a cumail aireamh bheag no mhor sgeap, tha bocsa air a chur an òrdugh ’s air a chur fo chraobh an aite fasgach far am bi pailteas do lusan blath agus barr-guc.
      • 1911
        Aig Tigh na Beinne 120
        Cha luaithe chithear e a’ tighinn gu baile na tha na h-uile bean ’s a’ bhaile ’trusadh, mar sheilleanan mu’n sgeap, mu’n cuairt d’ a phac.
      • 1944-46
        Hay Collected Poems (2003) 167
        Crònan sgeap mar dhuis | is ceòl brugha troimh an rainich uaith, | cuairteagan is dannsadh, | canntaireachd is caithreaman.
      • 1957
        Gairm 22 159
        Chan eil fiù an slaman-tàth a bhios na seilleanan a’ deanamh gus a’ bhan-rìgh aca fhéin a chumail àillidh, nach eileas a’ cleachdadh a nis gu snuadh na h-òige a thoirt air ais. Tha e coltach gu bheil so air toirt air cuid mhór aghaidh a thoirt air sgeapachan làna bhith aca.
      • 1973
        Suathadh Ri Iomadh Rubha 273
        Cha b’fhada gus an robh sgaoth lìonmhor de’n Luftwaffe, mar sheillein air an déidheadh an sgeap a chreachadh, a’ toirt dhuinn.
      • 1991
        Aonad Àrainneachd 3.6
        Tha iad [sc. seilleanan] a’ dèanamh dannsa shònraichte aig doras na sceap a tha ag innse do na seillein eile an t-slighe cheart chun a’ phoilean.
    • I.1.b. A nest made by wild bees.  

      • 1873
        An Gaidheal II 226
        Bu tric a chuir sinn seisdeadh ri aiteachan comhnuidh nan seileinean fiadhaich, agus a spuinn sinn iad dheth an ionmhasan millis […]. Bha na sgeapan cho lionmhor air feadh nan ailein agus gu ’m faighte iad fo gach spagh fheoir agus anns gach tuilmein.
      • 1991
        Aonad Àrainneachd 2.7
        Tha coineanaich a’ fuireach ann am broclach thuill; tha seangain a’ fuireach ann an dùn-sheangain, seillein ann am [sic] sceap agus speachan ann an nead a tha iad a’ dèanamh a-mach à pàipear – dh’ionnsaich beathaichean mar a dhèanadh iad sin cuideachd mus do dh’ionnsaich an duine.
    • I.1.c. A place that resembles a beehive in some way.  

      • 1902
        Mac-Talla XI No. 2. 11
        Leum na fir do ’n bhàta airson tilleadh do ’n uamha, ach air dhaibh bùirich uamha nan tonn a chluinntinn smaointich iad, o’n bha ’n oidhche cho briagha, soilleir, gun rannsaicheadh iad na sgeapaichean iongantach so. Ghabh iad a stigh gun fhiamh do ’n uamha bu mhotha.
    • I.2.a. A small bag or vessel made of straw or similar plant materials.  

      • a1899
        Carmina Gadelica VI (1971) 99
        Lòban. A sack, a bag, a vessel made of straw, bent, rushes, grass roots or tràthach/tràghach. […] Called seic in Ness, Lewis; smaller ones called sgeap.
    • I.2.b. A wooden tray or vessel for serving potatoes.  

      • a1899
        Carmina Gadelica VI (1971) 101
        Losaid. The wooden tray or vessel in which the potatoes are placed upon the table ( = sgeip, sgeap).
    • II. With a modifier.
    • II.1. With droch adj.: a group of people: a bad lot. ? Cf. sgioba n.  

      • 1959
        Gairm 28 332
        A dhuine, nach e na truaghain a thachair ris an droch sgeap, blagairdean Thobarmhoire.
    • II.2. With seillean n.: a beehive.  

      • 1741
        Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 71
        Sceip Sheillein A Hive or Beeskep.
      • 1836
        An Teachdaire Ùr Gàidhealach 227
        Tha seòmraichean na sgeap-sheillein air an dealbh gu h-ìnnleachdach; gidheadh bha gach seòmar anns gach sgeap, anns gach dùthaich agus linn, agus thà gus an là ’n diugh, air an dealbh agus air a’ chumadh cheudna.
      • 1838
        Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich 225
        Is tearc comharradh a tha na dhearbhachd ni’s mo air teaghlach a bhi soirbheachadh na sreath de sgeipean sheilleinean ann an oisinn bhlath de’n lios air a chumail grinn.
      • 1875
        An Gaidheal IV 267
        Cha chluinnteadh ach fuaim agus srann-chronan mar sgeap-sheillein ceithir-thimchioll gu leòir chùm claisneachd neach a mhilleadh.
      • 1897
        Mac-Talla VI No. 12. 94
        Bha e faireachduinn mar gu ’m biodh sgeap sheillean ’na cheann.
      • 1901
        Mac-Talla IX No. 43. 335
        ’S e Pa-ka-ka an t-ainm Maori aige; tha sinne ’toirt ainm eile air—New Zealand bug. Air uairean theid fear dhiubh a stigh ann an sgeap sheilleinean ’nuair a tha e deanamh cron.
      • 1962
        Gairm 41 71
        Leumaidh sinn trì bliadhna, ’s tha an deise air ais, le seacaid ghoirid agus sgiorta chaol gun phleat, […] na sùilean air am peantadh agus riochd sgeap-sheillean air an fhalt (Beehive line).