Skip to main page content

geamair n.m.

[DSL gamie n., OED gamekeeper n.]

forms

singular

nominative

genitive

dative

dual

nominative

plural

nominative

genitive

dative

senses

    • I. A gamekeeper.  

      • a1875
        Poetry of Badenoch (1906) 37
        ’N uair a théid mi do ’n mhunadh, | A mach le mo ghunna, | Cha bhi geamair no duine | ’G am chur air an ruaig.
      • 1886
        Tuath is Tighearna (1995) 153
        Cuiridh sinn air falbh gach geamair, | ’S gach fiadh tha ’g ithe fearann àir, | Gan ruagadh suas a-rìs dhan fhireach, | Agus thig na Nimrods bhàn.
      • a1895
        Na Baird Thirisdeach (1932) 273
        Gur e mise tha fo phramh, | Ga d’ chuimhneachadh a h-uile la; | ’S ma bheir an geamair uam do lamh, | ’S e sud a dh’fhagas falamh mi.
      • 1903
        Mac-Talla XII No. 5. 40
        Bha oganach an òr-fhuilt bhuidhe na gheamair.
      • 1912
        An Deo-gréine VII No. 6. 89
        Mur eil cor thigh ciobair no gaimear ann an cuid de na glinn fhàsail, cha ’n ’eil a nis ach na làraichean fuara troimh a bheil an fheanntagach ag eiridh ri fhaicinn.
      • 1955
        Gairm 14 135
        Chan eil seòladair sa’ bhaile cho tapaidh ris a’ Gheamair, no clachair, no breabadair.
      • 1960
        Gairm 32 332
        Thug e fad a bheatha a’ còmhstri ri uachdarain is an cuid bàillidhean, agus a’ toirt a’ char as geamairean is gèidsearan.
      • 1967
        Gairm 60 355
        Tha duais a’ Gheamair glé mhath le tigh an asgaidh air an oighreachd, uaireannan deise obrach a’ tighinn an rathad agus deagh phrais de shitheann air an teine.
      • 1973
        Creach Mhór nam Fiadh 68
        B’e a’ cheud fhianuisean aig a’ Chrùn, na gaimearan aig Iòseph Platt anns an àrainn.
      • 1975
        Bàrdachd Chaluim Ruaidh 30
        Thàinig sin an geimear mór oirnn | ’S bha e mar elephant ’s a’ cheò bhuam; | Bha chuid nuallanaich ’s a ròlaich | Greis mhór mhór ’nam chluasan.
      • 1976
        Gairm 96 367
        ’Sann aig a’ gheamar bha còir air a’ phàirce seo, agus Gleann Thoramìchaig cuideachd.
      • 1988
        Bùth Ailig 38
        Dh’fhalbh mi fhèin agus ceathrar eile a shealgaireachd fhiadh gu ruige Beinn Lì. Chunnaic dà gheamair sinn agus rinn iad as ar dèidh.
      • 2001
        Gairm 194 106
        Tha dòigh agamsa air na geamairean a chur troimh chèile.
      • 2014
        Casan Searraich 307
        Ann an seagh, b’ e coire Oighrig a bh’ ann nach robh i air innse dha carabhaidh nach robh bradan no fiadh ann an ceann a-muigh an Rubha – nach robh fiù ’s poidsear no geamaire ann.
      • 2015
        Sgeulachdan Sa Chiaradh 98
        Aon oidhche – bhiodh gealach ann – bha e a’ dìreadh suas bhon abhainn agus bradan aige am broinn a chòta. Chunnaic an geamair e. Chunnaic esan an geamair. Agus ghreas e a cheum. Ghreas an geamair a cheum.
    • II. As a modifier.
    • II.1. With ad n.: a gamekeeper’s cap; perhaps a flat cap. 

      • 1981
        Gairm 116 343
        Tha mi tuigsinn gur ann ainneamh a chithear e le dad air ach deise chlò ’s ad geamair — chan aithnicheadh tu e on ghàrnalair aige mur biodh tu fìor eòlach air an dithis.
    • II.2. With taigh n.: a gamekeeper’s lodge. 

      • 1973
        Nach Neònach Sin 7
        A nis, aig an ám a bha seo, ’s air son iomadh bliadhna fhada as deidh sin, cha robh tigh, bothag, na àirigh na b’fhaisg air na tigh geamair aig Lachdasdail — còrr is cóig mìle an ear air.
    • III. With a modifier.
    • With uisge n.: a waterkeeper. 

      • 1967
        Gairm 59 257
        Chaidh gach nì gu maith agus thòisich mi air cur clachan air bonn a lìn gu a cumail a-bhàn anns an t-sruth, agus bha a’ chuid mhór dhe’n lìon air ruighinn an taobh eile nuair a chuala mi e a’ glaodhaich “Tarraing air an lìon” agus e a’ ruith troimh na craobhan cho luath ’s a b’urrainn dha, oir bha geamair uisge ás a dhéidh.