Skip to main page content

caorann n.m.

[eDIL cáerthann]

forms

singular

nominative

genitive

dative

plural

nominative

genitive

dative

senses

    • I.1. The rowan or mountain ash tree; a rowan or mountain ash tree. Also collective.  

      • 1768
        mac-an-t-saoir Orain Ghaidhealach 33
        Srath nan caochan ’na dhosaibh caorain, | ’Sna phreasaibh caola, lán chraobh is mheang.
      • 1776
        Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaidhealach 4
        Chi mi loch elain na’n craobh, | ’S an caoran air lubadh thar Tuinn.
      • 1813
        Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha 372
        Mi’m shuidhe sa bhachdan chaorainn, | ’S beag m’ aidhear ris a ghaoidh so.
      • 1828
        MacLeod Co’Chruinneachadh 80
        Far a’ bheil an calltuinn, an caorrann agus an t-uinsean, a’ fàs gu dosrach, co dlù dhìreach, os ceann nan tighean tha fòdhpa, ’s gu bheil an geugan, air leat, a’ lùbadh m’ am mullach.
      • 1880
        Mackellar Poems and Songs 39
        Bagailtean ruiteach air caoran, | ’S fraoch na ’chulaidh-bhainse.
      • 1898
        Mac-Talla VI No. 44. 352
        Chi mi ’ghucag air an fhraoch, | Chi mi ’n caorunn fo bhlath.
      • 1953
        Gairm 3 76
        Cha robh annam ach an giullan beag, le slataig chaoil chaorainn air mu ghualainn, is mu dhusan troigh de shnàth-lin ris an do shnàgail mo sheanair dubhan ceangailte ri a barr.
      • 1968
        Sporan Dhòmhnaill 71
        Dh’éirich suas gach sìlean gainmhich, | Rùisg a’ mhealbhach chun nan cnàmh, | Caorann is caol-dubh ’gan spìonadh | Is an fhreumhaichean an sàs.
      • 1982
        Creachadh na Clàrsaich 138
        A’ dol seachad air Loch Cheòis | chunna tu caorann a’ fàs air eilean | ’s gun chraoibh air fàire ach ì.
      • 1984
        Gairm 127 223
        Bha am bonn [sc. den a’ chois-chruim] de dh’fhiodh caorainn (thaobh gu robh e cruaidh agus sleamhainn), sia òirlich thar fhichead de dh’fhaid, a leud ceithir òirlich agus a thighead dà òirleach.
      • 1996
        Faclan is Abairtean à Ros an Iar 73
        Tha beithe is caorann Is calltainn shlat-chaolach A’ fàs taobh ri taobh ann ’S chan ioghnadh sin leinn.
    • I.2. The fruit of the rowan tree, the rowan berry. Also collective.  

      • a1729
        Sìleas na Ceapaich (1972) 64
        ’S ann ri d’ ghnùis a dhèanainn faoilte— | Sùil chorrach ghorm, gruaidh mar chaorunn. 
      • 1741
        Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 68
        Do Thaobh Mease. Of Fruits […] Caoirin Service-berries or Rodins.
      • 1786
        Gillies Sean Dain 109
        Labhair i nach biodh i slan | Mar fagha i lan a bos maoth | Do chàorann an lochain fhuair, | ’S gun aon neach ga bhuain ach Fraoch.
      • 1804
        Stewart Cochruinneacha Taoghta 145
        Do shuilean mar na dearcagan, | Do ghruaidh air dhreach a chaorain.
      • 1813
        Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha 325
        Gruaidh dhearg mar an caorann, | Fo ’n aodann tha leam ciùin.
      • 1867
        Caraid nan Gàidheal 624
        Dearcan de gach seòrsa—subh-craobh ’us smeuran, na h-àirneagan gorma ’s an caorann dearg.
      • 1877
        An Gaidheal VI 42
        Na craobhan lùbte làn de ubhlan, | Torrach, sùghail, uaine, | “Plums” us peuran, “grapes” ’us caorainn, | Smiaran ’s dearcan-ruadha.
      • 1890
        An t-Eileanach 47
        Chunna mi ’chlann bheaga ruiteas, | Mu na pris a’ buain nan cnò, | ’Us caorann dearg o gharbhlach firich, | Smiar na drise, ’s dearcan lòn.
      • 1936
        Bàird Chill-Chomain 135
        Do ghruaidh mar chaorann, mar dhearc do shùilean, | Le mais’ maraon ann ad ghnùis, a Mhàiri!
      • 1970
        Bàrdachd á Albainn Nuaidh 96
        Tha’n gruaidh cho dearg ’s na caorainnean, | ’S an deud cho geal ’s an ìbhori.
      • 1980-82
        Hay Collected Poems 381
        Caorainn gheala ’s caorainn dhearga, is eatarra bhon ùir | duilleach cùbhraidh Iuchair, ’s ’na dhlùths na h-eòin ’s na nid.
      • a1986
        Chì Mi (2001) 26
        Chì thu fraoch agus luachair ann, | Lus nan laogh agus buaghallan, | Chì thu caorannan uain’ ann ’s an t-sòrpann.
    • I.3. The wood of the rowan tree.  

      • c1603
        Adv. MS 72.1.34 p. 10/6
        An bruighen […] gan aon clar anois innte ach íarna dluthdaingniugadh ar a cheile re slatuibh cruaidhe caorrthuin. 
      • 1879
        An t-Òranaiche 479
        Thachair Dòmhnull Mac-Theàrlaich orm | ’S e buain eallach chaorainn; | Bha h-uile sguab an ceangal aig’, | An taoid reamhair ghaoisid.
      • a1899
        Carmina Gadelica VI (1971) 12
        Bata caorrainn.
      • 1910
        Am Fear-Ciùil 174
        Tha fhios againn gu robh an caorann air a mheas ’na fhiodh naomh am measg nan Gaidheal.
    • I.4. (The wood of) the rowan used as protection from evil or for healing.  

      • 1829
        An Teachdaire Gaelach I 93
        Chrath mi uisg àraid nach ainmich mi orra [sc. na bà-laoigh], agus chuir mi teàrr na’n cluasan, agus chuir mi caorann sa’n àrd-dhorus, oi’che bhealtuinn.
      • 1830
        An Teachdaire Gaelach II 159
        Chuir e slatan caorainn os ceann na leapa, am Bìobull fo ’n chluasaig, agus le claidheamh dà fhaobhair dh’ àithn e do gach droch ni fuireach air falbh.
      • a1899
        Carmina Gadelica II (1900) 241
        ‘Failean caorruinn,’ a rowan sucker, or ‘fleasg caorruinn,’ a rowan wand, was placed over the lintels of the barn, byre, stable, sheep-fold, and lamb-cot, as a safeguard against witchcraft and malicious spirits.
      • 1911
        Aig Tigh na Beinne 162
        Dh’ fhalbh mi mach is fhuair mi slatag chaorainn. Rinn mi cearcall dhi, agus ’an leigeil a’ chruidh chuir mi ’m bainne troimh ’n chearcall.
      • 1921
        An Ròsarnach III 44
        Airson leighis ainmhidhean rinneadh feum de geug chaoruinn.
      • 1927
        Guthan o na Beanntaibh 234
        In a formula prescribing where the rowan that is to be used against witchcraft should be procured from,—Slat de’n chaorann nall o aodann Ealasaid.
      • 1957
        Gairm 21 78
        Ann a Srathspé bha e ’na chleachdadh, air Latha Buidhe Bealltainn, na caoraich ’s an àl a rotadh troimh chearcall de’n chaoruinn airson na treuda a dhìon o gach dochainn.
    • II. As a modifier
    • II.1. With craobh n.: the rowan or mountain ash tree; a rowan or mountain ash tree.  

      • 1741
        Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 66
        Do Thaobh Chrann neamhthorrthannach. Of Barren Trees […] Craobh Chaoirrthuinn The Service or Ran-tree.
      • 1813
        Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha 373
        Nam faighinn as so slaodadh, | Gu bachd na craoibhe caorainn, | Mi fhin ’s mo ghunna craosach.
      • 1860
        Leabhar na Feinne (1872) 212
        ’S a’ chraobh chaorainn ’ud ’s an dorus, | ’S ann urra théid mi do ’n chill; | Bheir sibh m’ aghaidh air Dun Sealbhain, | ’S ni sìbh dhomhsa carbad grinn.
      • 1873
        An Gaidheal II 227
        Thiodhlaic sinn e [sc. an cu-chaorach] aig bun craobh chaorainn air taobh cuil garaidh m’ athar.
      • 1911
        Aig Tigh na Beinne 72
        Bha am beithe ’s an t-uinnseann air dhath an òir, bha na craobhan caorainn mar lasair am measg a’ challtuinn.
      • 1921
        An Ròsarnach III 138
        Is ioma oidhche a rinn a’ chraoibh chaoruinn, a’ luasgan fo neart na gaoithe, ar taladh a chadal.
      • 1938
        Gaelic Riddles and Enigmas 60
        Chraobh cham chaorainn | An taobh taigh an tuathanaich; | Ged thigeadh luchd an t-saoghail, | Chan fhaodadh iad a buain as.
      • 1956
        Gairm 18 117
        Bha an t-eilean beag còmhdaichte le feur gorm agus dà chraoibh bheag chaorann a’ lùbadh thairis agus, ach beag, a’ tumadh anns an uisge.
      • 1974
        Gairm 87 234
        Gus an latha an diugh chìtear ann an iomadh iodhlann chruach, no làimh ri tigh tuathanaich, a’ chraobh chaorann a’ fàs.
      • 1980-82
        Hay Collected Poems 381
        Tha ar latha ’s a dhruim | bho ghile gu deirge thruime air a’ chraoibh chaorainn sin.
    • II.2. With dearcag n.: the rowan berry.  

    • III. With a modifier denoting the type of berry.
    • III.1. With caothach a.  

    • III.2. With n.  

    • III.3. With staoin n.: juniper berry. Also collective.  

      • 1960
        Gairm 31 219
        Aig aon am bhatar a’ trusadh nan caorunn-staoin air monaidhean na Gàidhealtachd, agus ’gan cur do ’n Olaind, far an robh iad gu bhith leasachadh na braiche o ’n robh an deoch-làidir gin air a tarruing.