Skip to main page content

cathag n.f.

[eDIL caóc; cf. FGB cág]

forms

singular

nominative

genitive

dative

vocative

plural

nominative

  • 1989
    Gairm 145 27 [An Gall] aig a robh tuilleadh bheathaichean a-nise – […] trì cathagan.

genitive

dative

senses

    • I. The jackdaw, a jackdaw.  

      • a1709
        Edward Lhuyd in the Scottish Highlands 132
        A Jack-daw. Kâk, A[rgyll], In[verness].
      • 1741
        Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 74
        Rócis A Rook. Cnáimhfhiach A Jackdaw. Cathag A Kay. Piaid A Pyot. Scriachag A Jay.
      • 1874
        An Gaidheal III 21
        Bha cathag araidh cho uailleil mhor-chuiseach ’s nach b’ urrainn di a bhi toilichte le a crannchur no bhi ’tighinn beo am measg a coimpirean.
      • 1879
        An t-Òranaiche 501
        Bha e [sc. am baloon] shios ’s an Odh’ aca, seòladh os cionn nan creag, | […] | Cha d’ fhan cathag bheò ann, na ròcaideach nach do theich.
      • 1913
        An Deo-gréine IX 21
        Tha mi duilich an druid fhaicinn an nead na cathaig (ni a’ chuideachd gàire).
      • 1924
        Rath-innis 6
        Buailidh e a làmh air a’ bhòrd. Bu mhòr aisde féin a’ chraobh anns an do chinn e nan robh fios aice, an uair a bha a geugan móra a’ toirt fasgaidh do ’n cholman is do ’n chathaig, gun sàbh-te as a stoc garbh clàir a dheanamh bùird aig an suidheadh àrmuinn cheithir linntean a dheasbad ’nam measg féin.
      • 1955
        Gairm 12 356
        Buinidh am fitheach, agus trì eòin eile, an ròcas, an starrag agus a’ chathag (daw), a tha fuireach no a’ tadhal san eilean [sc. Leòdhas], do theaghlach na feannaig (crow).
      • 1955
        Gairm 12 357
        Tha a’ chathag gu math nas lugha na an ròcas agus beagan glais innte; bradach, bragail ’na dòigh, spaideil, spàgach ’na gluasad, agus gu tric air a cumail ’na peata aig cloinn.
      • 1972
        Moll is Cruithneachd 64
        Mas geòidh iad na lachan, mas arspag na ròcais, | Sùlaire, cathag, no eala no góbhlan, | Bugaire, starrag, no glas-ròn no dóbhran, | Urchair na h-amais ’s na grad-bhàis an tòir orr’.
      • 1982
        Creachadh na Clàrsaich 152
        Cuime rèisd a mholainn cuthag, | b’fheàrr gu mòr mi mholadh cathaig.
      • 1988
        Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid 49
        ’Na rathad gu talamh cò thachair ris an Dreathann ach an Clacharan agus a’ Chathag, is iad air tighinn a dh’aon ghnothach ga choinneachadh anns na speuran.
      • 1989
        Gairm 145 27
        Bha e air a bhith ann am beagan trioblaid o chionn ghoirid a thaobh sprèidh a’ Ghoill aig a robh tuilleadh bheathaichean a-nise – trì geòidh, dà chalman agus trì cathagan.
      • 1990
        Coinneach Odhar 51
        Nuair bhios caisteal ciar Chul Challaidh | Na sheasamh fuar, agus falamh, | ’S na cathagan ’s na ròcais | Gu seòlta sgiathail thairis, | Gabhaidh duine gràineil còmhnaidh, | Ri thaobh mì-bheusail is salach.
      • 1991
        Aonad Àrainneachd 2.1
        ’S dòcha gum bi ialtagan is gealbhoinn fon sgleat agus cathagan anns an t-similear. 
    • II. With a modifier.
    • With cas n. and dearg adj. or dearg-chasach adj.: A chough.  

    • III. In sense I in phrases and proverbial expressions.
    • III.1. Cho gòrach ris na cathagan.  

    • III.2. Guth na cuthaig am beul na cathaig (’s guth na faoileig am beul na sgaireig).  

      • 1881
        Nicolson Proverbs 208
        Guth na cubhaig ’am bial na cathaig, ’s guth na faoileig ’am bial na sgaireig. The cuckoo’s voice in the jackdaw’s mouth, and the sea-gull’s in the young scart’s.
      • 1905
        Gaelic Names of Beasts 297
        Guth na cubhaig ’am bial na cathaig. The cuckoo’s voice in the jackdaw’s mouth. Deceit.