ladhrach adj.
[ladhar n. + -ach suffix; cf. eDIL ladrach]
forms
singular
nominative
- 1830An Teachdaire Gaelach II 86 Chunnaic sinn dithis chaola chruaidh a’ dol seachad, ad gheal chonlaich air fear dhiubh […] agus òrd beag ladhrach na laimh.
dative, masculine
- 1830
vocative, masculine
- 1892
plural
nominative
- 1976
genitive
- 1741
- 1976
dative
- 1976
in predicative use
- 16..-17..
- 1801
- 1898
senses
I.1. Cloven-hoofed; also hoofed more generally, having hoofs.
- 1741Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 78
Do Thaobh Bheathaich nach roinn an Ionga. Whole-footed Beasts […] Do Thaobh Bheathiachin Ladhraiche, no a roinnis an ionge. Cloven-footed Beasts. - 1801Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh Salm 69: 31
Agus is fearr leis an Tighearna so na damh, na tarbh òg a ta adharcach, crobhanach [fn. ladharach]. - 1976Bith-Eòlas 126
Tha e mar àbhaist aig mamailean ladhrach a bhi a’ ruith air barran nan òrdagan ladhrach aca. - 1984Gairm 126 129
Tha sibh le chèile, a shlaodairean, falach ann an cùil air choreigin. Chan ann a dh’fhulang ur cuilbheartan a thàinig mise an-diugh. Bu ladhrach casan ur sinnsirean.
I.2. Split near the end in some way: clawed, pronged, forked.
- 16..-17..MacLean Poets (1979) 8
Bhiodh na gallain bu daoire | Cruaidh sgalanta caoineil | Glac eàrr is cinn ladhrach o’n òrd. - 1830An Teachdaire Gaelach II 86
Chunnaic sinn dithis chaola chruaidh a’ dol seachad, ad gheal chonlaich air fear dhiubh […] agus òrd beag ladhrach na laimh. - 1983Suileabhan 48
Bha e fèir man èildear Gaidhealach a’ falbh dhan an t-searmon air Latha na Sàboind — còta ladhrach air agus aodann aige air a nighe agus fhalt aige air a chìreadh.
I.3. ? Perhaps referring to a physical feature or characteristic.
- 1892
- 1913An t-Ogha Mór 53
Chìtear cròileagan an sid le tòic na dibhe ’nan aodainn; agus ban-uasal a’ faotuinn tàire air am bilibh neo-chneasda. An taobh eile, gheibhte aigionnach ladhrach an cùil; is cuachag, le broilleach fo leith-bhréid, a’ leaghadh fo chaog-shùla ladarna.
- II. As a modifier.
- II.1. With breabadair n.
- a1899
- 1972DASG Fieldwork Archive Caversta, South Lochs, Lewis
Breabadair-ladhrach […] the ordinary house spider. - 2006Shrapnel 64
Cha robh laomainn no breabadair-ladhrach no cuileag ghorm, cuileag shalach na cadal fada geamhraidh.
- 1970
II.2. With cas n.: the eponychium, the hoof capsule in a newborn calf.
- 1966DASG Fieldwork Archive Uig, Lewis
Casan-ladhrach soft white pads on the hooves of a calf. These were peeled off and roasted on a red cinder. - 1967DASG Fieldwork Archive Uig an Iar, Lewis
Casa-ladhrach Na crodhanan boga a th’air laogh nuair a tha e air a bhreith. - 1972DASG Fieldwork Archive Swainbost, Ness, Lewis
Cas-ladhrach […] covering on the hooves of a calf when born. At one time they were taken off, boiled and eaten.
II.3. With geannaire n.: a claw hammer.
- 1968
II.4. With òrd n.: a claw hammer.
- 1830
- 1908Oiteagan o’n Iar 70
Chuala mi ’n saor Gallda a’ glaodhaich ris an fhear bheag, chrotach, a bhiodh a’ giùlan na làr-aoil, an t-òrd ladhrach a thoirt chuige. - 1917An Deo-gréine XII No. 4. 58
Tha òrd-ladhrach fo chrios gach té, agus tha iad a’ bristeadh uinneagan ’us dhorsan air an siubhal. - 1966
- 1979Deireadh an Fhoghair 65
Bha a chula seòrsa rud a’s a’ chiste: òrd-chlach agus òrd-ladhrach; croman, corran, ceap-bhròig, agus tairgean lùbach, ruadh leis a’ mheirg. - 1988Bùth Ailig 35
’S e uidheam-shaorsainneachd a fhuair mise. Bha òrd-ladhrach, sàbh, broga agus niobair air an crochadh air cairt mhòr. - 2006Dìleas Donn 27
Am broinn a chinn chluinneadh e a ghuth a’ placadaich, a h-uile facal mar gum biodh òrd-ladhrach ga tharraing à stoc fiodha. - 2014Casan Searraich 43
Chaidh e fhèin suas am baile agus thill e le òrd-ceàirdich, òrd-ladhrach agus sàbh garbh-fhiaclach a chosg faisg air £3.
- III. With a modifier indicating the state, condition, etc. of the hoofs. See bog-ladhrach adj., cruaidh-ladhrach adj., etc.