cuigeal n.f./m.
forms
singular
nominative
- 1700
- 1741
- 1776
- 1892
- 1955
genitive:
- 1889
- 1889
dative:
- 1785
- 1811
- 1918
- 1970
vocative:
- 1889
- 1902
plural
genitive
- a1822MacLachlan’s Gaelic Verse (1937) 236 Bristeadh chuigeal mu na claignichean | Is cnapadaich nan rùdan.
- 1899
dative
- 1872
- 1890
senses
- 1700
- 1741
- 1776Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaidhealach 294
Tharing te ghuidh cuigeal dhìrach, | ’Stabann mìne gheal marachan, | ’S nach bu caolidh na sitigh, | Sea gu libha ballchruinn. - 1801Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh Gnath-fhocail 31:19
Cuiridh i a làmhan air an dealgan, agus gabhaidh glacan a làmh greim don chuigeil. - 1829An Teachdaire Gaelach I 152
Is cuimhne leamsa nach rachadh bean do ’n bhuailidh, le cnò bhainn’ air a druim, gun a chuigeal ’s an fhearsaid a bhi aice; agus nach neo-shunndach tigh gun bhi ri sniomh. - 1872An Gaidheal I 147
Dh’ fhalbh e so air feadh Sgìre ma cheallaig, agus chaidh e steach do thaigh ann, agus cha robh duine a steach ach triùir bhan ’s iad a’ sníomh air còig Cuigeilean. - 1889Waifs and Strays I 66
Rinn iad an sin diùras ris a’ chuigeil: “’Chuigeal ullamh, ealamh, Fosgal an dorus dhuinn.” “’S mise gu’n deanadh,” ors’ a’chuigeal, “mar biodh car annam.” - 1893Mac-Talla I No. 40. 3
Ruith i agus chuir i a’ Chuigeal tarsuinn air beul na h-uaghach (oir chual i nach b’ urrainn do’n spiorad dol air ais a steach do’n uaigh, cho fhad ’s a bhiodh a’ chuigeal tarsuinn oirre). - 1900Mac-Talla IX No. 9. 70
Nach eil agam mar mhnaoi, an aon bhoirionnach a’s feàrr ’s a’s gaolaiche a chuir riamh làmh ri cuigeal no cas air creathall. - 1911Aig Tigh na Beinne 241
Taobh a teallaich, ris an lòchran, | Ghabh i ’chuigeal ghleusd’ ’s an dòrnaig, | Thoinn i ’n lìon ri fonn a chrònain— | O, bu gheal a làmhan mìn! - 1955Folksongs and Folklore of South Uist 202
Cuigeal na maighdin, | Stocain air bhiorain, | An t-snighe ’ga froighneadh. - 1997Gairm 178 120
Bha cuibhle ann gu snìomh, càrdan gu cìreadh, cuigeal gu toinneamh, crois-iarna agus spal-ladhair gu fighe.
A.I.2. A distaff as a symbol of female power used as a weapon in rebellion against or in emasculation of men. Also figurative. Cf. a1899 Carmina Gadelica VI (1971) 55: ‘Distaff […] It is banned to strike a boy or male beast with it [because this deprived them of their potency]’.
- 1811MacLeoid Orain Nuadh Ghaeleach 252
Tha sgal a ghearr na cuigeal ort, | Tha car aa [sic] t-sàis air stubadh ort. - a1822MacLachlan’s Gaelic Verse (1937) 236
Cha chluinneadh tu, ’dol seachad orr’, | Ach toirm na cigge-chaigge, | Bristeadh chuigeal mu na claignichean | Is cnapadaich nan rùdan. - 1829An Teachdaire Gaelach I 140
Thug i ’chuigeal as a crios, agus mar rachadh a’ màthair ’s an ead’ragain bhris i mo cheann!
- A.II. As a modifier.
A.II.1. With sorchan n.: the stand of a distaff.
- 1908
- A.III. With a modifier.
A.III.1. With losgann n.: the early purple orchid or heath spotted-orchid.
- 1883Gaelic Names of Plants 75
The name, cuigeal an losgain, the frog’s spindle, is applied to many of the orchis; and frequently the various names are given to both maculata and mascula.
A.III.2. With ban-sìthe n.: the common bulrush.
- 1883
- 1976
A.III.3. With òr n.: a golden distaff.
- 1976Odusseia Homair 59
Feadh ’s bha esan a’ tionndadh na smuain sin ’na inntinn ’s ’na chridhe, | mach as seòmar tùiseach an àrd-mhullaich thàinig an uair sin | Eilidh, ’s i coltach ri baindia na h-òr-chuigeil, Artemis. - 1976Odusseia Homair 59
Mach orra rithis | thug a bhean d’Eilidh gibhtean bu ghrinn; chuir i òr-chuigeal leatha | ’s craidhleag rothach, te airgid is snasachadh òir oirr’ mu h-oirean.
- B. In sense A.I. above in set phrases or proverbial use.
- B.I. With literal reference to the use a woman makes of a distaff.
B.I.1. Cas air creatha(i)ll ’s làmh an(n an) cuigeil comharra air deagh bhean-taighe literally ‘A foot on a cradle and hand on a distaff: the mark of a good housewife’.
- 1849Fear-tathaich nam Beann XXIII 723
Cas air creidheil ’s làmh an cuigeil comharra air deadh bhean-tighe.
B.I.2. Cuigeal don-s(h)nìomhaich(e) literally ‘A bad spinner’s distaff’.
- 1881Nicolson Proverbs 157
Cuigeal don-snìomhaich. Bad spinning distaff. Said of an unthrifty or untidy woman.
B.I.3. Is tric a bha bean saoir gun chuigeil, ’s bean greusaiche gun bhròig literally ‘A carpenter’s wife is often without a distaff, and a shoemaker’s wife is often without shoes’.
- 1881Nicolson Proverbs 290
Is tric a bha bean saoir gun chuigeil, ’s bean griasaiche gun bhròig. A carpenter’s wife has often wanted a distaff, and a shoemaker’s wife shoes.
B.I.4. Tapan gòraig air cuigeil crìontaig literally ‘The foolish woman’s tuft of wool on the industrious woman’s distaff’. Also, ‘the industrious woman’s tuft of wool on the foolish woman’s distaff’.
- 1785
- a1927
- B.II. In metaphorical use, applying to persons or situations more generally.
- B.II.1. With air prep.
B.II.1.a. Cha b’ e an tlam/duan a bha air a chuigeil literally ‘It was not the lock of wool on his distaff’, it was not his, etc. concern.
- 1881Nicolson Proverbs 81
Cha b’e an tlàm a bh’ air a chuigeil. That was not the stuff on his distaff. I hae ither tow on my rock.—Scot. She hath other tow on her distaff.—Eng. - a1927
B.II.1.b. Air a’ chuigeil literally ‘on the distaff’, in mind, in consideration.
- 1957Gairm 19 260
Leis a’ bheagan so air a’ chuigeil shnìomh Coinneach naidheachd ghrinn air manach na h-I, a’ cantail nan salm leis fhéin, agus, le caoin na mara ’na ghuth, a’ teagasg an t-sluaigh mun cuairt da, eadar bheag agus mhór.
B.II.1.c. Air cuigeil literally ‘on a distaff’, in store, in the future, to come.
- 1913An t-Ogha Mór 16
Cha robh cuilbheart an fhortain air cuigeil cho cruaidh, na’n deachaidh an cùmhnant a dheanamh aig làraich eile. - 1913An t-Ogha Mór 177
“Dheanadh i sin, fhein,” chum e roimhe. “Oir rinn i farchluais air Mungan Tuathal a’ cur chuilbheirtean air cuigeil, greiseag mu’n tainig an oidhche.”
B.II.2. Biodh do chuigeal deas, cuiridh Dia an duan literally ‘Have your distaff ready, God will provide the tow’; used in reference to having faith.
- a1927Meek Campbell Proverbs (1978) 32
Biodh do chuigeal deas; cuiridh Dia an duan. Have your distaff ready; God will send the tow. (Argyll).
B.II.3. Cuigeal an dàin literally ‘the distaff of destiny’, destiny, fortune.
- 1913An t-Ogha Mór 148
Le so ’san amharc, có esan cho coma ’na dhòigh, ’s a bheiridh an saoghal, easgaidh fo cheann, na’n robh cuigeal an dàin air a deanamh soilleir roimh làimh dha?
B.II.4. Is mairg a thachair dhan tìr thalmhanta, far nach snìomh cailbhe cuigeal literally ‘Pity the one who comes to the earthly land, where a partition won’t spin a distaff’’ Based on a story in folklore and said of those who expect their work to be done for them.
- 1881Nicolson Proverbs 268
Is mairg a thachair dh’ an tìr thalmhanta, far nach snìomh cailbh’ cuigeal. Pity the one who comes to the land where a partition won’t spin a distaff.
B.II.5. Suas leis a’ chuigeil bharraich! Is iomadh latha fada gu Bealltainn literally ‘Up with the loaded distaff! There are many long days until May Day’. Used in reference to procrastination.
- 1881Nicolson Proverbs 350
Suas leis a’ chuigeil bharraich! ’s ioma là fada gu Bealltainn. Up with the loaded distaff! there’s many a long day till May-day. Supposed to be the language of procrastination.