Skip to main page content

iubhar n.f./m.

[eDIL ibar]

forms

singular

nominative

genitive:

dative:

plural

nominative

genitive

senses

    • I.1.a. The yew tree, a yew tree. Also collective.  

      • 1807
        Poems of Ossian II 48
        Dh’ eug i san t-sliabh, | ’N so féin, a Chuchullin, tha ’n ùir, | ’S caoin iuthar tha fàs o ’n uaigh.
      • 1841
        Ceann-iùil an Fhir-imrich 35
        Coisichidh na firionnaich dhiubh so [sc. de na hInnseanaich] gu deas, fonn’or, le dromanna cho dìreach ri slait de’n iubhar.
      • 1891
        Waifs and Strays IV 129
        Bu gheal ’s bu dearg gnùis an fhir Iorghuill, | Dol an tùs na h-iorghuill | Fhalt chleachdach iubhar gharbh-shléibheach, | Gruaidh chorcur mar iubhar caoine, | Fuidh fhasga na mala chama-chaoile.
      • 1899
        Mac-Talla VII No. 39 307
        Fàsaidh bàrr air an iubhar | Fàsaidh duilleach air chraoibh, | Thig fras air an luachair | Ach cha ghluais mo bhean ghaoil.
      • 1912
        Dùn Àluinn 262
        Sin agad an t-iubhair a tha seasamh air son na litreach I.
      • a1927
        Meek Campbell Proverbs (1978) 150
        Uinnsean an dubhair is darach na gréine, | Leamhan a’ bhruthaich is iubhar an lèana.
      • 1958
        Gairm 25 79
        Bha an t-iubhar lìonmhor gu leòir sa’ Ghaidhealtachd aig aon àm, ach an diugh ’s ann tearc a chithear e, co-dhiùbh air an achadh fhosgailte.
      • 1976
        Bith-Eòlas 97
        ’Se seo an seòrsa duilleig [sc. am macrophyll no mór-dhuilleag] a gheibhear ann an raineach, ann an craobhan-durcain (e.g. Giuthas, Iubhar, Aiteann), agus ann an luibhean flùranach.
    • I.1.b. In verse: the yew tree in figurative context in reference to a person’s good qualities. Quots. ?1689 Duanaire Colach, 1813 Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha and a1829 dughallach Orain 86 may also include the sense of a progenitor.’  

      • ?1689
        Duanaire Colach (1997) 18
        Iorram do Iain Gharbh | Craobh don iubhar a b’fheàrr | Bu mhath lughadh ri sàs | As a’ choillidh a b’àirde geugan.
      • a1707
        Orain Iain Luim (1964) 384
        S tu ’n iubhair uasail achdfuinach | Gur fhad Cha cliu air asdar ort | Do dheoch slainte ann ’n Sasain achd | Aig na Traithachaibh [recte Triathachaibh] ga h-òl.
      • 1751
        Ais-Eiridh 180
        Go toil lium Cailein ghlinn-iudhair, | B’ fhearr lium go ’m b’ iudhar ’s nach b’ fhearna; | O thréig e nador a mhuinntrioch, | ’S gann a dh’ fhaodar cuim thoirt dhásan.
      • 1776
        Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaidhealach 287
        Bu tu’n t iuthair as a choille, | Bu tu’n darach daingean laidir, | Bu tu’n cuilean bu tu’n dreathan, | Bu tu’n t abhall molach blath mhor.
      • 1776
        Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaidhealach 320
        Cha ba tu’n dreathunn na’n cuileann, | Na tiubhar fulannach làidir | Cha ’n eil mir annad do’n darach, | No do sheileach dearg na’m blàran.
      • 1813
        Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha 251
        Duin aoidheil, cridheil, suairce, | Deth ’n fhion-fhuil tha gun truailleadh, | Slat deth ’n iudhar uasal.
      • a1829
        Dughallach Orain 86
        Cha robh cruaidh-shnuim no sreang | Air do sporan gu teann: | ’S cha d’ thug thu d’ fhear fann an éura. | ’Chraobh do ’n iubhar bho ’n ghleann! | Chuir thu cul ri bhi gann; | ’S cha bu chubair’ air ceann na feisd thu.
      • 1881
        Clàrsach na Coille 241
        Taing do Dhia mar a tha sinn | Gu bheil mac ann ad àite, | Slat de ’n iubhar a’s àille, | Fiùran foghainteach làidir.
      • 1898
        Na Baird Leathanach I 20
        Air an iubhar mhaiseach, ùrail, | Laigh an dubhlachd chranndaidh; | Ghlac am bàs an ribhinn aillidh.
    • I.2.a. The wood of the yew tree.  

      • 16..-17..
        MacLean Poets (1979) 8
        Bogha ’n iubhar dhearg-dhathte | Chùil bhuidh’ thig á Sasann, | Ghabhadh lughadh ’s nach spealtadh ’san dòrn.
      • a1790
        Ros Orain Ghàëlach (1834) 186
        Croinn-iubhair le brataichean sròil, | Loingeas air chòrs a’s ròs ìuil.
      • 1813
        Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha 164
        Saighdean le ’m bonnaibh iubhair, | Air nach biodh an naimhdean buidheach.
      • 1841
        Ceann-iùil an Fhir-imrich 40
        Fonn-chrìth air an Innseanach a feitheamh air [sc. air an iasg], | Is “morghadh cumhann geur, | Le chrann iubhair fein, | – Ann na dhornaibh aig”.
      • 1875
        An Gaidheal IV 113
        Chuir e air a bhrògan mine, dubha, | Bhuinn iubhair eutrom, | Chaol, dhìonach, ùr, | Air dheagh chumadh.
      • 1890
        Popular Tales II 417
        Sliseag air an urlar, | ’S gur math a ni i dranndan, | Slat ’n iubhar Shasunnach, | A ’s bogha ’n iubhar Fhrangach. | An fhidheal.
      • 1891
        Waifs and Strays IV 129
        Gruaidh chorcur mar iubhar caoine, | Fuidh fhasga na mala chama-chaoile.
      • a1899
        Carmina Gadelica II (1900) 331
        Bogha dh’iubhar Easragain, | Ite firein Loch Treige, | Ceir bhuidhe Bhaile nan gaillean, | Smeoirn o’n cheard Macpheaidirean.
      • a1965
        Hebridean Folksongs III 82
        Sealgair sìdhneadh nan damh donn, | […] | Slat an iubhair chaoil ’na làimh.
      • 1987
        Sgeul gu Latha 390
        Agus ’s e mar a bha a’ rann a’ dol, An teid thu dh’iomain? Gu dé an iomain? Iomain chamain ’S gu dé an caman? Caman iubhair ’S gu dé ’n t-iubhar? Iubhar adhair ’S gu dé ’n t-adhar? Adhar eun.
    • I.2.b. In figurative use: with positive connotations referring to a person. See also I.1.b. above.  

    • I.3. An object made from the wood of the yew tree. Chiefly a bow, also an arrow.  

      • 16..-17..
        MacLean Poets (1979) 28
        B’e siod an gasan leis ’m bu taitneach | Pìcein dathte lùbadh, | An t-iubhar nuadh ga lughadh gu chluais.
      • a1707
        Orain Iain Luim (1964) 40
        Gun tig sìolachadh Uisdein | O Dhùn Sgàthaich an t-siùil sin, | ’Gam bi ’n t-iubhar ’ga rùsgadh ri feum, | Air am biodh na cinn ghlasa, | An déidh an eagadh gu dreachmhor, | A’ dol an creubhaig le tartraich nam meur.
      • a1707
        Orain Iain Luim (1964) 138
        Clann Chamshroin a nall | O bhràighe nan gleann, | Chuireadh iubhar le srann am feòil.
      • a1707
        Gaelic Songs of Mary MacLeod (1934) 40
        Gheibhte sud air gach slios dhiubh | Isneach is cairbinn, | Agus iubhair chruaidh fhallain | Le an taifeidean cainbe.
      • 1804
        Stewart Cochruinneacha Taoghta 292
        Gun eisiomail, gun umhlachd, | Gun athadh do namhaid | Ach a gabhail romhaibh thoirt iuir | Ag coisneadh na cath-laraich.
      • 1807
        Poems of Ossian II 34
        Bha cruaidh a’ screadan air cruaidh, | Bha clogaide shuas ’gan sgoltadh, | Fuil a’ dòrtadh dlùth mu ’n cuairt, | Taifeid a’ fuaim air mìn iuthar, | Gathan a’ siubhal ro’ ’n speur.
      • a1899
        Carmina Gadelica II (1900) 116
        Garbhag an t-sleibh air mo shiubhal, | Cha ’n eirich domh beud no pudhar; | Cha mharbh garmaisg, cha dearg iubhar mi, | Cha riab grianuisg no glaislig uidhir mi.
      • 1910
        Folk Tales and Fairy Lore 238
        Ghabh e cuimse air an Agh, agus leig e as an t-saighead. Ach mu’n d’fhàg an t-saighead glaic an iubhair, chuala e a’ Ghlaistig ag glaodhaich le guth nimheil: “Sàth ’na ghoile, a shaighead! Sàth ’na ghoile!”.
      • 1955
        Folksongs and Folklore of South Uist 188
        M’iteagan is m’eòin is m’uighean, | Mo chrodh-laoigh ri taobh mo thaigh’; |Le m’iubhair, le m’archair, le m’ bharrgha dubh ciarach, | Gu siubhlainn an oidhche fo bhrìgh nam beann àrda.
      • 1958
        Gairm 25 79
        Agus nuair a chuala Diarmad fuaim na seilge am Beinn Ghulbhann mhiannaich e a bhith sa’ chòmhlan, “A chraosnach dhearg ca’ bheil thu, | ’S ca’ bheil m’ iubhair ’s mo dhòrlach?”.
    • II. As a modifier.
    • II.1. With crann n. and craobh n.: The yew tree.  

      • a1729
        Bàrdachd Shìlis na Ceapaich (1972) 68
        Ach a Rìgh mhóir, tog-sa ’n àird iad | Mar chraoibh iubhair mheurach mhiadhair, | Mar ghallain ùr nach lùb droch-aimsir.
      • 1741
        Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 66
        Do Thaobh Chrann neamhthorrthannach no aimrid. Of Barren Trees […] Craobh Uibhair [sic] A Yew-tree.
      • 1801
        Mac ghrigair Orain Ghaelach 59
        Gur ceutach do choille, | ’S gach doire ma ’n cuairt dhuit, | Gu badanach, dosach, | Ar choslas an uaine; | Le ’n ard chrainne ghiubhais, | Dharach, ’s iubhar re ’n gualain, | ’S craobhan eille ’t’ ann tuille, | Nach urra mi luaidh dhuibh.
      • 1873
        An Gaidheal II 291
        Dh’ fholuich si i fein fo sheann chraoibh iubhair a bha dluth do ’n tigh.
      • 1958
        Gairm 25 79
        Is ann de [sc. dhen iubhar] a bha am bogha-saighde, am bitheantas, air a dheanamh agus a chùm gum biodh am pailteas fiodha ri làimh, airson an aobhair sin, bha e mar fhiachaibh air gach sgìre craobhan iubhair a chur anns gach clachan.
      • 1969
        Gairm 68 371
        So feadhainn de na h-òrain a tha anns an leabhar: Ailein Duinn, Chaidh mi do’n bheinn ghabhail fradhairc, Craobh an iubhair.
      • 1972
        Aitealan Dlù is Cian 113
        Tha ainm an treibh Cheiltich “Eburones” a’ toirt a stigh an fhacail air son na craoibhe iubhair.
    • II.2. With craobh n.: A representation of the yew tree.  

      • 1953
        Gairm 6 182
        Car son a bha craobhan no lusan mar shuacheantais air na fineachan Gaidhealach, mar a bha a’ chraobh iubhair aig na Frisealaich, fraoch aig na Dòmhnallaich, raineach aig Cloinn Dhonnchaidh, agus an giuthas aig Sìol Ailpein?
    • III. With a modifier.
    • III.1. With àigh n.: The juniper tree.  

      • a1899
        Carmina Gadelica IV (1941) 128
        Iubhar beinne | Buainidh mis an iubhar àigh | Tre aon asna àlainn Ìos.
      • 1960
        Gairm 31 219
        Gheibhear an t-aitionn fo iomadh ainm mar, Staoin, Iubhar-beinne, agus Iubhar-àigh.
      • 1960
        Gairm 31 219
        O shean bha e ’na ghnàths-glanaidh aig na Gàidheil teine aitinn fhadadh air Latha na Bliadhna Uire ’s an taigh-chòmhnuidh agus anns a’ bhàthaich. Dh’ fheumtadh an connadh seo a spìonadh le a bhun, na meanglanan a roinn ’nan ceithir pasgan eadar na cóig meòir, agus an duan a ghabhail:— “Buainidh mis’ an t-iubhar-àigh / Roimh chóig aisnean croma Chriosd, / An ainm an Athar, a Mhic ’s an Spioraid Naoimh.
    • III.2. With beinne n.: The juniper tree.  

      • 1960
        Gairm 31 219
        Gheibhear an t-aitionn fo iomadh ainm mar, Staoin, Iubhar-beinne, agus Iubhar-àigh.