Skip to main page content

fearsaid n.f./m.

[eDIL 1 fertas, 2 fertas]

forms

This word displays gender variation; fearsaid and closely related forms are chiefly feminine.

singular

nominative

genitive

dative

plural

nominative

dative

  • 1997
    Gairm 180 300 Timcheall air na fearsaidean.

as a place-name (singular)

genitive

dative

senses

    • 1.a. A spindle.  

      • 1700
        Edward Lhuyd in the Scottish Highlands (1963) 187
        A Spindle. Feârsid, A[rgyll]; Dialygan, In[verness].
      • 1741
      • a1778
        NLS Adv.MS.73.2.2 42
        Meadhon ramhar ’s da cheann chaola | Rinn e [sc. còta Lachlainn] nlaoch air chuma fearsuid.
      • 1829
        An Teachdaire Gaelach I 152
        Tha mo mheodhair, mo chlaisteachd, agus mo fhradharc agam; is urrainn domh an air’ a thoirt orm fhein; sùil a chumail air na pàistean; agus car no dhà chuir san fhearsaid, agus cha ’n olc sin domhsa a tha ceithir fichead bliadhna ’s a deich.
      • 1842
        Dhinnis Wallace do bhean-an-tighe mar bha [na saighdearan Sasannach an tòir air]; agus a thiota bha e ann an aodach boirionnaich, le ’chuigeal ’na chrios; agus có ’sheinneadh an duanag, ’sa chuireadh car ’san fhearsaid coltach ris-san!
      • 1879
        Ceit Mhòr 14
        Bheireadh na boirionnaich leotha gach té a cuigeal ’s a fearsaid [is iad a’ “dol air ’chéilidh”].
      • 1894
        Mac-Talla II No. 30. 1
        Chunnacas aig an am cheudna, cireadh cloimhe, tacharas snatha, toinneamh le fearsaid, agus cardadh us sniomh, agus an sin frolic luaidh, ni nach fhacas riamh roimhe ann am baile Bhoston.
      • 1903
        Mac-Talla XI No. 25. 196
        Ach air dha lamh a thoirt air a bhàta ghluasad, fhuair e am mach nach robh uiread na fearsaid aige leis an deanadh e sin.
      • 1913
        An t-Ogha Mór 117
        Fhreagair ise le sùrd, ’s i cumail na fearrsaide a’ dol mar gu’m biodh seòladair a’ tomhas na doimhne.
      • 1923
        An Deo-gréine XVIII No. 9. 130
        Chuireadh i an fhearsaid mu’n cuairt mar ghille-mirean le aon ghailleig de a meòirean, agus an sin leis an dà laimh bhiathadh i an fhearsaid le snàth ó an tlàm.
      • 1972
        Gairm 79 216
        Mhionnaich Iain Garbh air feusag a sheanar agus air fearsaid a sheanmhar nach tilleadh esan.
      • 1982
        Air Mo Chuairt 2
        Bha am fearsaid uamhasach inntinneach a bhith ga amharc a’ sìor chur toinneamh anns an t-snàth.
      • 1987
        Sgeul gu Latha 238
        Bha ’n t-seann-té a’ toinnteachadh snàth agus thilg i ’n fheàrrsaid a null tarsainn an t-ùrlar agus dh’éirich a’ bhean òg agus rug i air an t-snàth.
      • 1997
        Gairm 180 300
        Bha aig a’ chloinn ri dèanamh cinnteach gum biodh snàth gun bhristeadh a’ tighinn ás na h-innealan snìomh. Dh’fheumadh e a bhith air a shuaineadh gu cùramach timcheall air na fearsaidean.
    • 1.b. In cell biology: the spindle-shaped cytoskeletal structure that forms during cell division.  

      • 1976
        Bith-Eòlas 25
        Faisg air deireadh a’ phrophase tha an nìùclasag, a lìon beag is beag, a’ briseadh sìos, agus mu dheireadh tha meamran an niùclais a’ falbh ás a chéile, agus a’ fàgail nan cromosoman air an fhearsaid.
    • 2. A sand-spit, a sand or gravel bank. Attested only in place-names: An Fhearsaid or Fersit, Lochaber, cf. Ainmean-Àite na h-Alba; two farm names in the same location are An Fhearsaid Riabhach, also called An Fhearsaid Bheag, and An Fhearsaid Mhòr. See Rankin, ‘Place-Names in the Comhachag and Other Similar Poems’, Scottish Gaelic Studies XVIII (Spring 1998), 113.  

      • 1748
        Reliqiuae Celticae II (1892) 351
        Sann a bhiadh Cuid dom’ Shinnsior | Eadar an Innseach sa Nfhearsuid | Sa chuid eile dhiobh ’mamdhéibhidh | A Seinn gu haoibhinn sa Nfheasgar.
      • 1776
        Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaidhealach 7
        O’n d’ thòisich u re seanachas, | A’s èigin do leanmhuinn nas faide, | Gu ’n ra ’n triur bha sin air foghnadh, | Ma ’n raibh Donnaghail ann san Fhearsaid.
      • 1813
        Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha 102
        Ceist na ’m fear thu o ’n Earsaid, | ’S o Cheapach na ’m péuran.
      • 1873
        An Gaidheal II 113
        Dhearg iad an ainmeannan air fonn na Fearsaid.
      • 1876
        An Gaidheal V 329
        Thug e dà bhaile dha—Creag-Guanach agus an Fhearsaid-Riabhach.
      • 1876
        An Gaidheal V 329
        Bha Dònull latha ’s a’ ghlasanaich air sgrìb aig taobh an Dùbhlochain (lochan a th’ air cul na Fearsaide-Móire).
      • 1876
        An Gaidheal V 330
        Bha tigh Dhònuill air a’ cheart làraich air am beil tigh-bàn na fearsaid—an diugh mo chreach aig bodach Gallda.
    • 3. A spear shaft or other long weapon.  

    • 4. An axle or shaft.  

      • 1896
        Mac-Talla IV No. 42. 3
        So foclan ura Gaidhlig airson gach rud a bhuineas do Rothar. […] Fearsad, axle.
      • 1964
        Gairm 46 134
        A’ chiad deuchainn b’e deuchainn an neirt. Phriob Dòmhnall a shùilean nuair a chunnaic e an cudthrom — dà roth iaruinn agus fearsaid iaruinn eatorra.
    • 5. The spoke of a wheel.