rionnagach adj.
[rionnag n. + -ach suffix]
forms
singular
nominative
- a1822
- a1881
- 1977
dative
- a1822
- a1822
- 1966
plural
nominative
- 1911
dative
- 1829
adverbial
- 1851
in predicative use
- 1920
senses
I.1.a. Chiefly of the the night and the sky: starry, full of stars.
- a1822
- 1829
- 1888Fear-tathaich Miosail Air. 668 2
An uair a thigeadh an oidhche gheibheadh e sealladh de na speuran rionnagach troimh na gloineachan. - a1927Meek Campbell Proverbs (1978) 143
Oidhche chiùin, cheathagach, | Is i soilleir, rionnagach, | A’ ghaoth a-nuas ’s an t-uisg’ a-nios, | A’ reodhadh gu teann, teann, | ’S a’ ghealach ’na seasamh ri ceann an tighe. - 1914-17Luach na Saorsa (1970) 105
A réir coltais, tha muillionan ann de ghalacsaidhean rionnagach coltach rithe [sc. Slighe Chloinn Uisnich], ach chan fhaicear iad ach le còmhnadh gloine-astair. - 1944-46Hay Collected Poems (2003) 190
A mhuir, mo mhuir-sa, tha ’n speur rionnagach | le gaothaibh saor ag ulfhairt òirnne! - 1979Deireadh an Fhoghair 115
Bhiodh na lochan mar a bha iad a-riamh, na cniuc [sic] agus na glinn gun chaochladh, sàmhach ann a’ solus na gealaich air an oidhche gheal rionnagach seo. - 1998
I.1.b. In collocation with reulagach adj., reultach adj., reultagach adj., etc.
- a1881Nicolson Proverbs 68
“Tha,” ars ise, “oidhche rionnagach, réulach, gun turadh, gun ghaoith, gun uisge”. - 1920An Deo-gréine XV No. 11. 171
Th’ ánn oidhche reannagach reulagach, gun ghaoth, gun turadh, gun uisge. - 1969Sgialachdan á Albainn Nuaidh 119
Mu mheadhon-oidhche, thàinig fiath nan ian air muir ’s air tìr, is bha oidhche rionnagach, reulagach, a’ deanamh faire […] air machraichean Uibhist. - 1980Gairm 110 147
Tuilleadh sheanfhacal a bha san Eilean Sgitheanach […] Oidhche rionnagach reultagach, gun thuradh gun ghaoith gun uisge. - 1980Gairm 110 153
“Gu dè seòrs oidhche a tha muigh a-nochd, a Shìne?” “Tha,” arsa Sìne, “oidhche rionnagach reultach, oidhche reultach rionnagach”.
I.2. Marked with representations of stars.
- 1848Fear-tathaich nam Beann I 26
Bu ro thaitneach r’a fhaicinn an ùair a bha a Bhàn-righ air a turus gu tìr nam Beann air an fhoghar’ a chaidh seachad […] nach robh aon lòng o’n d’ éirich iolach a b’ àirde no uapasan aig an robh bratach rionnagach stiallach America a snàmh o bharraibh an crann.
I.3.a. Having the brightness of a star.
- 1851Orain le Gilleaspuig Caimbeul 23
Bithidh am bradan slios-shleamhuinn, it’-bhuidh’, | ’A snàmh anns an uisge ’s b’e ’mhiann; | […] | A lainnir shuaiceanta, mheanbh-bhreac, | A’ soillseadh mar airgiod ri grian; | Gu srithteach, rionnagach, tàrr-gheal. - 1963Gairm 44 415
Mu ar coinneamh bha solus rionnagach no dhà o na h-eathraichean iasgaich a bh’ air acaire sa’ bhàgh.
I.3.b. Having the shape of a star.
- 1911Aig Tigh na Beinne 26
Dh’ innis Sìne dhi gu’m b’e Dia a rinn ise, agus mar an ceudna na cnuic, agus an loch, agus na flùragan rionnagach a bha ’nan grioglachain mu’n casan.
II. In sense I.1.a. above in a set phrase.
- Le sùil rionnagach literally ‘with a starry eye’ referring to an idealistic view; cf. English ‘starry-eyed’.
- 1991Gairm 156 370
Chan eil sinn ag amharc air a’ phrìosanach le sùil rionnagach, oir tha an dòigh-beatha a chuir feadhainn sa’ phrìosan fhathast maille riutha.