Skip to main page content

1 ealt, ealta, ealtainn n.f.

[eDIL 1 elta]

forms

singular

nominative

genitive

dative

plural

nominative

senses

    • I.1.a. A flock (of birds).  

      • 1786
        Gillies Sean Dain 85
        Do mhac-samhailt mar ealt’ eun o dhubh bheinn | Dol trìd choille dharaich; | No mar fhrois mhòir ag reubadh tuinne | Air druim cuain mara.
      • 1828
        MacLeod Co’Chruinneachadh 287
        Tha’n t-eun is faoine san ealtuinn sa fo chùram Dhe. Smuainticheamaid air a so, agus gabhamaid nàire arson ar n-an-earbsa, ar teagamh, agus ar n-iomaguin.
      • 1844
        Eachdraidh a’ Phrionnsa 21
        Seall suas, faic an t-ian ud, Prionnsa na h-ealtain, an cuir fàilt’ air do mhòrachd rìoghail, Prionnsa fir Alba, gu rioghachd a shinnsir!
      • 1851
        Orain le Gilleaspuig Caimbeul 65
        ’S tric gur iad na h-eunlain dhuaichnidh, | ’S àirde fuaim am measg na h-ealtainn; | A’ ghuilbneach ’s an t-adharcan-luachrach; | ’S tric an teangadh luath neo-ghalaiste.
      • 1879
        An t-Òranaiche 308
        Air na Cruachan fad’ o’n tràigh, | Far an òl am fiadh a phailteas, | ’S bòidheach ealtan lach ’g’an snàmh, | Mar a fhuair ’s a chunnaic mise, | Thoir am fios so thun a’ Bhàird.
      • 1881
        Nicolson Proverbs 169
        Druididh gach ian ri ’ealtainn. Each bird draws to his flock.
      • 1894
        Mac-Talla II No. 35. 3
        Ge b’ e uair a chithear ealta de na bigeanan-bantighearna a’ ceileireadh gu binn air cliathaich taighe, no air craoibh, no air gàradh, faodar a bhith cinnteach gu ’m tig sìde gle fhuar no eadhon sneachda, gun dàil.
      • 1904
        Mac-Talla XII No. 16. 127
        Chunnaic mi ’n sruthan, | A’ tearnadh a’ bhruthaich | [...] | Is eóin bheag’ na h-ealtainn | Ri caismeachd dha.
      • a1932
        Na Baird Thirisdeach 7
        ’S tu mar sheobhag fo’n ealtainn, gu sgapadh ’s gach aite, | No mar pheileirean teine, ga’n leagadh ’s an araich.
      • 1938
        Am Measg Nam Bodach 84
        Air do’n Arm Dhearg a chluinntinn gu’n robh am Prionnsa an Ratharsair, leum iad air an eilean mar ealta fhitheach, agus rinn iad a leithid de sgrùdadh, de gharbh spùileadh, agus de chreachadh, agus nach d’fhuair an tuath os a chionn fad ioma bliadhna.
      • 1950
        Armageddon 142
        Sultainn an cóigeamh là deug bha casgradh barraicht air nàmhaid; | Ceannas nan Gleacair choisinn am fleasg le gaisge nam buadhair: | Ceart mar sheabhag gun bhàigh a sgaoileas ealta nan gealbhan, | Bhuail is thilg air an nàmh an Dùbhlanach, Doinionnach, Spìdeag.
      • a1965
        Hebridean Folksongs II 166
        Ghairm a’ chuthag, ’s ghairm an smeòrach, | ’S ghairm gach eun ’san ealtainn còmhl’ ann | Bheir soraidh bhuam.
      • 1973
        An Toinneamh Dìomhair 96
        O’n iar-dheas ’s an iarmailt | ’S air mo chluain a laigh sìos iad; | An ealtainn le fiamh theich.
      • a1983
        Saoghal Bana-mharaiche (2007) 161
        ’S aithne do mhuinntir Thìr Chonaill an Èirinn an dearbh sheanfhacal […] ’s mi a’ coimhead ri ealta fheannagan … Nam bithinn dlùth riutha, dh’fhaodadh e bhith gum faicinn an teangan air an cur a-mach air sàilleabh an teas.
      • 1987
        Air Druim an Eich Sgiathaich 36
        Bha itealain a’ tuiteam air gach taobh mar ealtainn gheòidh air an spadadh o shreathan ghunnachan air an làr.
      • 1990
        Coinneach Odhar 60
        Ach their feadhainn eile gun do thog an caraid a’ chlach gu a shùil […] agus nuair a bha e a’ togail na cloiche gun do theàrn ealtainn de ealachan, a’ sgriachail gu h-uabhasach agus gu h-iargalta.
      • 2000
        Smuaintean fo Éiseabhal 104
        Orasaigh […] Tha ealtainn sgèimheach mu d’ sgorran iom-sgoilt’, | Thu dhaibh ’nad dhìon-àit’ bho shìontan fògairt.
    • I.1.b. In verse: a clan.  

      • 1661
        Guthan o na Beanntaibh 253
        Seobhag de’n ealtain dob fhearr, | ó dhreim Artúir bu gharg colg; | onchú thréan ré buan na gcreach, | féinidh fearail na bhfeacht mborb.
      • a1693
        Lamh-Sgrìobhainn Mhic Rath (1923) 122
        Dijn toir eain vo nailt ī voarb [? for bhon ealtain(n) bhorb; MacFarlane (1923) 123 ealta] | Ha streip lea mirūin sle kailg | Nir corroūn ri di hearg.
      • 16..-17..
        MacLean Poets (1979) 311
        O ghabh am fìreun fògradh: rinn sin na h-eòin a mheatachadh; | Nach faic thu na seòbh’gan, ge bòidheach an ealta sin, | Gun dath feadh nan sliabh iad, ’s eòin fhiadhain.
      • 1811
        MacLeoid Orain Nuadh Ghaeleach 112
        Air dhoibh coignar Bhantighearnan a chall, maille ri mac dha ’n goirte seothag na h-ealtuin, na’m bidh aireamh a lathean na bu phailte.
      • 1813
        Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha 19
        Tha mo chion air an fhior-fhuil, | Og rioghail na h-ealtainn; | Agus cuilein an leoghuinn, | ’S og a dh’ fhoghlum thu gaisgeadh.
      • 1821
        MacCallum Co-chruinneacha Dhàn, Orain, &c. 148
        Paidhear do gach eun ’san ealtuin | Inte gabhail cònuidh: | Bha ’m fitheach int’, ’s cha d’ rinn e ’n ceartas, | Gheill e ’n chionta mhor sin!
      • 1829
        Dughallach Orain 166
        Sàr mharcach nan each innealta | […] | Do phearsa chumbach, bheachdail, deas, | ’N ard chleachdainnibh nan Iarlachan, | Mar sheobhag an t-ian meartuinneach, | Air thus na h-ealta ’cliaranach.
      • 1860
        Filidh nam Beann 12
        Craobh is àird’ anns an doir’ thu | Ann an coille nan Gàidheal; | Seobhag uasal na h-ealta, | ’S ursann-chatha ’s na blàraibh.
      • 1891
        Nic-a-phearsoin Dàin agus Orain Ghàidhlig 278
        Ged a bhruidhinn thu mu’n sgadan, | Cha d’thuirt thu dùrd mu na bhradan, | No na h-eòin a tha ’s an ealtainn, | Ga’n glacadh gun taing dhuinn.
    • I.1.c. Birds in general.  

      • 1750
        Gairm an De Mhoir 144
        Sheadh, thathaicheadh na diabhla shibh agus dh’ fhuadaicheagh iad leo shibh beo, mar a chosgras an gairbh-iasg am minn-iasg, agus an ealt fheoil-reabach na h ealta eille.
      • 1811
        MacLeoid Orain Nuadh Ghaeleach 102
        Mar tha do mhire, ’s d’ fhagail, | Air fas ann an criodhaileas, | Gu racheadh tu ’s na speuran | […] | O ghlac u speirid na do chreth, | Mar ealt’ na sgethaibh iteagaich, | ’S co maith leat poull ri cruaidhlach, | ’S do luaths’ cha’n eil bristeadh air.
      • a1822
        MacLachlan’s Gaelic Verse (1937) 67
        Eich Eumeluis a b’ fheàrr neart, | Iad bras mar ealtuinn nam beann; | B’ ionann aois is àird’ is dealbh | Nan steud ùr bu mheamnach srann.
      • 1836
        Co'-chruinneachadh de dh' Oranan Taoghta 71
        Cumha MhicCruimein […] Tha ialt’ [recte ealt’] nan speur, feagh gheugan dubhach, | A’g caoi’ gun dh’fhalbh ’s nach pill thu tuile.
      • 1898
        Na Baird Leathanach I 112
        Tha sinn mar threud ’bhiodh fo thearmunn mi-ghleidht’, | Gun neach fo’ n ghrein duinn mar sgeith gar dideann; | Mar ealta sleibh sinn gan teum le liontaibh.
      • 1904
        Guth na Bliadhna I 122
        ’S tric a shuidh mi ’m barr na beinne | ’G amharc luingeas Ghallda | […] | Gum b’e ’n sealladh greannmhor: | Sgoth a’ tilleadh, ’n ealta ’mire, | ’Cromadh ’sireadh annlainn.
      • 1939
        O Choille gu Bearradh (1989) 74
        Air Sgùrr Alasdair ri lainnir | [...] | ’s ged a chithinn creagan Bhaltois | a’ toirt bàrr air rèis na h-ealtainn | [...] | leanadh sgreuchail a’ Chuilithinn | ri mo chluasan ’na duilighinn.
      • 1976
        Odusseia Homair 175
        Tha air an aon té croch-chreagan sgàileach [...] An so cha téid seachad an ealtainn, fiù nan calman sgèanach tha giùlan ambrósaidh d’ ar n-athair, Dieus.
      • 2001
        Gairm 195 204
        B’ àghmhor an saoghal na fàgt’ aig an saors’ iad. Thàinig tosd air ceòlraidh na h-ealtainn.
    • I.1.d. In extended use: the bird-world, the bird-kingdom.  

      • 1890
        Popular Tales III 114
        Cha robh eun a bha ’s an ealt nach deachaidh i a ionnsuidh; ’s thill i dhachaidh, ’s cha d’ fhuair i iad.
      • 1894
        Mac-Talla II No. 40. 2
        Tha e coltach gur e am fitheach eun cho trath air a’ bhliadhna ’sa ni nead’s a th’ anns an ealtuinn.
      • a1899
        Carmina Gadelica II (1900) 267
        Vows were made upon the swan. […] Vows of constancy were made on ‘righinn na h-ealt,’ the queen of the bird-kingdom.
      • 1988
        Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid 41
        Tha seo gam thoirt gus an dìleas dheireannach, mo chaomh-charaid an Dreathann. An dà chuid an lèirsinn is an duinealas, is e iochd ar n-achd rìgh na h-ealtainne.
    • I.2. A flock, a herd (of four-legged animals).  

      • 1872
        Leabhar na Feinne 2
        Tha aodann mar fritheine deirg | […] | Na mar chruas creanda ealta airghe.
      • 1906
        An Deo-gréine I No. 5. 85
        Ealt, ealta, “a number of quadrupeds, as a drove of cattle; a trip of goats; a rout of wolves; a pace of asses; a sounder of swine”.
      • 1911
        Aig Tigh na Beinne 131
        Bha treudan fhiadh aig a’ chaillich; agus iomadh ealtainn de ghabhair is de chaoraich cho geal ris an t-sneachd.
    • I.3. The sky.  

      • a1886
        Clàrsach nam Beann (1937) 165
        Ach feuch! ’s glé ghann a fhuair sinn | Air falbh á sealladh Shuainneart, | Nuair chìnn an ealtainn gruamach, | ’S a’ mhuir air tuar glé fheargach!
      • 1930
        An Ròsarnach IV 42
        Bha an oidhche briagha; cha robh gealach ann, ach an ealtainn còmhdaichte le reultan, is Sgriob Chloinn Uisne mar bhabhunn de chobhar reodhta a’ sgoilteadh na speur ’na dà leth.
      • 1966
        Transactions of the Gaelic Society of Inverness XLIII 79
        Ealtuinn —usually means birds, but in Barra is used for the sky, e.g., tha droch choltas air an ealtuinn—the sky looks ominous, which could possibly be a transfer of meaning.
    • II. In sense I.1.a. or I.3. above in a set phrase.  

      • Nuair a thèid a smuaint san ealtainn literally ‘when his thought goes in the flock/flight or sky’, when his thoughts take flight, when his mind wanders.
      • 1913
        An t-Ogha Mór 69
        Ach cha’n e sin a thog mo sgial, ged is iongantach na thig a-stigh air duine, nuair a théid a smuaint ’san ealtainn.