Skip to main page content

farspag, arspag n.f., farspach n.f./m.

[Norse svartbakr; cf. DSL swabie]

forms

singular

nominative

genitive

  • 1911
    Dwelly Dictionary 922 Farspach, […] [farsp]aiche […] s.f.
  • 1955
    Gairm 11 263 Mu mheud na farsbaig as lugha.
  • 1968
    Sporan Dhòmhnaill 68 Gloc na farspaig.
  • 1983
    Gairm 122 126 Leithid farspach.

dative

dual

nominative

plural

nominative

genitive

dative

senses

    • I.1. The black-backed gull, a black-backed gull, esp. the greater black-backed gull.  

      • 1741
        Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 76
        Farspag | A Gull. | Faoiliunn | A Sea-maw.
      • 1804
        Stewart Cochruinneacha Taoghta 211
        ’S iomad Farspag rinn thu mharbhadh, | A’s Sulair garbh a rug thu air.
      • 1868
        An Duanaire 145
        Thugaibh, thugaibh, | ’Phrasgain ghealtaich. | ’Thàinig a nall | Á Gleann-Ealtainn. | Thugaibh ’s a’ chuan, | Mar na farspaich— | Thugaibh ’s an fhraoch, | Mar na glais-eoin.
      • 1895
        Waifs and Strays V 22
        Tha do bhreacan ùr uallach | Air uachdar nan glas thonn | ’S fuil do chinn aig an fhaoilinn | ’S fuil do thaobh aig an fharspaig.
      • 1916
        Bàrdachd Leodhais 197
        Biodh fithich agus starragan, | ’Us arspagan nan cuantan, | A’ tarruing do chuid sgamhanan, | Gun chothrom agad gluasad.
      • 1955
        Gairm 11 262
        Ma chì thu faoileag ghlas odhar ag itheadh cairbhe comhla ris na fithich is na starragan faodaidh tu bhith cinnteach gur e farsbag òg a tha innte.
      • 1963
        Gairm 43 340
        Tha grunn math de dh’ ainmean eun ann a thainig bho sheann chainnt nan Lochlainneach, agus a tha air an cleachdadh an Gàidhlig agus mar as trice am Faroese, leithid […] (f)arspag, svartbakur.
      • a1965
        Hebridean Folksongs II 128
        ’S iomadh claidheamh glégheal lasrach, | ’S iomadh targaid fuilteach, stracach, | Chunnaig mo shùil anns a’ chaisteal — | ’S a chuid dhaoine mar na farspaich | ’S gach ian eile thà ’san ealtainn.
      • 1972
        Na Balaich air Rònaidh 73
        Timcheall an Tóbha gu léir tha eòin-chrom is fharsbagan is steàrnagan is eòin-dhubha a’ sgriachail ’s ag éigheachd.
      • 1983
        Gairm 122 126
        Bha corra fhaoileag ’na laighe sàmhach ’na leth-chadal, ach a’ cumail sùil bhiorach a-mach airson cunnart sam bith, a bu chòir a sheachnadh… leithid farspach neo eun-creiche sam bith eile.
      • 1995
        Meall Garbh 16
        Nuair a tha thu a’ streap chreagan | tha d’ inntinn an sàs, gun ghlideachadh, | anns a’ ghnothaich; | cha toir thu cus aire do dh’fhaoileig, | no eadhon do dh’fharspaig, | nas lugha na gu bheil thu a’ sealg òdhrag.
      • 1998
        Gairm 182 167
        Thuirt am fear a lorg Coinneach gum faca e na ceudan de dh’arspagan a’ sgiathalaich suas dha na speuran le sgaralaich oillteil, ifrinneach.
      • 2011
        Steall à Iomadh Lòn 139
        Aon turas chaidh iarraidh oirnn an Gunpowder Plot a mhìneachadh. Sgrìobh fear de na balaich gu robh spreadhadh uabhasach ann agus gun do chuir e eagal mòr air na faoileagan ’s na farspagan.
    • I.2. A young (black-backed) gull in its first year.  

      • a1939
        Dwelly Appendix (1991) 15
        Arspag s.f. 2 (DMK), The gull in its first year, before it has attained its full plumage, when it is known as faoileag-mhòr-an-sgadain.
      • a1939
        Dwelly Appendix (1991) 78
        Farspag, (DMK), s.f. Great black-backed gull in the first year of its age. West coast of Ross-shire.
    • II. With a modifier.
    • II.1. With beag adj.: the lesser black-backed gull.  

      • 1886
        Transactions of the Gaelic Society of Inverness XII 88
        Lesser black-backed gull. […] Sgaireag, Farspach-bheag, Faoileag-bheag (Grey).
      • 1955
        Gairm 11 262
        ’S e an fharsbag an fhaoileag mhór leis na sgiathan dubha. Tha rithist anns an teaghlach sin, an fharsbag bheag, le ’sgiathan dubha cuideachd, agus i car nas lugha.
      • 1955
        Gairm 12 354
        De na h-eòin a dh’ainmich mi tadhailidh an fharsbag bheag, an gobhlan-gaoithe, a’ chuthag, an steàrnag, an sùlaire, ’s am fasgadair san eilean as t-samhradh.
    • II.2. With mòr adj.: the greater black-backed gull.  

      • 1955
        Gairm 11 262
        ’S iomadh gìomanach a thill dhachaidh le ’ghunna lom is abharsaic falamh a’ cur coire air a’ ghuilbneach no air an fharsbaig mhóir.