dualchas n.m.
[eDIL dúalgas]
forms
singular
nominative
- a1693
- a1707
- 1776
- 1776
- 1792
- 1792
- 1829
- 1868
- 1891
genitive
- 1776
- 1880
- 1917
dative
- 1776
- 1829
- 1987
plural
nominative
- 1918
dative
- 1956
senses
I.1. Classical Gaelic Birthright, rightful due, what belongs to a people.
- a1707in Gaelic Songs of Mary MacLeod (1934) 106
O fhuil Leoid lór do ceileadh | d’a saoitheacht, d’ ar sáir-cheineal; | ’s gach gnás budh dualghus do’n druing.
I.2.a. Character, disposition or nature inherited from one’s ancestors; the legacy attributable in descendents to the nature of the people, ethnicity or race from which they are descended; the shared characteristics belonging to a genetically related group, breed or species; hereditary ties. Cf. dùthchas n.I.3.a.
Chiefly in a possessive or prepositional construction; also without construction or with the definite article.possessive/prepositional
- ?c1695Duanaire Colach (1997) 20
Ach a Thighearna Chola, | Fhuair thu an onair-s’ bu dual duit: | Tha thu shliochd nam fear gasda | Nach bu tais an àm cruadail. | Cha tug òr ort no eagal | Gun seasamh ri d’ dhualchas. - 16..-17..MacLean Poets (1979) 92
A shliochd Ghill-Eathain na Tuaighe | Bu mhór ainm ann an cruadal, | Cha bhi cuimhn’ air bhur dualchas nas mò. - a1812Orain Dhonnchaidh Bhàin (1978) 370
Na h-Urchaich eireachdail | [...] | ’S iad buadhmhor iomairteach | ’S cha dualchas giorag dhaibh, | ’San ruaig cha tilleadh iad, | ’S gur cruaidh le ’n lannan iad. - 1829
- 1880Mackellar Poems and Songs 45
’S math leam agad a’mhaighdeann, | Bho’n ’s i daoimein na tìr’ i; | [...] | Sùil mar dhearcaig a’ bhruthaich, | Falt mar fhitheach nam mòr-bheann; | [...] | ’S i a’ dearbhadh a dualchais | Ann a gluasad gu còmhnard. - 1893Dain Iain Ghobha I 78
Ma thig an t-oibreachadh grasmhor mu ’n cuairt, | S gu ’m faigh mi fuasgladh o m’ dhualchas ri Adh’mh, | Ciod am beannachadh àdhmhor us nuadh, | A theid a dhortadh a nuas orm o ’n aird? - 1894Mac-Talla II No. 33. 1
’S taitneach a bhi cluinntinn gu bheil uaisleàn òga teaghlach Sgèaboist a leantuinn ri ’n dualchas ann a bhi dileas d’ an cainnt ’s d’an dùthaich. - 1944-46Hay Collected Poems 135
Feuch an dèan sibh druid den steàrnal; | feuch an claon sibh dualchas nàdair. - 1950Chì Mi (2001) 236
Oran na Rocaid | [...] | Ach cha do ghabh e eagal | Ged bha fead aice mu chluasan - | ’S ann Ceilteach a bha dhualchas, | Fuil uasal nan sàr. - 1971Tìr an Aigh 179
Càite? Càit’ am faigheadh i e [sc. a h-inntinn làidir] ach o fhuil a sinnsirean, dualchas a dùthcha, dìlseachd do shliochd nan Stiùbhartach, rìghrean dligheach Alba. - 1990An Neamhnaid Luachmhor 206
Bidh ’n eaglais ga chaoidh san linn seo againn | Gu ’n sìn sinn uile fon làr, | Gu ’n crìochnaich ar cuairt mar shluagh na cruinne — | ’S e ’n dualchas dhuinne bhith geàrr. - 2000Smuaintean fo Éiseabhal 32
Cha chuireadh teas no fuachd orra [sc. eich Èirisgeigh], b’ e an dualchas bhith treun. - 2006Dìleas Donn 61
Thug i sùil mun cuairt air na fireannaich a bha staigh [san eaglais]. Chunnaic i iad airson mionaid mar dhaoine gun bheachdan dhaib’ fhèin: dìblidh, umhail do rud nach buineadh dhan fhìor dhualchas aca. - a1707in Gaelic Songs of Mary MacLeod (1934) 90
Mac Ruairidh reachdmhoir, | Uaibhrich bheachdail, | Bu bhuaidh leatsa, | Dualchas farsaing, | Snuadh ghlaine pearsa, | Cruadal ’s smachd gun eucoir. - a1714An Clàrsair Dall (1970) 42
Maille ris gach suairceas | bha fuaighte ri ’r gnè | tharraing sibh mar dhualchas | an uaisle ’nur cléith. - 1786Gillies Sean Dain 97
Dh’éireadh fir Mhuile le éibhe nan cluinneadh iad, | Dh’éireadh iad uile gu h-urranta làidir; | Dualchas a chumadh iad, gualainn re uileann iad. - 1872An Gaidheal I 293
’Se dleasnas a’ Chomuinn seo, agus gach uile neach eile aig am bheil dualchas agus duthchas ’nan cridhe, an aire a thoirt gu’m bi An Gaidheal [sc. an iris] laghach seo air ’eiridinn, agus air a chuideachadh, agus air a chumail suas! - 1881Clàrsach na Coille 89
’Nis bho ’n tha ar ceannard smachdail | Reachdmhor, làidir, | Mar bu dualchas da bho shinnsreadh | ’S mar a b’ àbhaist. - 1918An Solaraiche 105
Ach os barr cumhachd duanachd a ghleusadh, [...] tha dualchasan eile faicsinneach le bhi rannsachadh na dileib prìseil chaidh fhàgail againn leo [sc. Donnchadh Bàn agus Alasdair Mac Mhaighistir Alasdair]. - 1944-46Hay Collected Poems 152
Ciod e a th’annainn, a chlann mo dhùthcha? | [...] | Ciod e tha an dualchas is an dùthchas? | Cainnt is eachdraidh, snàth nan glùinean, | na ginealaich druim air dhruim a’ cùrsachd, | a’ casruith a chèile cleas nan sùghan. - 1868An Duanaire 16
Guma slàn a thig e dhachaigh, | Oighr’ Iain-òig Mhic-a’Phearsain, | An caiptein ’tha ’n arm Chlann-Ailpein. | Ma bheir e an dualchas o ’athair, | Eighear a-mach air thùs feachd e. - 1958Gairm 25 52
Their iad an so: “Is dual do mhac a ròin dhol thar a shròin chun na mara”—agus mar sin cha robh mi fada gus an do nochd mi an dualchas. Agus cha do chuir cur na mara dragh orm. - 1969Dòmhnall Ruadh Chorùna 58
Ach cuilean a’ chuain | Gu robh ’n dualchas ’na fheòil, | ’Ga taomadh ’s ’ga fuaradh | ’S ’ga ruagadh fo seòl, | Gun eagal gun fhuachd air, | Cho cruaidh ris an òrd.
I.2.b. Heredity, genetic inheritance; an inherited physical characteristic.
- 1899Mac-Talla VIII No. 2. 7
An duine gasda, tha mi an dochas gur ann bho dhualchas a tha a cheann liath, agus nach ann le aois no briste cridhe. - 1976Bith-Eòlas 38
’Se am feallsanach ainmeil Sasunnach, William Bateson (1861–1921), a thug genetics mar ainm Beurla air rannsachadh dualchais. - 1976Bith-Eòlas 81
’Se SDN a tha a’ giùlan fiosrachadh dualchais anns gach fàs-bheairt as aithne dhuinn an diugh, anns a bheil aon no barrachd air aon chealla. - 1983Saoghal Bana-mharaiche (2007) 170
Bhathas a’ làn chreidsinn gun robh teaghlach ann am Baile a’ Chnuic dom b’ ainm Pàisteanach (muinntir Patience ann am Beurla) nach gabhadh am bàthadh a rèir dualchais seach gur ann de shliochd na maighdinn-mara a bha iad. - 1993Gairm 164 319
Nam bitheadh nàdur na braide neo nàdur iadaich air a chur às leth sinnsirean bha iad am beachd gum bu dual na buadhan sin don sliochd. […] Ach cha robh guth aig Màiri neo aig Iain air dualchas nuair a phòs iad is iad le chèile na b’eòlaiche air computers na air sloinntearachd.
I.2.c. A person’s nature or disposition as shaped or changed by a life experience.
- 1786Gillies Sean Dain 125
’S tu leagh mo shnuadh ’s mo bhlàth, | O chuaidh do ghaol air fuaradh orm, | Cho dualchas dhamh bhi slan.
I.2.d. In extended use in the plural: Personality traits or characteristics shared by a group or profession.
- 1956Gairm 18 121
Ma bha duine riamh làn de dhualchasan sgiobairean Mhic a’ Bhruthainn, tha an Iòsag dhiubh sin — aoidheil, bàigheil, calma, agus cho earbsach ’s a tha an Cuan Sgìth domhainn.
I.3.a. The place in which a family or people has been settled for generations; native place; inheritance. Cf. dùthchas n.I.1.a.
- a1693Lamh-Sgrìobhainn Mhic Rath (1923) 210
Scha chell mi mir choūhle hūhird quyd yeen eoylsh Nach reackig i doūyhlchis [MacFarlane (1923) 211 dualchas] er saint. - 1786Kennedy Co’ Chruinneachadh Laoidhe 96
An sin labhair an t Athair ris, | [...] | “Im’ich o’m gharradh gu luath, | Dean do ghluasad fea’ nan tom; | Dean t aran le follas do ghruaidh, | As an dualchas tha fui’d bhonn”. - 1804Stewart Cochruinneacha Taoghta 460
Craobh Rioghail nan Stiuartach, | Craobh a’s maisiche geugan, | Tha ri fhaotuinn san uair so, | Ged chaidh ’n Stoc aic a bhearradh, | ’S a charadh o dhualchas. - 1813Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha 92
Tha mo chridhse ciùirte, | Cha dean mi sugradh ri m’ bheò; | O ’n dh’ fhalbh ceannard na ’n uaislean, | Oighre dualchas an Tròim. - 1860Filidh nam Beann 46
’S iomadh linn bho n’ fhuair iad còir | Air a’ bheinn is bòidhch’ r’a faicinn; | ’S cho’ fhad’ ’s a ruitheas uillt gu cuan | Bidh an dualchas ud aca. - 1872An Gaidheal II 358
Tha mòr-chliù air Triath Chluainidh, | Chionn e ’ghleidheadh an dualchais mar bhà, | ’S nach do chuir e air fuadach | Aon teaghlach de’n t-sluagh ’tha f’a sgàth. - 1891Nic-a-phearsoin Dàin agus Orain Ghàidhlig 150
Chan ’eil bileag ghorm no uaine, | Far ’n robh dualachas mo sheanar, | Leis na bric tha snàmh fo’n chuan, | Nach d’thug iad uainn, a dheòin no dh-aindeoin. - 1987Gairm 147 205
’S dòcha gu bheil oighreachd mhòr aige mar dhualachas agus gun gabh e ainm a sheanar, neo cuideigin dhe shinnsre airson sloinnteireachd a chumail beò.
I.3.b. In the genitive singular modifying a noun: Of or belonging to one’s ancestors, of one’s birth. Cf. dùthchas n.I.1.b.
- 1898Leabhar nan Gleann 68
’S cruaidh ri innseadh | An nì chur crioch air t-uaisle, | Plàigh nan Innse a bhi strì riut | Fad o thìr do dhualchais.
I.4.a. An established practice or custom handed down through generations, a tradition; the established practices or customs collectively making up the distinctive way of life of a people, a culture. Cf. dùthchas n.I.4.
- a1812Orain Dhonnchaidh Bhàin (1978) 234
Chunnaic mi ’n diugh a’ chlach bhuadhach | ’S an leug àlainn, | Ceanglaichean de ’n òr mun cuairt dhi | ’Na chruinn mhàille; | Bannan tha daingean air suaicheantas | Mo chàirdean, | A lean gramail r’ an seann dualchas | Mar a b’ àbhaist. - 1831Co-chruinneach Dh’Orain Thaghte Ghaeleach 156
Bith cho math s do gheall dhomhs, | S coirda sinn nor dualchas, | On tha sinn cho fad comhla, | S am pos a bhi mar chruai shnaim oirn. - 1850Focail air Turus na Ban-rìgh 7
Cas a shiughal nam fuar-bheann, | Le do ghunna mar bu dualchas, | ’S tu nàmhaid an ruadh-bhuic, | Choilich-dhuibh anns an dùbhradh, | ’S eilid bhinneach nam fuaran. - a1866Clàrsach nam Beann (1937) 125
Chleachd Clann nan Gàidh’l ’san tim o shean | Rann-brosnachaidh ’n àm bualadh dhaibh | Am bad an nàmh: Tog ort, mar sin, | Is ùraich dhuinn an dualchas ud. - 1917An Ròsarnach II 115
Mar sin ge b’e air bith na cumhachdan bho ’n taobh am muigh air am feum sinn beachdachadh an déidh so a dhùisg suas clàrsach Uilleim Ros, bha fréumh an dualachais a’ toirt binneis agus loinn do theudan a chlàrsaich. - 1956Gairm 18 107
Chùm móran de na chaidh air imrich cuimhne air an dualchas, agus chuir iad ris cuideachd. - 1959Gairm 28 378
Ann an deich duilleagan fichead no mar sin tha e a’ toirt ruith thairis air na suidhichidhean as an do shnìomhadh ’s an do shnaigheadh dualchasan nan daoine mu am bheil e a’ dol a bhruidhinn. - 1971Gairm 77 85
Chì sinn nach robh leisg sam bith air na Ceiltich o shean a bhith a’ taghadh ’s a’ snìomh a-steach do’n dualchas fhéin nithean o’n t-saoghal a-muigh. - 1972Aitealan Dlù is Cian 51
Tha na sailm, air an seinn mar sud, ’nam pàirt de ar dualchas mar shluagh na Gàidhlige, air an toinneadh nar n-aignidhean. - 1987A’ Ghaidhlig anns an Eilean Sgitheanach 5
Airson taic a chumail ris na tha air a dheanamh gus na Gaidhlig a bheothachadh san Eilean Sgitheanach, feumar dualchas an Eilein chumail beo: a-measg sin tha piobaireachd Clann MhicCruimein, orain Mairi Mhor, bardachd Shomhairle MhicGilleathain agus an ceol aig Run-Rig. - 1990Gairm 153 89
An-dràsda, tha sgoilearan thall ’s a-bhos a’ cur cudthrom air an dàimh a tha eadar an dà dhualchas [sc. dualchas na Gàidhlig agus dualchas na Beurla Ghallda], agus a’ cur nan sgaraidhean an dara taobh. - 1995Not an Orchid 231
Tha e doirbh a bhith ro dhòchasach ann an suidheachadh far a bheil seann fhriamhaichean a’gheama air crionadh chun na h-ìre is gum bheilear a’meas ball-coise mar an dualchas agus iomain mar an coigreach. - 2003Bile na Gàidhlig [no page number]
San Achd seo [...] tha “cultar na Gàidhlig” a’ ciallachadh dualchasan, beachdan, smuaintean agus dearbh-aithne a tha coitcheann dhaibhsan a tha a’ labhairt no a’ tuigsinn na Gàidhlig. - 2019Seòl Mo Bheatha 265
Cò a chreideadh gun rachadh fhàgail ann an Tiriodh agus gum biodh e na mheadhan air croit is teaghlach nan Dòmhnallach, agus an dualchas Gàidhealach acasan, a chumail beò?
I.4.b. The style or established practices of a genre, or field, the established tradition of poetry, music, etc.
- 1968Gairm 63 205
Gu feum bàrdachd Ghàidhlig an lath an diugh a bhith bointinn ri cuspairean eadar-nàiseanta, […] uaireannan feumaidh na bàird, mar thoradh air a so, bristeadh air falbh o’n dualchas, no co-dhiù dualchas ùr a dheachdadh stéidhichte air an t-seann fhear. - 1968Gairm 63 91
Cha robh e ann an dualchas na seann bhàrdachd Ghàidhlig a bhith cur sìos air uaislean is uachdarain, ’sann a bhidhte gun sgur gun sgìos gam moladh. - 1970Gairm 73 24
Chan e “dealbhan” a th’annta seo ann, ann an dòigh, ach recòrdadh-camara air leabhar no dealbh-chluich. ’Sann ann an dualchas a’ leabhair agus chan ann an dualchas an cinema a tha na reumhaichean aca. - 1975Gairm 91 210
Chan e òrain air an seinn anns an t-seann nòs, no beul-aithris, a tha air uairean lag, anfhann, toiseach is deireadh ar dualchais, tha móran a bharrachd air seo de sheudan ann an seotail na ciste. - 1976Gàidhlig ann an Albainn 18
’Se rud cho feumail ’s a b’urrainn an t-oideachadh-coitcheann [...] a dheanamh gun cuireadh e an sùilean luchd na Gàidhlig gu bheil e an aghaidh dualchas lagha Bhreatainn gu feumadh duine sam bith a tha nas fhileanta an aon chànan e fhéin a dhìon an cùirt ann an t’éile dìreach airson gur e sin as goireasaiche do luchd-dreuchd na cùrtach. - a1983Saoghal Bana-mharaiche (2007) 129
Leigheas airson foinneachan [...] Am measg chungaidhean-leigheis eile a bha rim faighinn anns an dualchas, b’ àbhaist do dh’fuil muice agus stuthan den t-seòrsa a bhith gan cleachdadh. - 1985Gairm 132 331
’Se an rud a bha comharraichte dhòmhsa an latha ud cho duilich ’s a tha e dualchas mara Bhreatainn a chumail beò fa chomhair dhaoine.
- II. In sense I.2.a. and I.2.b. above in set phrases or proverbial use.
II.1. Thèid cuilean ri dualchas; thèid dubhag ri dualchas a child will inherit characteristics from its parents; cf. English ‘the apple doesn’t fall far from the tree’.
- 1881Nicolson Proverbs 364
Theid dubhag ri dualchas. The swarthy girl takes after her blood. Al. Theid cuilean ri dualchas. - 1900Mac-Talla IX No. 24. 185
Nach ’eil iad mar bu dual dhaibh. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh, ‘Theid cuilean ri dualchas’.
II.2. Thèid dualchas an aghaidh nan creag literally ‘heredity will go against the rocks’ one’s disposition or inherited characteristics will dominate one’s personality or actions; cf. English ‘blood will out’. Cf. dùthchas n.II.1.
- a1899Carmina Gadelica II (1900) 79
A Gaelic proverb says:—‘Sgoiltidh an dualchas a chreag’—heredity will cleave the rock; and again:—‘Theid dualchas an aghaidh nan creag’—heredity will go against the rocks. - 1957Gairm 22 181
Bha i a’ creidsinn mar a bha muinntir a’ bhaile gu lèir, gun deidheadh dualchas an aghaidh nan creag is gun tigeadh an nì a bha ’n dàn là no là-eigin. - 1970Bàrdachd á Albainn Nuaidh 60
“Rathad Mhóirnis do Chill Fhionncháin,” agus “théid dualchas an aghaidh nan creag.” Tha an dà sheanfhacal sin fuaighte ri Clann Mhic Mhuirich [...] a dh’aindheoin gach allabain a chuir iad as an déidh, lean dualchas na bàrdachd riutha a h-uile ceum eadar mhuir is mhonadh. - 1982Air Mo Chuairt 88
Abraidh mi gun téid dualchas an aghaidh nan creag, agus gu seas clann nan eilean a’ cur an cinn ri chéile agus an casan an tacsa, agus nach leig iad le aon fon ghréin a’ Ghaidhlig a phutadh an comhair a cùil.
II.3. Thèid duine ri dhualchas seachd uairean san latha literally ‘A man goes to his heredity seven times a day’ one’s inherited characteristics will dominate one’s personality or actions.
- 1975Am Fear Meadhanach 6
Tha iad ag ràdh [...] gu bheil an duine a’ dol ri dhualchas seachd uairean anns an latha; agus cha b’e na diadhairean, na fir-teagaisg agus na lighichean a-mhàin, anns an robh m’ athair a’ deanamh uiread de dh’ uaill, a bh’anns an teaghlach againne. - 2004Tocasaid ’Ain Tuirc 94
“Am bi sibh ri bàrdachd?” ars an Sgeilbheag. “Bithidh, a bhalaich, nuair a leigeas an drip dhomh,” arsa Cailean. “Bàrd ainmeil a bha nam athair, ’s thèid duine ri dhualchas seachd uairean san latha, gun fhiosta dha fhèin”.