ròcais n.f., ròcas n.m.
forms
singular
nominative
- 1741
- 1786
- 1792
- 1890
- a1890
- a1899
- 1923
genitive
- 1836
- 1871
- 1879
- 1880
- 1990
dative
- 1792
- 1811
- 1851
- 1901
dual
nominative
- 2006
genitive
- 2015
dative
- 1967
plural
nominative
- 1838
- 1841
- 1899
- 1994
genitive
- a1779
- 1786
- 1890
- 1913
- 1920
- 1994
dative
- 1894
- 1899
- 1994
senses
- 1741
- a1779Songs of John MacCodrum (1938) 66
Ceòl tha cho sgreataidh | Ri sgreadail nan ròcas, | No iseanan òga | Bhiodh leointe chion bhìdh. - 1786
- 1838Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich 93
Caithrisibh n-’ur sneipean oga re seal mus spion na faoileagan no na rocaisean iad a naird ann an sireadh na’n cnuimheagain. - 1875An Gaidheal IV 179
Tha e ’n a ni ro chinnteach gu’m bheil bàs am fagus an uair a chluinnear ùlfhartaich chon air an oidhche, no ma chithear ròcas, no pitheid ag itealaich, agus a’ leúm air mullach an tighe. - 1890An t-Eileanach 188
’N uair théid mi na ’m chabhaig, ’s e ’n t-searbhag iad, | An gamhain cha chumar o ’n arbhar e, | Cho fad ’s a bhios mise le srann-bholg, | A’ cumail air falbh nan ròcais. - 1920An Deo-gréine XV No. 11. 169
Aon uair ’s gu’n ruig thu na crìochan Gallda, cha bhi thu ach mar bhalbhan, ’s nach téid fuaim ann ad chluais ach rud a bheir á d’ chuimhne—gorracail nan rocais air maduinn fhoghair. - 1926Am Bàrd 43
Chan ’eil na ceàird a tha a nis a’ tighinn mu ’n cuairt cho ealanta idir ris an t-sean seòrsa. Chan ’eil grinneas no binneas annta — agus airson an cuid ciuil, bu cho taitneach le neach sgreadail nan ròcas ris. - a1932Na Baird Thirisdeach 390
Mu nead [sc. na h-uiseig] ’s an ioslachd cha mhill an rocais, | Oir chan eil coill ann gu foill a chomhdach. - 1955Gairm 12 356
Buinidh am fitheach, agus trì eòin eile, an ròcas, an starrag agus a’ chathag (daw), a tha fuireach no a’ tadhal san eilean, do theaghlach na feannaig (crow). - 1965Gairm 50 127
Thug fear biorach a bha air mo bhialaibh, is luideag uaine mu amhaich, sùil orm ceart mar a bheireadh ròcais air seilcheag ’s i a’ miannachadh an ceann a spadadh dhith. - 1990Gairm 152 331
Tha cuimhneam uair a bhith ’g èisdeach pìobaire ainmeil air rèidio a’ feuchainn ri port a chur an canntaireachd agus guth na ròcais aige. - 1990Coinneach Odhar 47
Chan eil cunntas air duine a bhuineadh do Chlann Choinnich Ròs-a-Chodh a bhith a’ toirt ròcas bàn à coille, ach ’s dòcha gun robh seo a’ beantainn ri rudeigin eile nach bu chòir a ghabhail ro litireil, ’s ged nach eil fhios againn air gur e samhla de ghnè air choreigin a bha ann. - 1992Am Fear Meadhanach 49
Duine beag dubh le fiacail stòrach, sùilean buidhe, falt cho troimhe-chèile ri nead ròcais, agus lèine shrianagach le prìne òir steigt’ tron a’ choilear aice, air cùl na taidh. - 2011Steall à Iomadh Lòn 30
Dh’aithnich mi nach robh gearradh-cainnte air a dhol bàs nuair a thuirt cuideigin rium gu robh RSPB a’ ciallachadh Ròcais, Starrag, Pioghaid agus Bun a’ Bhuachaille.
- I.2. In figurative use.
I.2.a. Used as a derogatory term for a person.
- 1899Mac-Talla VII No. 44. 346
’S beag orm iadsan a bhios ag ràdh bàird riutha fhéin, ’n uair nach sloinnear iad a measg nam bàrd le daoin’ eile. Cùl mo laimh ris na ròcais lonach. - 2006Shrapnel 77
Bha an dà ròcais aig a’ bhòrd ri mo thaobh a’ blastadh orra gun abhsadh. Agus bha mòran casdaich eatarra agus còmhradh sgòrnanach mu varicose veins agus lighichean gun fheum.
I.2.b. A person with a harsh and unmusical voice.
- 2008Cleas Sgàthain 98
Bha feadhainn dhiubh siud [sc. den bhuidhinn-seinn] cho trang a’ snàmh anns an tlachd agus an toileachadh a bha iad a’ faighinn às an guthan fhèin is nach mothaicheadh iad gu bràth an e ròcais no uiseag a bha rin taobh.
- 2000Smuaintean fo Éiseabhal 62
Cha b’e seann daoine riaslach | Bu mhiann leam air chluasaig | Ach òganach ciatach | A chumadh rian air mo bhuaidhean, | ’S a thigeadh dhachaigh Di-Haoine | An déidh a shaothair a bhuannachd | ’S a chuireadh ceud not air a’ bhòrd dhomh — | ’S chan e ròcais na truaighe | A tha aig Step!
With ceann n.: a rook’s head in figurative use symbolising the ordinary, disfavoured thing left behind in comparison with iteagan bòidheach air na h-eòin as fhaide às ‘fair feathers on the birds farthest off’ (i.e. ‘grass greener on the other side of the hill’).
- 1961Gairm 38 169
Tha e ann an inntinn mac an duine, anns a h-uile dùthaich, gu bheil iteagan bòidheach air na h-eòin as fhaid as, agus chan eil e air a dhòigh an-uair nach lorg e ach an ceànn ròcais a dh’ fhàg e as a dhéidh ’na dhùthaich fhéin.
- III. With a modifier.
III.1. With aosta adj.: an old, diseased or disabled rook.
- a1899Carmina Gadelica VI (1971) 119
Late in autumn rooks, from no one knows where, congregate in large flocks and spread over the fields from which the crops have been removed. Among them are old, diseased and disabled birds which are unable to follow their comrades. These are called ròcais aosda, ròcais ruideach (luideach?), ròcais leibideach, na leibidein, aged rooks, ragged or straggling (?) rooks, contemptible rooks, the contemptibles.
III.2. With leibideach adj.: an old, diseased or disabled rook.
- a1899Carmina Gadelica VI (1971) 119
Late in autumn rooks, from no one knows where, congregate in large flocks and spread over the fields from which the crops have been removed. Among them are old, diseased and disabled birds which are unable to follow their comrades. These are called ròcais aosda, ròcais ruideach (luideach?), ròcais leibideach, na leibidein, aged rooks, ragged or straggling (?) rooks, contemptible rooks, the contemptibles.
III.3. With ruideach adj. or perhaps luideach adj.: an old, diseased or disabled rook.
- a1899Carmina Gadelica VI (1971) 119
Late in autumn rooks, from no one knows where, congregate in large flocks and spread over the fields from which the crops have been removed. Among them are old, diseased and disabled birds which are unable to follow their comrades. These are called ròcais aosda, ròcais ruideach (luideach?), ròcais leibideach, na leibidein, aged rooks, ragged or straggling (?) rooks, contemptible rooks, the contemptibles.
- IV. In sense I.1. above in phrases.
IV.1. Cho bochd ris an ròca(i)s literally ‘as poor as the rook’.
- 1897
- 1901
IV.2. Cho dorcha ri sgiath na ròcais literally ‘as dark as a rook’s wing’.
- 1880
IV.3.a. Cho dubh ri ròcais literally ‘as black as a rook’.
- 1851Orain le Gilleaspuig Caimbeul 25
Bu mhise an duine gòrach, | ’N uair phàigh mi crùn cho deònach, | Air ad cho dubh ri ròcais | ’S i ’sgròbadh an fhionnaidh dhiom. - 1891Nic-a-phearsoin Dàin agus Orain Ghàidhlig 139
Rinn iad coileach-òtraich dhiot, | Le itean mòr is stiùir ort, | ’S do cheann cho dubh ri ròcais, | Le do spuir gun bhriòg [sic] gun ghlùinean. - 1894Mac-Talla III No. 16. 8
An aite mànran guth-cuin mo mhathar | ’Se chluinn mi cànran gun suim gun bhridh, | Bho ghràisge neonach cho dubh ri ròcais, | ’S nach ionnan comhradh ri ceol mo chridh.
IV.3.b. Cho dubh ri ite na ròcais literally ‘as black as a rook’s feather’.
- 1970Lus Chrùn 22
Is ann car de’n aon seòrsa gné a bha a bhean. Boireannach beag, caol, glas, le falt stiallach, dubh — a cheart cho dubh ri ite na ròcais.
IV.4. Cho garbh ri ròcas literally ‘as harsh-sounding as a rook’.
- 1876
IV.5. Nas duibhe na sgiath na ròcais literally ‘blacker than a rook’s wing’.
- 1879An t-Òranaiche 102
Cha’n fhaic thu ’n diugh ann ach cìobair stiallach, | ’S gur duibhe ’mheuran na sgiath na ròcais.
IV.6. Masa fìor an ròcas gun do phòs am fitheach ann am bac-mòine, ’s bha e ’n dùil gun robh dithis no triùir aige ’s cha robh aonan idir aige literally ‘According to the rook the raven got married in a peat-bank, and he thought he had two or three and he didn’t have one at all’, a response to children talking nonsense.
- 1976Gairm 96 338
Tha am fear ma dheireadh dhiubh sin [sc. bac-mòine] a’ toirt ’nam chuimhne rabhd a bh’aig mo mhàthair dhuinn ’nar cloinn nuair a thigeadh sinn a-mach le ròlaist aig nach robh bun san fhìrinn: “Masa fìor an ròcas gun do phòs am fitheach ann am bac-mòine, ’s bha e ’n dùil gun robh dithis no triùir aige ’s cha robh aonan idir aige.”
IV.7. Ròca(i)s ga sgeadachadh fhèin le ite(ag)an peucaig literally ‘a rook decorating itself with peacock feathers’.
- 1894Mac-Talla III No. 5. 3
Na bitheadh sibhsa, uime sin, caltach ri ròcas ga sgeadachadh fein le iteagan peucaig agus a toirt a chreidsinn oirbh féin gur iad òranan ’us ceòl na h-Eadailte is fearr air bhur sonsa na òranan ’us ceòl na Gàidhealtachd. - 1923An Deo-gréine XVIII No. 5. 65
Mar a sgeadaicheas ròcuis i féin le itean sgiamhach an choilich pheucaig, sin mar a nochd an duineachan e féin ann an armachd nan gaisgeach.