Skip to main page content

bodach-ròcais n.m.

[bodach n. + ròcais, ròcas n.]

forms

singular

nominative

genitive

  • 1899
    Mac-Talla VII No. 42. 331 A deanadh bodach-ròcais [nom. for gen.].
  • 1997
    Bogha-frois san Oidhche 162 Airson a’ Bhodaich-Ròcais.

dative

plural

genitive

  • 2017
    BBC News Archive 30 August A’ cur suas bodaich ròcais.
  • 2020
    BBC News Archive 13 June A’ togail bhodaich-ròcais agus gan taisbeanadh taobh a-muigh nan taighean aca.

dative

senses

    • 1. A scarecrow. See also bodach-feannaig n., bodach-fhaoileag n., bodach-ròcaideach n., bodach-starraig n.  

      • 1825
        Armstrong A Gaelic Dictionary 915
        Scarecrow [...] Bodach ròcais.
      • 1896
        Mac-Talla IV No. 29. 3
        A bhalaich ort, chunnaic mi mi-fhein ann [sc. anns an sgàthan] bho bhonn gu bathais! Ach ma chunnaic ’s mi nach robh toilichte. Bha mi leis a’ chota-bhiorach mar bhodach-rocais!
      • 1899
        Mac-Talla VII No. 42. 331
        Lìon iad aodach Dhomhnuill deth ’n fhodar, a deanadh bodach-ròcais cho math ’sa sheas riamh air achadh.
      • 1906
        An Deo-gréine II No. 3. 44
        Fo Bhealltain gu Samhainn bhiodh am bodach-rocais aige an oisinn a’ ghàraidh.
      • 1961
        Gairm 37 20
        Cha robh i [sc. an deise] a’ freagairt air, bha i a’ coimhead mar nach robh i far am bu chòir dhi bhith, mar gum faicte aodach ùr air bodach-ròcais.
      • 1972
        A’ Bhratach Dhealrach 30
        Thuit ise, a bha an ceartuair cho àrd stàiteil, ’na torradan air a beul foidhpe, cas sìnte bhuaipe coltach ri bodach-ròcais.
      • 1983
        Gairm 121 66
        Cha deach e às a chuimhne a-riamh an oidhche a gheàrr Iain a bhriogais ’s a sheacaid gus am biodh iad robach, ’s a chaidh athair gu tur às a chiall ris. “Mo mhac-sa a’ falbh mar bhodach-ròcais,” theireadh athair.
      • 1986
        Gairm 136 369
        Ged a chroch mi bodach-ròcais le ad air anns an lios chan eil seo a’ cur eagal sam bith orra [sc. na feannagan] oir tha iad a’ tilleadh gach bliadhna.
      • 1992
        Am Fear Meadhanach 2
        Chì iad gu bheil coilear na lèine flagach mu amhaich, agus gu bheil a dheise a’ crochadh air mar seann dheise-Sàbaid air bodach-ròcais.
      • 2001
        Gairm 194 108
        Thainig Dòmhnall bochd a-mach leth-rùisgte. Bha aodann ’s a cheann ’s a ghuailnean còmhdaichte le dathan nan caorach agus bha feadhainn a’ ràdh gun dèanadh e deagh ‘bhodach-ròcais.’
    • 2. In figurative use.
    • 2.a. A sinister, oppressive or contemptible figure.  

      • 1968
        Sporan Dhòmhnaill 274
        Dh’fhalbh ar sìth air an t-saoghal, | ’S dh’fhalbh ar saorsa ri ’r maireann | An latha leigeadh an t-òrdugh | Gu bodach-ròcais na galladh [sc. Neville Chamberlain] — | E fhéin ’s an gamp! | ’S e bodach-ròcais a thuirt mi, | ’S cha deach dùrd ann am mearachd.
      • 1982
        Creachadh na Clàrsaich 140
        An oidhch’ ud | thàinig am bodach-ròcais [sc. am ministear] dhan taigh-chèilidh: | fear caol àrd dubh | is aodach dubh air.
      • 1982
        Gairm 117 82
        Bha am bàs an sin ’na sheasamh, mar bhodach-ròcais a’ fuadach na beatha. Bha eagal a’ [sic] bheatha air ron bhodach-ròcais, eagal a bheatha air a’ bheatha.
    • 2.b. A thin person.  

      • 1973
        Suathadh Ri Iomadh Rubha 298
        Ré na h-ùine thug sinn aig na tuathanaich […] bha sinn ri faighinn pasgan na Crois Deirg, le biadh agus tombaca, gach seachduinn. Fhuair cnàmhan lom feòl, agus chaidh ar cruth atharrachadh a rithist bho bhodaich-ròcais gu dreach is dealbh choitcheann an duine.